Bidh Fèis an Earraich a’ cumail na Fèise aca aig àm na Caisge gach bliadhna. Thèid taghadh farsaing de chuspairean an tabhann co-cheangailte ri ceòl, cànan agus cultair nan Gàidheal agus thèid cuid de na clasaichean ri fhaotainn tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh taghadh sònraichte ann cuideachd do dheugairean.
Bidh Cèilear, buidheann dheugairean bho Fèis an Earraich, a’ gabhail pàirt ann an diofar thachartasan anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse tron bhliadhna.
Airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun Fhèis cuiribh fios gu Eilidh NicCoinnich air a’ phost-d aig taobh na duilleige. Tha an Fhèis cuideachd air Facebook.
Tachartasan air fàire:
Prìomh Fhèis
6 – 10 Giblean 2026
Àrd-sgoil Phort Rìgh


