Dh’ èirich mi moch – en
Western Isles
20 August 2020
Gun Urra
Seachdain 34 – 20.8.2020
Air a ghabhail le Chloe Steele
Faclan
Dh’ èirich mi moch,
Dh’ èirich mi moch,
B’fheàrr nach d’ dh’èirich
Mo chreach lèir na chuir a-mach mi.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
Bha ceò sa bheinn,
Bha ceò sa bheinn,
Is uisge frasach
’S thachair orms’ a’ ghruagach thlachdmhor.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
Bheir mi dhut fìon,
Bheir mi dhut fìon
’S gach nì a b’ait leat,
Ach nach èirinn leat sa mhadainn.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
Nighean nan gamhna,
Nighean nan gamhna
Bha mi ma’ riut,
Anns a’ chrò is càch nan cadal.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
An daoith gheal dhonn,
An daoith gheal dhonn,
Rug i mac dhomh
Ged is fuar a rinn i altrum.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
Bha laogh mo laoidh
Bha laogh mo laoidh
Ri taobh cnocan
Gun teine, gun sgàth, gun fhasgadh.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò
A Mhòr, a ghaoil
A Mhòr, a ghaoil
Taobh ri d’ mhacan,
’S bheir mi goidean brèagha breac dhut.
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò.
An t-òran
Tha an t-òran tiamhaidh seo mar gum biodh a’ tighinn à beul an eich-uisge. Thrèig a leannan saoghalta e, ga fhàgail leis an leanabh a bha aca. Chan urrrainn dha cùram a’ phàiste a ghabhail agus tha e ag àithneadh dhith tilleadh thuca.
An t-each-uisge
Anns na seann làithean bha mòran dhaoine a’creidsinn gu mòr ann am buidsichean is maighdeannan-mara is sìthichean ’s a leithid sin de chreutairean os-nàdarra. Bha eagal am beatha aca ron each-uisge oir bha e comasach dha riochd duine a ghabhail. Bha eagal aig beathaichean roimhe cuideachd.
Nan deigheadh duine a bhàthadh ann an loch, gu h-àraid nan tachradh an tubaist tron oidhche, bha cuid a’ cur coire air each-uisge. Bhiodh pàrantan ag ràdh gu robh each-uisge ann an lochan a dh’fhaodadh a bhith cunnartach gus an cumadh clann air falbh bhuapa.
A rèir beul-aithris tric b’ ann nuair a bhiodh nighean leatha fhèin, a’ buachailleachd chruidh ’s dòcha, a mhothaicheadh i do ghille eireachdail, “leannan-sìth”, faisg oirre. Dhèanadh e e fhèin suas rithe ach uaireannan mhothaicheadh i gu robh feamainn no gainmheach na ghruag no gu robh crubhan air na casan aige agus, ma bha i fortanach, rachadh aice air teiche bhuaidhe. Dh’atharraicheadh esan gu riochd eich an uairsin agus dheigheadh e an tòir oirre. Uaireannan chìte sradagan a’ tighinn a-mach às a chuinnein. Nan glacadh e i, tharraingeadh e i a-steach do loch no linne no abhainn agus bhiodh i air a bàthadh.
Bha sgeulachdan mu each-uisge co-cheangailte ri iomadh loch ann an iomadh sgìre agus tha iomadh sgeulachd ann am beul-aithris mun deidhinn. Seo sgeulachd mu each-uisge Loch na h-Inghinn, loch dhorch dhomhainn a tha air cùl Àird Thunga, ann an Leòdhas. B’ e Seumas MacThomais a dh’ innis an sgeulachd do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis sa Mhàirt, 1937.
“Aon mhadainn samhraidh agus fiath nan eun aig beinn ’s aig baile, bha nìghneag bhòidheach na suidhe leatha fhèin air toman fraoich astar beag o an loch, a’ cuallach nam bò. Bha a ceann crom a’ fuaigheal aodaich am blàths na grèine, am feadh a bha an crodh ag ineilt gu dòigheil mun cuairt oirre.
Gu h-athaiseach, sèimh, tharraing duine dreachail, uasal, beadarrach dlùth oirre agus an coibhneas cainnte chuir e fàilte na maidne air an rìbhinn. Gun iomnaidh, gun eagal – carson a bhiodh air cùl a’ bhaile aca fhèin – fhreagair i an coigreach am briathran blàth-chridheach mar bu dùth. Chaidh an conaltradh càirdeil air aghaidh gus fa dheòidh na shuidh an diùlnach air an toman fraoich ri taobh agus an ùine bhig leig e a cheann air a h-uchd agus thuit e na throm chadal.
Bha ise trang leis an t-snàthaid, ach sùil d’an tug i, chunnaic i gainneamh na locha am bun an fhuilt aige. Thuig i air ball cò a bha aice, ach cha d’thuirt i diog. Gheàrr i am mìr den chòta air an robh greim aige na làimh, chuir i a cheann gu socair air an fhraoch agus thàrr i às.
Bha taighean a’ bhaile a-nis a’ tighinn air fàire. Bha a misneach agus a dòchas air an ùrachadh gu mòr. Bha cobhair dlùth. Thug i sùil thar a guallainn agus chunnaic i an t-each meanmnach, lùthmhor, bras na dheann an tòir oirre. Rinn i cabhaig, shìn i a ceum, le a h-anail na h-uchd. Agus dh’èigh i airson còbhrach. Ach cha robh cluas ann a dh’èisteadh.
Bha an t-each-uisge a’ dlùthachadh oirre gu dian, a’ glaoidhaich na cluais “A nighean donn nan gealachas, ged is luath thusa, beiridh mise ort!”
Cha do lagaich a ceum, cha do chaill i a treòir ach bha i a’ sìor ruith gu dian. Aon cheum eile agus bhiodh i am broilleach a càirdean gu sàbhailte beò. Le anail na bèiste air a h-amhaich leum i thar stairsnich an taighe far an do thuit i gun chainnt air an ùrlair.
Dh’èirich am baile a-mach an aghaidh an uilebheist. Thàrr e às le luaths nan eang gus an deach e à fianais am meadhan an locha. Chan fhacas e riamh tuilleadh.”
(Transactions of The Gaelic Society of Inverness Vol XXXVIII)
