Fuaran

 

fuaran logo

 

‘S e pròiseact dualchais a th’ ann am Fuaran a chur Fèisean nan Gàidheal air dòigh gus ginealach ùr de sheinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh gus òrain Ghàidhlig às na sgìrean aca fhèin a rannsachadh agus a chruinneachadh.

Le taic shònraichte bho Bhòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte gu bheil an dàrna shreath de Fuaran air a chasan. Eadar 2018 agus 2019, tha seachdnar òigridh Fèise le Gàidhlig aois 16-25 air a bhith rannsachadh òrain ionadail le bhith a’ cumail còmhraidhean le daoine agus a’ sgrùdadh ghoireasan agus cruinneachaidhean bheul-aithris. Tha sinn a-nise an teis-mheadhan na h-òrain a fhuair iad a chur ann an cruth didseatach agus air làrach-lìn Fuaran.

San eadar-ama, bheiribh sùil air an làrach-lìn ach an cluinn sibh na h-òrain a chaidh a chruinneachadh leis a’ chiad bhuidhean eadar 2014 agus 2016. Tha corr math is 22 dhuibh ann, a’ toirt dhuinn cruinneachadh prìseil de dh’ òrain Gàidhlig:

www.feisean.org/fuaran

 

 

 

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer