Air an Tràigh – en

Western Isles

17 June 2020

le Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach
Seachdain 25 – 17.06.2020

Air a ghabhail le Donaidh Barker

Faclan

B fheàrr gun robh mi ’r ais a-rithist
Coiseachd casruisgt’ air an tràigh
Le mo dhà làimh na mo phòcaid
’S i ri mo thaobh, Anna mo ghràidh.

Bha sinn òg is bha sinn spòrsail
Cluich le sòlas is le gàir
Air a’ mhonadh ’s air an locha
’S measg an arbhair anns a’ bhàthaich.

’S nuair a thig e gu àm feasgair
’G iarraidh crodh shuas air a’ bheinn
’S dèanamh dhachaigh air ar socair
Togail òrain ’s togail rainn.

Bhiodh sinn sgìth nuair nochdadh oidhche
’G òl bainne fuar taobh teine blàth
’S bhiodh sinn gràineil dol dhan leabaidh
Ach a-màireach ’g èirigh tràth.

An t-òran

A reir an leabhar aca Flower of the West – The Runrig Song Book (Ridge Books 2000) cha robh Calum Dòmhnallach ach naoi bliadhna deug nuair a sgrìobh e Air an Tràigh. Aig an àm bha e a’ sgrìobhadh gu leòr ann am Beurla ach b’ e seo a’ chiad turas riamh a sgrìobh e rud sam bith ann an Gàidhlig. Bha làn dhùil aige an t-òran a thoirt dhan chòmhlan-ciùil Na h-Òganaich, còmhlan a thug ùrachadh air ceòl Gaidhlig sna 70an le dòigh ùr air seann òrain a ghabhail agus gu h-àraid le na h-òrain ùra aig a’ bhàrd Murchadh MacPhàrlain. Aig a’ cheann thall bha Calum ro dhiùid airson sin a dhèanamh ach chaidh Air an tràigh air Play Gaelic, a’ chiad chlàr aig Runrig ann an 1978.

Anns an òran tha Calum agus a bhràthair Ruaraidh a’ coimhead air ais air làithean an òige ann an Uibhist a Tuath.

An t-àite

Tha tràighean cho àlainn ’s a tha air an t-saoghal air taobh siar is tuath Uibhist a Tuath. Nam measg tha Tràigh a’ Bhaile Shear agus An Tràigh Bhàn, Tràigh Stìr, Tràigh Bhàlaigh, an Tràigh Iar ’s an Tràigh Ear, Tràigh Hornais is Tràigh Lingeigh. ’S beag an t-iongnadh gu robh iad cudromach dha na bràithrean òga agus dha Calum Mac an Tòisich (Calum Dhòmhnaill Ruaidh) à Grèinetobht ann an sgìre Sholais nuair a bha e ann an cunnart a bheatha san Fhraing aig àm an Dara Cogaidh.

B’ e mo mhiann-sa bhith an-dràsta
Dèanamh tàmh fo Chnoc a’ Bharraich
Cluinntinn fuaim tighinn far Tràigh Stìr
Na cheòl binn nam sheòmar cadail.

Dh’èirinn sin às an leabaidh bhlàth
’S chuirinn fàilt’ air grian na maidne
Nam mhiann-sa cuairt chuir air an Àird
’S air grìoban àrda do ghob fada.
‘S fhada bhuamsa thar a’ chuain.

Chromainn sìos air an Tràigh Mhòir
’S dhan Chròic Bhig ’s Pholong cha mhealainn
’S ro Chaolas Bhàigh leis dhan Tràigh Iar
’S dhìrinn siabain crìochan Sholais.

Na h-ùghdairean

Chaidh Ruaraidh agus Calum Dòmhnallach a thogail an toiseach ann an Uibhist a Tuath agus an uairsin san Eilean Sgitheanach. Còmhla ri Blair Dùghlas thòisich iad Runrig ann an 1973 agus on uairsin gus na leig iad seachad an còmhlan san Lùnastal 2018 ’s mòr na rinn iad airson ceòl Gàidhlig a thoirt gu aire luchd-èisteachd eadar-nàiseanta, ged nach b’ e sin am prìomh rùn a bha aca. Tha luchd-leantainn dìleas aca ann an Alba agus air feadh an t-saoghail.

An-diugh ’s iongantach gu bheil seinneadair no còmhlan no còisir a tha seinn ann an Gàidhlig nach bi a’ seinn co-dhiù aon de dh’òrain Runrig, mar eisimpleir Cearcall a’ Chuain, no An Ubhal as Àirde no Tìr an Airm.

← Back to songs list