Dh’ èirich mise rinn mi gluasad – en

Argyll and Bute

27 August 2020

Gun Urra
Seachdain 35 – 27.8.2020

Air a ghabhail le Chloe Steele

Faclan

Hill ù, hill ò, hò ro èileadh
Hill ù, hill ò ’s na hù ribh ò
Hill ù, hill ò hò ro èile

Dh’èirich mise, rinn mi gluasad
Tharraing mi mach ri Beinn Chruachain

Tharraing mi mach ri Beinn Chruachain
Shuidh mi aig tobar an fhuarain

Chìr mi mo cheann, dh’fhàg mi ghruag ann
Dh’fhàg is falt mo chinn na dhuail ann.

Chaidil mi, chunna mi bruadail
A’ chuthag a bhith sa luachair
An glaisean beag an taobh shuas dhi.
’S ann a chuimhnich e mo luaidh dhomh
Fear a’ chinn duibh ’s a’ chòt’ uaine.
Cha robh, a ghaoil, ’s fhad on uair sin
‘S fhios a’m fhìn an nì chum bhuam thu
Tèil’ aig a’ bhaile gad bhuaireadh
Chaidil thu raoir air a cluasaig.
“’S mise,” ars ise, “’s truime buaile
’S mise as càirdich dha na h-uaislean
Dhìreadh ’s a theàrnadh Beinn Chruachain
Len gunnairean air an gualainn
Le flasgaichean air an cruachain
Falbh a shealg na h-èilde ruaidheadh
’S mar sin gu lach an fhraoich uaine.’’

An t-àite

Tha Cruachan Bheann na pàirt de dhruim fada a tha a’ dol bhon iar chun ear ann an Earra-Ghàidheal. Tha còig mullaichean air an druim – Stob Dearg, Cruachan Bheann, Drochaid Ghlas, Stob Daimh agus Sròn an Isein, le Stob Garbh agus Beinn a’ Bhùiridh deas air Stob Daimh. ’S e Rothaich a th’ ann an Cruachan agus Stob Daimh agus Corbett a th’ ann am Beinn a’ Bhùiridh. Fo Coire Chruachain tha stèisean mòr a’ cruthachadh dealain-uisge.

Tha beul-aithris ag innse mar a bha ban-dia a’ fuireach air Cruachan, a’ cumail faire thairis air tobar sheunta. Bhiodh i ga nighe fhèin san tobar gach oidhche agus bha seo ga cumail òg agus bòidheach. Aon oidhche dhiochuimhnich i an leac cloiche a bha a’ còmhdach na tobrach a chur air ais agus shruth an t-uisge às an tobar, a’ cruthachadh Loch Odha. Gun an t-uisge seunta aice a-nis, dh’fhàs a’ bhan-dia sean agus grànda agus thugadh A’ Chailleach Bheur no Cailleach nan Cruachan oirre. Bha a’ Chailleach co-cheangailte ri geamhradh, stoirmean agus bàs.

B’ e “Cruachan” sluagh-ghairm nan Caimbeulach agus Clann an t-Saoir. Tha am bàrd Ailean Dall a’ bruidhinn air “Clann an t-Saoir bho thaobh Chruachain, bha cruadalach treun”. Rinn Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir Rann Gearradh-arm, an dèidh dha a dhol air chuairt gu Gleann Nodha, tuath air Cruachan. B’ ann sa ghleann seo a bha dachaidh Chloinn an t-Saoir, a bha nam forsairean an toiseach aig Stiùbhartaich Latharna agus an uairsin aig Caimbeulaich Ghleann Urchaidh. Tha e a’ toirt dhuinn dealbh air gearradh-arm a’ chinnidh:

Dòrn an claidheamh, is làmh duin’ uasail
Le crois-tàraidh;
Iolairean len sgiathan luatha
Gu cruas gàbhaidh;
Long ag imeachd air druim chuantan
Le siùil àrda:
Gearradh-arm Mhic Saoir o Chruachan
Aonach uachdarach Earra-Ghàidheal.

B’ e Pàdraig Mac an t-Saoir a rinn an t-òran as ainmeile mu Chruachan. Rugadh e ann an Leitir Beann, deas air Cruachan, sa bhliadhna 1782. An dèidh greis na mhaighstir-sgoile ann an Diùraidh thill e dhan sgìre a chumail sgoil fad dà fhichead bliadhna ’s a ceithir aig Ach na Carrann air Loch Odha. Tha e air a ràdh gur e an t-òran ainmeil aige “Cruachan Beann” a’ chiad òran Gàidhlig a chaidh a chur an òrdugh airson chòisirean. Seo mar a nochd na facail anns an iris An Gàidheal ann an 1874.

Duanag do Chruachan Beann

Cruachan Beann, Cruachan Beann,
Cruachan Beann ’s mòr mo thlachd dhiot,
Cruachan Beann thar gach meall
’S a chuid allt ruith troimh ghlacaibh.

Cruachan Beann ’s e cho mòr,
Tha e sònraichte ri fhaicinn,
Chan eil a leithid san Roinn-Eòrp’
’S geal a chòt’ ri àm sneachda.

Clann an t-Saoir dam bu dual
Bhith nad chluaineagan fasgach,
An-diugh chan fhaic mi aon dan àl
Gabhail tàmh ann ad thaice.

’S iomadh linn bhon fhuair iad còir
Air a’ bheinn ’s bòidhch’ ri fhaicinn,
’S cho fad ’s a ruitheas uillt gu cuan
Bidh an dualchas ud aca.

Fine ’s duineile gun ghruaim,
’N àm dol suas thun na batailt
’S an Ceann-cinnidh air an ceann
Toirt command do na gaisgich

’N Leitir Beann chaidh m’ àrach òg,
Leiteir bhòidheach nam badan,
Gheibhte fiadh ann air an t-sliabh
’S earbag riabhach anns gach glac dheth.

Àite ’s maisiche fon ghrèin
Chaoidh cha lèir dhomh ri fhaicinn,
’S bhon a chuir iad thu fo fhèidh
’S goirt mo dheur gabhail beachd ort.

Fichead mìle tha mun cuairt
Anns a’ chruaich ud tha maiseach
Agus trì dhiubh air àird –
’S iomadh bàrd a ghabh beachd ort.

Soraidh nis le Cruachan Beann,
’S leis gach coire ’s gleann tha ’n taic ris;
’S e mo dhùrachd Clann an t-Saoir
Bhith chòmhnaidh ri dha ’s na thaice.

A’ sgrìobhadh san aon iris (An Gàidheal, 1874), a’ gearain air mar a bha a’ Ghàidhlig an cunnart a dhol à bith air tìr-mòr Alba mur a cuireadh na Gàidheil gu h-aon ghuthach an taic rithe, tha Gilleasbaig MacIain ag ràdh:

Ochan nan och! an caochladh truagh
’S a’ Ghàidhealtachd thig ’s gach taobh mun cuairt,
Ma thèid a cànain chaoin ’n a suain,
Le cion an t-sluaigh a labhras i!

Beinn Cruachan fèin is guirme snuadh,
Bidh ’cridh’ fo chràdh ri tuireadh truagh,
A chionn ’s nach cluinn i chaoidh gu buan
Ach goileam cruaidh nan Sasannach.

Choisinn Seòras Marjoribanks, a chaochail ann an Sonnachan an Earra-Ghàidheal sa bhliadhna 1940, Crùn a’ Bhàird ann an 1931 leis an dàn “Sealladh air Cruachan Beann”:

Do chinn fo chaochladh siantan
Cia lìonmhor dreach is snuadh!
Seachd barran fliuch-gheal drìlseach
Mar lòchrain àrd thar cuain;
Seachd stùcan dubh-bhreac, reòdhta
Ais-thilgeul fuachd ro-gheur,
Seachd lannan greannach rùisgte
Bior-tholadh uchd nan speur.

Nuair dh’fhuasglas beul nan siantan
Bidh nuallan shruthan clis,
Nan caoiribh geal’ ’s nan steallan
Nam ficheadaibh nad shlios;
Gach allt air at thar bhruachan
Grad-leumnaich sìos na dheann
Gu lìonadh sgor Eas Chruachain
Bodhar-fhuaimneach, ’s plumbach drannd’.

Tha sean-fhacal ag ràdh “Teirgidh Cruachan Bheann gun dad a dhol ri cheann” no ann an tionndadh eile, “Theirigeadh Cruachan Bheann le bhith sìor thoirt às, gun dad idir ga chur ann.”

An t-òran

Anns an oran gaoil seo tha boireannach a’ dol gu tobar air Cruachan Bheann. Na suidhe aig an tobar tha i a’ tuiteam na cadal agus ag aisling mun leannan a thrèig i airson tèile.

← Back to songs list