Caol Muile – en
Argyll and Bute
3 June 2020
Le Urr. Iain MacLeòid
Seachdain 23 – 03.06.2020
Air a ghabhail le Gwen NicGuaire
Faclan
Ged a shiubhail mi cian, b’ e Caol Muile mo mhiann,
Cha d’ èirich a’ ghrian air nas bòidhche;
B’ e siud caol mo ghràidh don tug mise bàidh
O làithean mo leanabais is m’ òige.
O b’ àlainn leam riamh an caol ud ri fèath
’S e ag iadhadh mu bhuinn nam beann mòr;
Chìte beanntannan àrd’, is coilltean fon sgàil
Nan àilleachd ’s an gàthan bha fòdhp’.
On bhìrlinn gun tàmh, chluinnte faram nan ràmh,
Na h-iorraim ’s na dàin aig na seòid;
’S nuair a chasadh a’ ghaoth, sin chìte na laoich
Le saod cur nan luingeas fo sheòl.
Ach tha an caol seo mar bha, is mar bhios a-ghnàth,
A’ lìonadh ’s a’ tràghadh gach latha,
Fo dhoininn ’s fo fhèath, mar mu seach bha e riamh;
Bidh àilleachd ’s gach ial ro-mhòr.
Ach air dà thaobh a’ chaoil, càite an-diugh bheil na daoine,
Càite comann mo ghaoil agus m’ òige?
Tha mo chaoimh-sa nan suain fo na tulaichean uaine
Far nach cluinnear gàire cuain nas mò.
O b’ àlainn leam riamh an caol ud ri fèath,
’S e ag iadhadh mu ìochdar nam beann;
An siud chì mise uam mòr luingeis a’ chuain
Nan cadal gu suain air na tuinn.
Nuair bhios mòr-shluagh an t-saoghail air crìonadh le aois,
Cha bhith ’n caol ach an trèine na h-òige;
Caol Muile mo ghràidh, don tug mise bàidh,
’S ann dhut bheir mi gràdh rim bheò.
O slàn leat, a chaoil, don tug mise mo ghaol,
Slàn leat, fhad ’s tha an saoghal na shaoghal;
Caol Muile mo ghràidh, don tug mise bàidh,
’S ann dhut bheir mi gràdh rim bheò.
An t-àite
Tha Caol Muile eadar a’ Mhorbhairne air tìr-mòr na h-Alba agus Eilean Mhuile. Aig ceann a deas a’ chaoil tha Grasspoint ann am Muile far a bheil làrach cidhe beag na chuimhneachan air na dròbhairean a bhiodh a’ cur crodh à Muile a-null a Chearara agus às an sin dhan Òban agus deas gu fèilltean chruidh na h-Eaglaise Brice is Chraoibh. Aig ceann a tuath a’ Chaoil tha Tobar Mhoire, priomh bhaile Mhuile.
Chaidh a’ mhòrchuid den Mhorbhairne a thoirt do Lachlan MacIlleathainn le Dòmhnall, Tighearna nan Eilean ann an 1390. Ro dheireadh a’ chòigeamh linn deug bha smachd aig Clann Illeathainn air Caol Muile, a’ faire a’ chaoil bho chaistealan Dhubhaird agus Àrois ann am Muile agus caistealan Àird Tòirinis, Ceann Loch Àlainn agus Caisteal nan Druimnean sa Mhorbhairne.
Mar eisimpleir, chaidh Caisteal Dhubhaird a thogail air creig àird aig leth-innis a tha a’ sìneadh a-mach dhan mhuir aig ceann a deas a’ Chaoil, far am faigheadh Triathan Chloinn Illeathainn deagh shealladh air bàtaichean a bha a’ feuchainn a-steach don Linne Sheilich no do Loch Èite no a bha a’ tighinn air an Linne Latharnaich a-steach do Chaol Muile.
Ann an 1674 fhuair Caimbeulaich Earra-Ghàidheal sealbh air dà thrian den Mhorbhairne. San naoidheamh linn deug chaidh mòran dhen t-sluagh fhuadach airson àite a dhèanamh do thuathanasan chaorach.
An t-ùghdair
Bhuineadh an t-Urr. Iain MacLeòid do theaghlach ainmeil de mhinisteirean. Chante “Sagart Mòr na Morbhairne” ris, chionns gu robh e na dhuine mòr, eireachdail, sia troighean agus seachd òìrlich a dh’àird.
Rugadh e air 31 A’ Mhàirt 1801, am mac a b’ òige aig an Urr. Tormod MacLeòid agus a bhean Anna, a bha à Muile. Rugadh an t-Urr. Tormod ann an Diùrinis san Eilean Sgitheanach ann an 1745, agus bha e ainmeil mar shearmonaiche cumhachdach ann an Gàidhlig. Bha e na mhinisteir sa Mhorbhairne bho 1775 gus na chaochail e an 1824 aig aois 80. Bha dachaidh an teaghlaich ann am mansa na Morbhairne, ann am Fionnairigh.
Chaidh Iain dhan sgoil ann an Ceann Loch Chille Chiarain agus às an sin chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu. Fhuair e cead searmonachaidh bho Chlèir Mhuile san t-Samhain 1823 agus chaidh a chur an dreuchd san t-Sultain 1824. Lean e athair mar mhinisteir na Morbhairne, a’ fuireach san t-seann dachaidh gus na chaochail e sa Chèitein 1882.
Bha a bhràthair Tormod na mhinisteir ann an Ceann Loch Chille Chiarain, ann an Camais agus ann an eaglais Chaluim Cille ann an Glaschu. Choisinn e cliù mhaireannach mar “Charaid nan Gàidheal” airson an obair a rinn e a’ toirt cobhair do Ghàidheil bhochda. Bha e ainmeil mar sgrìobhaiche rosg. Tha cuimhne ga chumail air cuideachd airson òran a sgrìobh e ann am Beurla agus a dh’ eadar-theangaich Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich à Ìle – Soraidh Slàn le Fionnairigh.
Bha dithis dhen teaghlach aig an Urr. Iain MacLeòid nam ministeirean cuideachd, Tormod a rugadh ann an 1838 ann an Inbhir Nis agus Iain a rugadh ann an 1840 ann am Baile Ghobhainn.
Chaidh an t-Urr. MacLeòid a thaghadh mar Mhodaràtair air Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba sa bhliadhna 1851, mar a bha còignear eile a bhuineadh dha aig diofar amannan, nam measg am Morair Seòras MacLeòid a stèidhich Coimhearsnachd Eilean Ì ann an 1938.
An t-òran
Tha an t-òran a’ moladh a’ Chaoil agus bòidhchead na sgìre mun cuairt ach cuideachd a’ caoidh mar a thachair do mhuinntir na sgìre. Chan eil caochladh air a thighinn air a’ Chaol agus cha tig, ach tha caochladh mòr air a thighinn air an t-sluagh a bha uair a’ fuireach san sgìre.