Chaidh Fèis Eilean na Hearadh a stèidheachadh ann an 1992.
Tha Fèis Eilean na Hearadh ga chumail sa chiad seachdain den Iuchar ann an Sgoil Sir E Scott san Tairbeart gach bliadhna. Thèid sàr-oideachadh ann an iomadh ionnstramaid a thabhann a bharrachd air seinn agus bithear cuideachd a’ cruthachadh is ag obair le Clò Hearach. Thèid clas sònraichte a riuth far am faigh deugairean a bhios aig an Fhèis a-mach airson sreap bheanntan, seòladh kayak air an loch agus a’ falbh air baidhseagalan tron Ghearradh Chruaidh ann an Steòrnabhagh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Fèis Eilean na Hearadh, coimheadaibh air an duilleag Facebook no cuiribh fios gu DI Macillinnein air dimaclennan@hotmail.co.uk


