Tuesday 21st April 2015
Tha Fèis Ghallaibh a’ tilleadh Disathairne-sa tighinn leis a’ chiad latha-ciùil aca dhen teirm ùr.
Tha an fhèis a’ tairgse taghadh farsaing de bhùthan-obrach eadar 10m agus 1f ann an Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa air 25mh den Ghiblean agus a-rithist an uairsin air 9mh den Chèitean. Am measg nan cuspairean tha a’ chlàrsach, bogsa-ciùil, drumaireachd, fìdeag, giotàr agus òrain Ghàidhlig. Tha na clasaichean fosgailte do sgoilearan eadar 8 is 18 bliadhna a dh’ aois agus thathar a’ tairgse chlasaichean aig gach ìre comais.
Tha an latha-ciùil a’ cosg £5 an duine agus chan fheumar clàradh ro-làimh.
Airson barrachd fiosrachaidh no gus ùidh a shealltainn nach cuir sibh fios gu Kathryn Cartwright air 01847 831 336 no pkrri@btinternet.com no cuiribh brath thugainn air Facebook/FeisGhallaibh.