Acadamaidh a’ Mhòid

Gach bliadhna, ann an co-obrachadh leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus leis an ùghdarras ionadail far am bi am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tachairt, bidh sgioba de dh’oidean, fo bhratach Fèisgoil, air a bhith a’ tadhal air na sgoiltean far a bheil an luchd-teagaisg agus a’ chlann airson òrain agus bàrdachd Gàidhlig ionnsachadh gus pàirt a ghabhail anns a’ Mhòd.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich aig eilidh@feisean.scot no 01463 225559.

Dealbh le Jamie Simpson

Mòd Ghlaschu 2026

Thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna a chumail ann an Glaschu eadar an 9mh agus an 17mh den Damhair. Thèid Mòdan ionadail a chumail air feadh na dùthcha ron a seo, agus thèid Mòd Ionadail Ghlaschu a chumail anns an Ògmhios 2026.

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ tabhann cothrom do sgoiltean ann an Glaschu far a bheilear ag ionnsachadh Gàidhlig mar cànan (L1, 2 neo 3) taic fhaighinn le òrain agus pìosan bàrdachd bho oide Fèisgoil. Tha seo saor an-asgaidh do chlann a tha an dùil pàirt a ghabhail sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna.

Tha goireasan taic a leithid clàr-eagair, riaghailtean agus stiùireadh airson Mòd Ghlaschu 2026 ri lorg gu h-ìosal:

Ma tha sibh a’ lorg barrachd fiosrachaidh mun Mhòd Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna, rachaibh gu làrach-lìn Mòd Ghlaschu 2026.

Ceann-latha Iarrtasan

Is e Là na Sàbaid 31 An Cèitean 2026 an ceann-latha airson iarrtasan don Mhòd, agus gheibhear cothrom clàraidh air-loidhne aig https://enter.ancomunn.co.uk.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer