Fèis a’ Ghearrain – Seachdain 2

Ged nach bi Fèisean a’ tachairt san dòigh àbhaisteach aig an àm seo, tha sinn uabhasach toilichte gum bi clasaichean air-loidhne ri fhaotainn bhuapa.  

Bidh na clasaichean an-asgaidh ged a chuireamaid fàilte air tabhartas sam bith gus ar cuideachadh le cosgaisean an cur air dòigh.  Ma tha e comasach dhuibh tabhartas a thoirt dhuinn, ghabhadh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn. 

Bidh Fèis Inbhir Narainn a’ tabhann taghadh de chlasaichean air-loidhne eadar 15-17 an Gearran nuair is àbhaist do na Fèis a bhith a’ tachairt.  Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom àite a ghlèidheadh le bhith leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal. 

Aon uair ’s gu bheil sibh air taghadh a dhèanamh bidh àite air a ghleidheil dhuibh airson Diluain gu Dihaoine.

‘S ann airson clann eadar 8 suas gu 18 bliadhna a dh’aois a tha na clasaichean seo ach bidh Fèis-bheag ann airson clann eadar 5 agus 7 bliadhna a dh’aois.

Clasaichean Maidne – Tro mheadhain na Gàidhlig

10m – 10.30m gach latha

Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Giotàr – Eadar Mheadhanach/Adhartach

Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Feadan – Eadar Mheadhanach/Adhartach

10.20m – 10.50m gach latha

Fèis bheag – Aoisean 5 – 7

11m – 1130m gach latha

Bogsa – Eadar mheadhanach/Adhartach

Giotàr – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Fidheall – Eadar mheadhanach/Adhartach

Feadan – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Seinn – Aois 8+


Clasaichean Feasgair – Tro mheadhain na Beurla

2f – 230f gach latha

Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Giotàr – Eadar-mheadhanach/Adhartach

Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Feadan – Eadar-mheadhanach/Adhartach

2.20f – 2.50f gach latha

Fèis bheag – Aoisean 5 – 7

3f – 330f gach latta

Bogsa – Eadar-mheadhanach/Adhartach

Giotàr – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Fidheall – Eadar-mheadhanach/Adhartach

Feadan – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Seinn – Aois 8+

4f gach latha

Puirt airson aois 12+ – Adhartach

Tadhal air eventbrite airson clàradh agus barrachd fiosrachaidh.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer