Fèis Inbhir Narainn

‘S e buidheann charthannais a th’ ann am Fèis Inbhir Narainn (FIN) is i stèidhichte anns a’ choimhearsnachd  a’ brosnachadh ceòl agus òrain thraidiseanta na h-Alba le bhith a’ tabhann àrd-ìre de theagasg do chloinn bho ochd bliadhna a dh’ aois agus do dh’ inbhich.

Tha FIN a’ cumail an dà chuid chlasaichean leantainneach tro theirm na sgoile agus Prìomh fhèis anns a’ Ghearran gach bliadhna.

Clasaichean leantainneach

Tha an fhèis toilichte taghadh farsaing de chlasaichean a thairgse do chloinn agus do dh’ inbhich gach seachdain tro theirm na sgoile anns na cuspairean a leanas:

Bogsa-ciùil                  
Feadan
Fidheall do chloinn
Fidheall do dh’ inbhich
Fìdeag                      
Giotàr                         
Meur-chlàr                   

Tha clasaichean ann do gach ìre comais. Gheibhear barrachd fiosrachaidh bho Sorcha air an fhiosrachadh shìos.

Cuiribh fios gu

Sorcha 07840  618063

fin@feisean.org.

Gheibhear lorg air FIN air Facebook  no  Twitter 

 

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer