Fad om dhachaigh – en

Western Isles

23 February 2021

Le Calum MacIlleathain
Seachdain 50 – 23.02.21

Faclan

Is tric nam smuaintean bheir mi cuairt
Far an robh mi uair nam bhalach
A’ ruith ’s a’ leum mar b’ e mo rùn
Casruisgte ri beul a’ chladaich.

Chì thu fhathast rotach geal
Mu Sgeir Dhail a’ leum na steallan
’S a’ fàgail Rùbh’ an Tuill air chùl
Tha bàta-smùid a’ dèanamh cala.

Feasgar foghair muigh air Mìolair
Cò nach iarradh bhith sa chuideachd?
Cuid le slat is cuid le lìon
’S ann leam bu mhiann bhith biathadh chudaig.

’S iomadh ceum rinn mi air mòinteach
’S eòlach mi air feadh nan cladach
’S a’ breacach air Loch Mòr na h-Aoidh
Meadhan oidhch’ ri soillse gealaich.

Cha tèid mi seachad ceann Lòch Nèill
Gun dhol a chèilidh air na balaich
’S nuair dheidhinn tarsainn air an òsd’
Bhiodh crònan Bhat a Leòis nam shealladh.

Aig ceann Loch Langabhat ’s Loch Cruinn
’S mi bhiodh aoibhneach ri dol dhachaigh
’S a’ faicinn clachan glas na h-àirigh
Tighinn air fàire Bil an Droma.

Chan eil sin a-nis ach bruadar
Tha na cruachan dol dhan talamh
An comann bh’ ann tha ’d an-diugh fa sgaoil
’S na cearcan-fraoich a’ tighinn gu baile.

Facail bho CD Na Nisich 2(Comann Eachdraidh Nis)

An t-ùghdair

B’ e Calum MacIllEathain, Calum Beag Chaluim Iain Aonghais à Nis, Leòdhas, a rinn an t-òran seo. Bha Calum Iain Aonghais, athair Chaluim, cuideachd na bhàrd.

Bha Calum Beag ri òstaireachd ann an Àrd Ruighe fad iomadh bliadhna. Bha e pòsta aig tè de mhuinntir a’ bhaile, Catriona Brannigan, agus bha còignear de theaghlach aca. Nuair a dh’fhosgail taigh-òsta ùr anns an Aghaidh Mhòir fhuair Calum obair an sin agus ghluais an teaghlach dhan bhaile.

Tha mu ochd-deug de na h-òrain aig Calum air sgeul aig Comann Eachdraidh Nis, mòran dhiubh, mar am fear seo, mu sgìre Nis agus na daoine air an robh e eòlach na bhalach. ’S dòcha gur e Deireadh Fòrladh 1940, a rinn e is e aig an taigh air fòrladh ann an 1940, an t-òran as trice chluinneas sinn de dh’òrain Chaluim. Chaochail e ann an 1995 agus tha e air a thìodhlacadh ann an Àrd Ruighe.

An t-òran

Tha am bàrd a’ cuimhneachadh air sgìre Nis mar a bha i nuair a bha e fhèin òg, agus mar a bhiodh e a’ cur seachad mòran ùine ag iasgach timcheall cladaichean na sgìre agus air lochan na mòintich. Tha na làithean sin a-nis mar bhruadar dha ’s gun sgeul air mòran dhe na daoine air an robh e eòlach.

An t-àite

Tha deugachadh bhailtean ann an sgìre Nis, an sgìre as fhaide tuath ann an Leòdhas, mu 25 mìle à Steòrnabhagh. Tha i na pàirt de dh’ Oighreachd Ghabhsuinn a tha air a bhith leis a’ choimhearsnachd bho 2007, air a ruith le le Urras Oighreachd Ghabhsuinn. Bidh luchd-turais a’ tighinn dhan sgìre a dh’fhaicinn leithid Teampall Mholuaidh, a tha a’dol air ais chun an treas linn deug, taigh-solais Rubha Rodhanais air an rubha as fhaide tuath san sgìre, dachaidh Clann MhicGille Mhoire Leòdhais ann an Dùn Eistean agus Comann Eachdraidh Nis ann an seann Sgoil Chrois.

Tha Nis ainmeil cuideachd airson a’ ghuga:

An sgoth bheag bhiorach a-mach às a’ chala
’S fear Sgiogarstaidh fhèin aig an stiùir,
An ràmh anns an dòrn, na laoich ’nan altan,
Gach cnag, gach lann, gach ceann, gach tobhta,
A’ dìosgail thoradh an lùiths,
A’ sgoltadh nan tonn, cop bàn a’ leantainn,
Gaoth lom fo bhonn an t-siùil,
Mar fhaoileag air sàil a’ sgaradh an Tàbh
A shireadh nan guga as fiù.

(Iain MacAoidh)

← Back to songs list