Fèis Eilean an Fhraoich

Chaidh Fèis Eilean an Fhraoich a stèidheachadh ann an 1991.

Thèid Fèis Eilean an Fhraoich a chumail gu h-àbhaisteach san t-seachdain mu dheireadh den Iuchar ann an Àrd-sgoil MhicNeacail.  Bidh fàilte chridheil ro chloinn aois 3 – 18 eadar cròileagan, clas 1-3, am prìomh fhèis agus fèis nan deugairean.  Thèid clasaichean an tabhann ann an seinn, dràma, dannsa Gàidhealach agus iomadach diofar ionnstramaid.

Gheibh sibh fiosrachadh mu dheidhinn Fèis Eilean an Fhraoich bho Pheigi NicIllinnein (fiosrachadh ri fhaighinn aig cliathaich na duilleige).  Tha duilleag Facebook aig an Fhèis cuideachd leis an fhiosrachadh agus na cothroman as ùire tron bhliadhna.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer