Dealbh-chluich na Nollaig

A h-uile bliadhna bidh Fèisean nan Gàidheal a’ riochdachadh is a’ dol air chuairt le panto Gàidhlig airson clann bun-sgoile air feadh na dùthcha – ged a chòrdas e ri duine sam bith eadar 3 is 103 bliadhna a dh’aois!  Thèid na dealbhan-cluiche Nollaige seo a lìbhrigeadh tron t-seirbheis Fèisgoil agus tha sinn gu mòr an comain Bòrd na Gàidhlig airson maoineachadh a fhuaras gus na dealbhan-cluich a riochdachadh agus tursan a lìbhrigeadh.

Chan urrainn dhuinn gach taisbeanadh a thoirt do gach sgoil Ghàidhlig ach tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall tadhal air a’ chuid as motha de sgoiltean as urrainn dhuinn anns gach cuairt agus cothrom a thoirt do dhiofar sgoiltean gach bliadhna.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid aig Fèisean nan Gàidheal air angus@feisean.scot.

Panto 2025: Luchlann agus am Bonn Òir

Dealbh le Maree Nicolson Photography

B’ iad Beth Frieden, Grace Morton agus Rachel Kate NicLeòid rionnagan a’ Phanto am-bliadhna is iad a’ sguabadh nan sgoilearan air falbh gu saoghal eile: Bàgh a’ Chàise, far am feumadh luchag òg, Luchlann, fàs geur gus Bonn Òir prìseil a choisinn a sheanmhair aig a’ Mhòd na nighean òg fhaighinn air ais gus a dhachaigh ann an Eilean Feta a shàbhaladh!

Thadhail an dàna-thuras, stèidhte gu ìre air sgeulachd Dick Whittington, air clann ann am FtMG air feadh Chomhairle na Gàidhealtachd, Chomhairle nan Eilean Siar agus Chomairle Bhaile Obar Dheathain gus tlachd, toileachas agus plòigh na Nollaige a thoirt do chòrr is 1,000 sgoilear thairis air an t-Samhain agus an Dùbhlachd 2025.

Cuide ri bhith air thuras ann an sgoiltean, chaidh taisbeanaidhean poblach a chumail ann an Cultarlann Inbhir Nis agus ann an Impact Arts ann am meadhan bhaile Glaschu.

Goireasan-sgoile


Panto 2024: Seocan agus am Bogsa-ciùil

Chaidh an dealbh-chluich air thuras fad ceala-deug eadar 25 Samhain agus 6 Dùbhlachd le taisbeanaidhean aig 20 bun-sgoil air feadh na dùthcha. Fhuair còrr is 1800 sgoilear ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an cothrom an dealbh-chluich fhaicinn ann an 14 ùghdarrasan ionadail. ‘B iad Ava NicFhionghain, Magaidh Ros agus Fearghas Rothach a bha an sàs mar chleasaichean.

A bharrachd air a bhith a’ tadhal air na sgoiltean, chaidh taisbeanadh poblach a chumail aig Cultarlann Inbhir Nis (68 Sràid Acadamaidh) air Diardaoin 5 An Dùbhlachd gus cothrom a thoirt do theaghlaichean is muinntir na coimhearsnachd ga fhaicinn. Chaidh an taisbeanadh poblach seo fhilmeadh gus cothrom a thoirt do na sgoiltean air fad ga fhaicinn ’s chaidh a shruthadh air ar duilleag Facebook cuideachd.

Goireasan-sgoile


Panto 2023: Calum Anndra a’ Chòta Dheirg

Eadar 27 Samhain agus 6 Dùbhlachd 2023, chaidh triùir chleasaichean air an rathad le Calum Anndra a’ Chòta Dheirg, Panto Gàidhlig Fèisean nan Gàidheal a tha stèidhte gu ìre air an sgeul mu Nighean Bheag a’ Chòta Dheirg. B’ e na cleasaichean; Artair Donald (Pròiseact Plòigh, OMC! Shrapnel), Raonaid Cheanadach (An Clò Mòr, The Stornoway Way) agus Fearghas Rothach (Binneas, The Gaelic King) agus rè an turais lìbhrig iad 14 taisbeanaidhean do 20 bun-sgoiltean Gàidhlig, le naoi taisbeanaidhean ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd agus còig taisbeanaidhean ann an sgìre Chomhairle nan Eilean Siar.

A bharrachd air taisbeanaidhean nan sgoiltean, fhuair coimhearsnachd Inbhir Nis cothrom am Panto fhaicinn ann an Eden Court (Seòmar Mhic Illeathain) air Diardaoin 30 An t-Samhain Chaidh an taisbeanadh seo fhilmadh gus cothrom a thoirt do sgoiltean feadh na dùthcha ga fhaicinn ro dheireadh an teirm agus air Diardaoin 21 chaidh a shruthadh air loidhne air ar duilleag Facebook gus cothrom a thoirt do dhaoine feadh an t-saoghail ga fhaicinn is tha e tha fhathast ri fhaicinn an seo.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Phanto agus ar n-obair drama sna sgoiltean, cuiribh fios air Oifigear Dràma, Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot

Goireasan-sgoile


Panto 2022: Fiodhògaidhio agus an Fharpais-chiùil

Tha Fiodhògaidhio agus an Fharpais-chiùil ag innse mu Arturo aig a bheil bùth ionnsramaidean-ciùil a tha ann an cunnart. Tha dèideag cheòlmhor ùr a chruthaich Arturo na adhbhar dòchais dha, ach chan fhada gus an tèid an ceòl air feadh na fìdhle!

Ghabh turas le taisbeanaidhean aig 18 bun-sgoiltean Gàidhlig àite eadar 5 agus 16 Dùbhlachd. Chaidh taisbeanadh poblach a ghabh àite aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis air Diardaoin 8 Dùbhlachd fhilmeadh agus chaidh a thabhann do bhun-sgoiltean Gàidhlig agus àrd-sgoiltean le roinnean Gàidhlig air feadh na dùthcha.

Goireasan-sgoile


Panto 2021: Ùisdean agus am Fìdhlear Seunta

Air sgàth buaidh Covid-19 chaidh an dealbh-chluich Nollaig ùr againn, Ùisdean agus am Fìdhlear Seunta, fhilmeadh is chaidh a thabhann air-loidhne do bhun-sgoiltean Gàidhlig agus àrd-sgoiltean le roinnean Gàidhlig meadhan na Dùbhlachd. B’ iad Ceitidh NicPhàrlain, Pablo Lafuente, Raonaid Cheanadach agus Magaidh Ros na cleasaichean, agus chaidh am film a thaisbeanadh gu poblach air duilleag Facebook Fèisean nan Gàidheal.

Goireas-sgoile


Panto 2020:  Ròs Bhàn agus na Seachd Sìthichean

Tha Ròs Bhàn agus na Seachd Sìthichean ag innse sgeulachd mu Ròs Bhàn agus a’ bhanrigh olc Coronìnag ’s i a’ feuchainn ri casg a chur air spòrs agus toileachas.

Ann an 2020 air sgàth buaidh Covid-19 chaidh an dealbh-chluich Nollaig ùr againn, Ròs Bhàn agus na Seachd Sìthichean, fhilmeadh is chaidh a thabhann air loidhne do bhun-sgoiltean Gàidhlig air feadha na dùthcha.  Chaidh am film a thaisbeanadh gu poblach air duilleag Facebook Fèisean nan Gàidheal agus tha e fhathast ri fhaicinn air an duilleig seo.

Naidheachdan | News: Panto Gàidhlig Air-loidhne Airson a’ Chiad Uair



Panto 2019:  Peadar Dan agus am Mapa-ionmhais

Tha Peadar Dan agus am Mapa-ionmhais stèidhte air Eilean an Òir far an tèid eòlas a chur Peadar Dan agus na thachras nuair a lorgas e mapa-ionmhais seunta air an latha ron Nollaig.  Tha Artair Donald, Anna NicDhòmhnaill agus Alexander MacDhòmhnaill air caractaran gu math èibhinn ‘s tarraingeach a chruthachadh is tha iad a’ tabhann cothroman gu leòr don luchd-amhairc pàirt a ghabhail san dealbh-chluich.

Chaidh turas nàiseanta a chumail eadar Diluain 26 den t-Samhain agus Dihaoine 13 den Dùbhlachd 2019 le taisbeanadh poblach aig an Ironworks air Diardaoin 12 den Dùbhlachd 2019.

Naidheachdan | News: Panto Gàidhlig air Turas Nàiseanta

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer