Chan e caoidh MhicShiridh – en

Western Isles

1 April 2020

Gun Urra
Seachdain 14 – 01.04.2020

Air a ghabhail le Eilidh NicCarmaig

Faclan

Chan e caoidh MhicShiridh
Dh’fhàg an dil’ air mo ghruaidh.

Hù ò ro hù ò
Ho rò o hi o hì ò
Hù ò ro hù ò.

Chan e caoidh mo leannain
ged a dh’ fhanadh e uam.

Ach a’ caoidh mo bhràthair
chaidh a bhàthadh sa chuan.

’S duilich leam do chùl clannach
bhith san fheamainn ga luadh.

’S duilich leam do gheal dheudan
bhith gan reubadh sa chuan.

Tha do leabaidh gun chàradh
anns an t-seòmar ud shuas.

Cha tèid mise ga càradh
Tha thu, ghràidh, ro fhad’ uam.

‘S tric a dh’fhosgail thu an doras
le do chorraig, gun fhuaim.

’S tric mo shùil air a’ Rubha
bhon a’ bhruthaich ud shuas.

Ach a faic mi seòl brèid-gheal
latha grèine sa chuan.

An t-àite

Tha an t-ainm MacSiridh a’ ceangal an tionndadh seo den òran ri sgìre an t-Srath ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich. Tha bailtean mar An t-Ath Leathann, Ealaghol, Heasta, Caol Àcain, Lùib agus Na Torran san sgìre, mar a tha eileanan Sgalpaigh agus Phabaigh.

Chante Srath MhicFhionghain ris chionns gur e Clann ’ic Fhionghain aig an robh sealbh air an sgìre fad linntean. A rèir beul-aithris bha dachaidh Triath Chloinn ’icFhionghain aig Dùn Ruingeil air cladach Loch Shlaopainn fada mus robh iad a’ còmhnaidh ann an Caisteal Maol faisg air Caol Àcain.

Bha Clann ’icShìridh nam buidheann beag a bha a’ tighinn beò air fearann Chloinn Fhionghain san t-Srath.

Bha Clann ’icFhionghain dìleas do Chlann Dòmhnaill Shlèite. Shabaid iad còmhla riutha an aghaidh Cromwell mar eisimpleir agus aig Blàr Sliabh an t-Siorram. Mar thoradh air an sin chaill iad an oighreachd ach ann an 1723 chaidh a cheannach air ais dhaibh.

Shabaid iad a-rithist air taobh nan Seumasach ann an 1745 agus chuidich an ceann-cinnidh aca agus fear eile dhiubh, Caiptean Iain Ealaghol, am Prionnsa Teàrlach nuair a bha e fon choill anns an Eilean Sgitheanach, gnìomh a choisinn am prìosan dhaibh. Ann an 1765 chaidh an oighreachd a cheannachd le Dòmhnallaich Shlèite.

An t-òran

← Back to songs list