Tro FèisTV tha Fèisean nan Gàidheal a’ toirt cothrom do dhaoine air feadh an t-saoghail tachartasan fhaicinn beò air an eadar-lìon cho math ri ceòl traidiseanta agus òrain Ghàidhlig ionnsachadh air-loidhne.
Bidh FèisTV ag obair ann an ceithear earrannan:
- A’ craoladh thachartasan bhon tasglann
- A’ craoladh thachartasan air ùr-chlàradh
- A’ sruthadh thachartasan beò air-loidhne
- An t-seirbheis teagaisg ‘Oide’
Bidh Oide a’ tabhann cothrom do luchd-cleachdaidh taghadh de bhideothan teagaisg ro-chlàraichte aig ìrean tòiseachaidh, eadar-mheadhannach agus adhartach bho eòlaichean teagaisg ciùil is seinn. Bidh na ciad leasanan anns gach sreath ri fhaighinn an asgaidh le cosgais air leasanan a bharrachd.
Tha sinn an-dràsta a’ sìreadh thagraidhean bho grunn chunnraidearan tairgsean a chur thugainn gus seirbheisean a thabhann do Fèisean nan Gàidheal, mar a th’ air a mhìneachadh sa phasgan tairgse aig oir na duilleige seo, gus bhideothan de leasanan ciùil is seinn a leasachadh ‘s a chlàradh mar phàirt de dh’earran Oide FèisTV.