fèis dhràma earra-ghàidheal is loch abar

Friday 1st May 2015

Bidh sgoilearan bho air feadh Loch Abar is Earra Ghàidheal a’ tighinn còmhla aig 1.00f Dimàirt 5 Cèitean airson feasgar de dhràma Ghàidhlig a thaisbeanadh ann an Tallaichean a’ Chorrain, an t-Òban.

Tha am pròiseact seo a-nise na naoidheamh bliadhna, is bhon uair sin tha air cothrom a thoirt do dh’òigridh na sgìre sgilean ùra ionnsachadh ‘s iad aig a’ cheart àm a’ cur ri chèile dealbhan-cluiche ùra.

Am-bliadhna, ‘s iad na bun-sgoiltean a leanas a tha an sàs sa phròiseact:

Bun-sgoil Achadh na Creige, an t-Òban
Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Ghearasdain
Bun-sgoil Àth Tharracaill
Bun-sgoil Mhalaig
Bun-sgoil Thaigh a’ Cladaich, Dùn Omhain

Tha cuid de sgoiltean a’ cur dà dhealbh-cluiche a-steach don phròiseact am-bliadhna, a’ ciallachadh gum bi 8 dealbhan-cluiche gan taisbeanadh, a’ tarraing air cuspairean farsaing, Iapan, Astràilia agus tionndadh ùr de sgeulachd MhicBeatha.

Tha Dougie Beck, a tha an sàs ann an dràma aig Fèisean nan Gàidheal air a bhith ag obair ann an tòrr de na sgoiltean a tha a’ gabhail pàirt.
“Tha cuid den chloinn a tha a’ gabhail pàirt am-bliadhna air a bhith an sàs bho chuir sinn am pròiseact seo air dòigh airson a’ chiad uair ann an 2006. Tha sinn gu mòr den bheachd gu bheil dràma air leth math airson sgilean farsaing a thoirt do chloinn – labhairt poblach, fèin-mhisneachd, co-obrachadh agus modh nam measg; gach bliadhna bheir e togail dhuinn gum bi iad a’ dol suas don àrd-sgoil agus iad air sgilean ionnsachadh a bhios feumail dhaibh sna bliadhnaichean ri teachd”.

Ged nach e co-fharpais a tha sa phròiseact seo, bithear a’ toirt seachad chuimhneachain bheaga airson saothair na cloinne a chomharrachadh. Bidh pannal de eòlaichean dràma is ealain againn a bheir seachad am beachd air na dealbhan-cluiche.

Gheibhear a-steach don taisbeanadh dràma an asgaidh (ach cuirear fàilte air tabhartasan airgid). Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Chalum Ailig Mac a’ Mhaolain air 01463 225559 no calum@feisean.org

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer