Chaidh Fèis Tìr a’ Mhurain a stèidheachadh ann an 1989.
Thèid Fèis Tìr a’ Mhurain a chumail gach samhradh ann an Uibhist a Deas. Bidh iomadh diofar ionnstramaid ri ionnsachadh aig an Fhèis a bharrachd air seinn, iomain agus dannsa Gàidhealach, agus thèid a h-uile càil a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Bithibh mothachail gu bheil e riatanach gu bheil comas aig do phàiste Gàidhlig a leantainn ann an clas.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Ceiteag NicDhomhnaill a’ cleachdadh an fhiosrachaidh aig taobh na duilleige no coimheadaibh ri duilleag Facebook na Fèis.