A Mhaighdeannan ’s a mhnathan òg – en
Other Areas
22 February 2021
Seachdain 49 – 22.02.21
Gun Urra
Faclan
A mhaighdeannan ’s a mhnathan òg
hò i rì lùi ail o
Hò rò ’s na iùraibh o ho
hò i ri lùi ail o.
An cuala sibh mar dh’èirich dhomhs’
hò i rì lùi ail o
Hò rò ’s na iùraibh o ho
hò i ri lùi ail o.
Steach gu acarsaid na Sròm
Bhris an t-slat is shrac an seòl
Chaidh na croinn dhan chuan mhòr
Chaidh na b’ fhaide bhuam na seòid
Ged tha aon mhac m’ athar beò
Mac mo mhàthar rinn mo leòn
E bhith ’n a’ chuain gun deò
Nach giùlain a cholainn còt’
Nach giùlain a chas a bhròg
Nach giùlain a làmh an dòrn.
’Illean chridheil bitheamaid beò
Gu dè feum a th’anns a’ bhròn?
Cha toir caoineadh daoine beò.
Nan toireadh, chaoininn-sa gu leòr.
Facail bhon t-seinn aig Uisdean MacMhathain.
An t-àite
Tha iomadh àite air feadh na dùthcha air a bheil an t-ainm Sròm, ( m.e. Sròm, An Sròm Dearg, Port an t- Sròim) a’ciallachadh caolas cumhang a bha tric eadar loch agus a’mhuir.
Chaidh an t-òran a thoirt sìos on t-seinn aig Uisdean MacMhathain, Ùisdean Sheumais Bhàin às a’ Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath.
An t-òran
Tha an tè a rinn an t-oran tiamhaidh seo a’ toirt dealbh air mar a chaidh bàta agus an sgioba a bha innte a chall ann an droch mhuir. Bha a bràthair am measg na chailleadh ach a dh’ aindeoin a caoidh tha i a’togail ceist mu dè feum a tha ann am bròn oir “cha toir caoineadh daoine beò.”
Chan eil fios cò rinn an t-òran no càite an deach am bàta a chall.
