’S e pròiseact tèater do chlann òga a th’ ann an Hùb Hàb a th’ air a lìbhrigeadh tron t-seirbheis Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal.
Chan urrainn dhuinn gach taisbeanadh a thoirt do gach sgoil Ghàidhlig ach tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall tadhal air a’ chuid as motha de sgoiltean as urrainn dhuinn anns gach cuairt agus cothrom a thoirt do dhiofar sgoiltean gach bliadhna.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Hùb Hàb, cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot.
2026: Hùb Hàb air an Tràigh
Bidh Hùb Hàb air chuairt a-rithist bho 24 An Gearran 2026 is taisbeanadh na bliadhna a’ deasachadh dhaoine òga anns an ro-sgoil Ghàidhlig agus ann am Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson làithean na bu bhlàithe ri taobh na mara.
Bidh an taisbeanadh eadar-ghnìomhach, Hùb Hàb air an Tràigh, a’ togail air na rudan iongantach a tha ri fhaicinn agus ri dhèanamh aig a’ chladach a leithid lorg eòin agus chreutairean-mara, iasgach, seòladh agus snàmh, is mar a chumas iad sàbhailte ‘s iad air oir na mara.
Is i Sinead Swann a bhios a’ cluich Hùb Hàb am-bliadhna, ‘s i air tighinn air bòrd aig FnG airson a’ chiad turas anns a’ bhliadhna-sgoile 2025-26 mar oide Blasad Gàidhlig do sgoilearan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd. Thuirt i: “Tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris an turas a thòiseachadh ann an Druim na Drochaid ‘s cur-seachadan spòrsail Hùb Hàb a thaisbeanadh sna sgoiltean, gu h-àraidh Bun-sgoil Chnoc na Creige, an t-seann sgoil agam fhèin ann am Baile Dhubhthaich.”
Bidh an taisbeanadh air thuras feadh tìr-mòr na Gàidhealtachd is e a’ tadhal air còrr is 140 sgoilear ann an 8 bun-sgoiltean agus sgoiltean-àraich gus briathrachas ùr a theagasg agus a dhaingneachadh dhaibh ann an dòigh-lìbhrigidh a tha làn gluasaid, eadar-obrachaidh, fealla-dhà agus òrain Ghàidhlig sean is ùr a tha furasta a thogail.
Goireasan
2025: Latha Mòr nan Geamaichean Gàidhealach
Ann an 2025 fhuair Hùb Hàb cothrom pàirt a ghabhail ann an Latha Mòr nan Geamaichean Gàidhealach! Thug an turas, a ghabh àite eadar 19 agus 30 Cèitean cothrom do sgoiltean an Eilein Sgitheanaich agus Comhairle nan Eilean Siar pàirt a ghabhail, is mar phàirt den taisbeanadh fhuair Hùb Hàb agus na sgoilearan blasad de latha aig na geamaichean.
Goireasan
2024: Hùb Hàb aig an t-Siorcas

Mhair an turas seo fad ceala-deug bho 13 gu 24 den Chèitean 2024, agus fhuair sgoilearan òga ann an 13 ùghdarrasan ionadail air feadh Alba cothrom a dhol an sàs anns a’ bhùth-obrach eadar-ghnìomhail seo is fhuair cuid aca air sgilean siorcais sònraichte fheuchainn.
Am-bliadhna, chaidh an caractar a chluich le Kit Rodman-Orr, oide, cleasaiche siorcais agus stiùiriche à Comar nan Allt. Bha na sgoilearan òga air an stiùireadh le spionnadh is dealas Kit is dh’ionnsaich iad mu na diofar rudan a chithear aig an t-siorcas.
A’ bruidhinn mun turas, thuirt Kit: “Bha e na dheagh chothrom dhan luchd-amhairc òga a bhith air am bogadh ann an Gàidhlig tro cheòl, gluasad, agus spòrs sònraichte an t-siorcais.”
Goireasan
2023: Hùb Hàb anns a’ Ghàrradh
As t-earrach bha sinn air leth toilichte gun robh cothrom againn tadhal air sgoiltean ’s sgoiltean-àraich ann am meadhan na dùthcha leis an taisbeanadh as ùire againn, Anns a’ Ghàrradh, far an do chuir Hùb Hàb eòlas air flùraichean ’s fàs an earraich.
Chaidh an turas a chumail eadar 24 Gearran agus 23 Màrt 2023.
Leughar cuid de na teachdaireachdan snoga a sgrìobh sgoiltean mun taisbeanadh gu h-ìosal.
“Thadhail Fèisean nan Gàidheal oirnn le Hùb-Hàb – bha tòrr spòrs agus seinn ann ’s dh’ionnsaich sinn mu fhlùraichean.” – Bun-sgoil Goodlyburn, Peairt
“Bha Hùb Hàb a’ tadhal air Clas 1-3 agus an Sgoil-Àraich an-diugh. Cothrom beagan dràma fhaicinn is òran a chluinntinn. Chòrd e riutha gu mòr. Tapadh leibh.” – Bun-sgoil na Coille Nuaidhe
“Mòran taing Hùb Hàb airson tighinn a chèilidh oirnn feasgar an-diugh. Chòrd e ri C1-4 gu mòr.” – Bun-sgoil Pàirc Whitehirst
“Mìle taing do Hùb Hàb airson a chèilidh oirnn! Chòrd e rinn uile gu mòr agus bha an t-seinn cho àlainn, binn!” – Bun-sgoil Chondobhrait
“Thank you to Hùb Hàb who visited sgoil-àraich as part of Seachdain na Gàidhlig. We had great fun!” – Bun-sgoil Tollbrae
2022: Ri Fuine is Fealla-dhà
’S e film goirid a th’ ann an Ri Fuine is Fealla-dhà a tha ag amas air clann òga ann an sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean Gàidhlig. Rè an fhilm thèid eòlas a chur air Hùb Hàb ’s na thachras nuair a dh’fheuchas i ri beagan fhuine a dhèanamh.
Tha am film corr is 18 mionaid a dh’fhaid ’s thèid 5 òrain a thaisbeanadh ann a th’ air an gabhail le Hùb Hàb (Ceitidh NicPhàrlain) le ceòl-taic bho Pablo Lafuente. Chaidh Ri Fuine is Fealla-dhà a sgrìobhadh ’s a stiùireadh le Aonghas MacLeòid.
Goireasan
- Na h-Òrain – Faclan | Èist
- Cur-seachadan
Hùb Hàb 2021: Cuairt Bheag
’S e film goirid a th’ ann an Cuairt Bheag a tha ag amas air clann òga ann an sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean Gàidhlig. Rè an fhilm thèid eòlas a chur air Hùb Hàb ’s na thachras nuair a lorgas i bogsa draoidheil air starsach an taighe aice.
Tha am film còrr is 18 mionaid a dh’fhaid is thèid ceithir òrain a thaisbeanadh ann a th’ air an gabhail le Hùb Hàb (Ceitidh NicPhàrlain) le ceòl-taic bho Pablo Lafuente. Chaidh Cuairt Bheag a sgrìobhadh ’s a stiùireadh le Aonghas MacLeòid.
Naidheachd – Òigridh air am brosnachadh gus cuairt bheag a ghabhail le film ùr.
Goireasan
- Na h-Òrain – Faclan | Èist
- Cur-seachadan
Òrain Hùb Hàb 2016 – 2020
Chaidh na h-òrain a nochd sna dealbhan-cluiche Hùb Hàb eadar 2016 agus 2020 a chlàradh as ùr le Ellen NicDhòmhnaill gan gabhail. Faodar an coimhead air an t-sianal YouTube againn an seo:


