Allt an t-Siùcair – en

Highland

26 February 2020

Facail le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
Seachdain 9 – 26.02.2020

Air a ghabhail le Jenna Chuimeanach

Faclan

Chan eil an seo ach taghadh às an 29 ceathramh a th’ anns an òran. Ma tha sibh airson an t-òran air fad a leughadh gheibh sibh e anns an leabhar The Poems of Alexander Macdonald deas. an t-Urr. A. MacDhòmhnaill agus an t-Urr. A. MacDhòmhnaill (Inbhir Nis 1924)

A’ dol thar Allt an t-Siùcair air madainn chùbhraidh Chèit,
is paidirean geal dlùth-chneap den drùchd ghorm air an fheur;
bha Richard ’s Robin brù-dhearg ri seinn, ’s fear dhiubh na bheus;
’s goic mhoit air cuthaig chùl-ghuirm, ’s gùg-gùg aic’ air a’ gheug.

Bha smeòrach cur na smùid dhi air bacan cùil leatha fhèin;
an dreathan-donn gu sùrdail ’s a ribheid chiùil na bheul;
am breacan-beithe ’s lùb air ’s e gleusadh lùth a theud;
an coileach-dubh ri dùrdan ’s a’ chearc ri tùchan rèidh.

Na bric a’ gearradh shùrdaig ri plubraich dhlùth le chèil’,
taobh-leumnaich mear le lùth-chleas sa bhùrn le mùirn ri grèin,
ri ceapadh chuileag shiùbhlach lem briseadh lùthmhor fèin,
druim lann-ghorm ’s ball-bhreac giùran ’s an lainnir chùil mar lèig.

Bùrn tana glan gun ruadhan, gun deathach, ruaim no ceò
bheir anam fàs is gluasad da chluanagan mu bhòrd;
gaoir-bheachain bhuidhe ’s ruadha ri diogladh chluaran òir
’s cìr-mheala ga chur suas leo an cèir-chuachagan nan stòr.

Gur sòlas an ceòl cluaise àrd-bhàirich bhuar mud chrò,
laoigh cheann-fhionn bhreaca, ghuanach ri freagradh,’s nuallan bhò;
a’ bhanarach le buaraich ’s am buachaille fa còir
gu bleoghan a’ chruidh ghuaillfhionn air cuaich a thogas cròic.

O, ’s grinn an obair ghràbhail rinn nàdar air do bhruaich,
led lurachain chreamhach, fhàsmhor ’s am buicein bhàn orra shuas;
gach sàimeir, neòinean ’s màsag mìn-bhreac air làr do chluain
mar reultan reòtht’ an deàrrsadh, na spangan àlainn nuadh.

An coire ’s fheàrr san dùthaich, an coire ’s sùghmhor fonn,
’s e coirean Allt an t-Siùcair, an coirean rùnach, lom;
’s ge lom, gur molach, ùrail, bog, miadail ’s dlùth a thom,
’m bheil mil is bainne brùcadh ’s uisge ruith air siùcar pronn.

An t-àite

Tha Allt Coir’ a’ Mhuilinn, Allt an t-Siùcair aig Mac Mhaighstir Alasdair, a’ tighinn chun na mara air cladach a deas Àird na Murchan, Earra-Ghàidheal. Chaidh na daoine a chur à Coir’ a’ Mhuilinn ann an 1828 agus tha làrach a’ bhaile fhathast ri fhaicinn air cnoc ìosal faisg air an tràigh, an ear air Caisteal Mhìogharraidh. An iar air a’ bhaile tha Beinn Sheunta agus à Coir’ a’ Mhuilinn tha seallaidhean àlainn tarsainn Caol Mhuile.

An t-ùghdair

’S e Alasdair MacDhòmhnaill, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, ann am beachd iomadh sgoilear, sàr-bhàrd Gàidhlig na h-18mh linn agus fear de na bàird a b’ fheàrr a rinn dàn ann an Gàidhlig a-riamh.

Rugadh e uaireigin eadar 1690 is 1700 ann an Dail an Lèigh, ann am Mùideart, far an robh athair na mhinistear aig Eaglais na h-Alba aig an àm. Bha a theaghlach càirdeach dha ceann-cinnidh Chlann Raghnaill agus Dòmhnallaich nan Eilean, agus b’ e e fhèin agus Flòraidh NicDhòmhnaill a chuidich am Prionnsa Teàrlach clann an dithis bhràithrean. Bha e pòsta aig Sine Dhòmhnallach à Dail an Easa ann an Gleann Èite agus bha co-dhiù còignear chloinne aca.

Tha fios gu robh e greis na oileanach ann an Oilthigh Ghlaschu. Ann an 1729 bha e a’ teagasg ann an tè de sgoiltean an SSPCK (Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge) ann an Eilean Fhìonain ann am Mùideart agus bha e na cheisteir dhaibh anns an sgìre cuideachd.

Chaidh e à sin a Chill Chomhghain ann an 1738 agus ann an 1739 a Choire Mhuilinn. Sin far an robh e ann an 1741 nuair a dh’fhoillsich e faclair Gàidhlig, a’ chiad leabhar a bha air fhoillseachadh ann an Gàidhlig nach robh air eadar-theangachadh.

Anns an 1745 leig e seachad teagasg an sgoil Choire Mhuilinn, agus lean e am Prionnsa Teàrlach air feadh na dùthcha is e na oifigeach ann an rèisimeid Raghnaill Òig, Mac Mhic Ailein. An dèidh Blàr Chùil Lodair thug e fhèin agus a bhean greis nam fògarraich.

An ceann ùine fhuair e baile fearainn Èigneig ann an Gleann Ùige, air oighreachd Chlann Raghnaill. Ann an 1751, a’ bhliadhna a dh’fhoillsich e a bhàrdachd airson a’ chiad uair, rinneadh e na bhàillidh air Eilean Chanaigh.

Chuir e seachad na bliadhnaichean mu dheireadh de bheatha ann an Sanndaig, ann an Àrasaig agus chaochail e mu 1770. Chaidh a thiodhlacadh an cladh Chille Mhuire, faisg air Eaglais Naomh Muire.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh san leabhar Mac Mhaighstir Alasdair – The Ardnamurchan Years le Raghnall Mac Ille Dhuibh (The Society of West Highland and Island Historical Research 1986)

An t-òran

Anns an òran tha Mac Mhaighstir Alasdair a’ toirt dhuinn dealbh air leth mionaideach air Sgìre Choir’ a’ Mhuilinn ann an Àird na Murchan, an t-allt a tha ruith tron sgìre agus a bheatha nàdarra a tha mun cuairt air – eòin, flùraichean, lusan, beathaichean, na fuaimean a chluinnear ann agus na dathan a chithear ann.

’S e seo aon de na h-eisimpleirean as tràithe de sheòrsa bàrdachd is òrain a thàinig gu bhith cumanta ann an Gàidhlig, dàin le dealbhan mionaideach de sheallaidhean nàdair.

← Back to songs list