Fèis Taigh Dhonnchaidh

Chaidh Fèis Taigh Dhonnchaidh a stèidheachadh ann an 2001, agus chaidh a stèidheachadh gu sònraichte gus goireas a sholarachadh ann an Taobh Tuath Leòdhais airson ceòl, ealain, cànan agus dannsa a theagaisg.

Bidh Fèis Taigh Dhonnchaidh a’ gabhail àite tro shaor làithean na Càisge, ann an Nis ann an Eilean Leòdhais.

Gheibh a’ chlann a thèid ann cothrom iomadh diofar ionnstramaid ionnsachadh, nam measg bogsa-ciùil, mailèidean, feadan, fidheall agus giotàr. Bidh iad cuideachd a’ dèanamh gu leòr seinn Gàidhlig, dannsa Gàidhealach, drama agus ealain. Bidh clasaichean a’ ruith tron bhliadhna cuideachd ann an iomadach diofar chuspair.

Airson barrachd fhaighinn a-mach cuiribh fios gu Mary Anne Duff aig taighdhonnchaidh@outlook.com no coimhead airson Taigh Dhonnchaidh air Facebook.

Tachartasan air fàire:

Tha Fèis Taigh Dhonnchaidh a’ riuth chlasaichean seachdaineil an-dràsta. 

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer