Gura thall ann an Sòaigh – en
Western Isles
11 March 2020
Gun Urra
Seachdain 11 – 11.03.2020
Air a ghabhail le Ellen NicDhòmhnaill
Faclan
Gura thall ann an Sòaigh
Dh’fhàg mi ‘n t-òganach gleusta
Urradh dhèanamh mo thacar
‘S tabhairt dhachaigh na sprèidhe;
Tabhairt dhachaigh na sprèidhe
’S ged a chaidh thu sa chreig ud
Cha b’ e ’n t-eagal a leugh thu
’S ann a rinn do chas straonadh
’S cha d’ fhaod thu riamh èirigh
Bha d’ fhuil air a’ chloich ud
Bha do lot ann ’n dèidh leumadh
Bha thu muigh air bhàrr stuaidhe
’S muir gad fhuasgladh o chèile
Nuair a thàinig do mhàthair
Cha do chàirich i ’m brèid oirr’
Nuair a thàinig do phiuthair
Bha sinn dubhach le chèile
Nuair a thàinig do bhràthair
Cha do chumhainn e ’n t-èigheadh
Bha sinn dubhach is cràiteach
Gad amharc an cèin uainn
Tha mo chuid-s’ de na h-uighibh
Aig a’ bhuidhinn as treubhaich
Tha mo chuid-s’ de na h-eunaibh
Anns na neulaibh ag eughach
Gura thall ann an Sòaigh
Dh’fhàg mi ‘n t-òganach gleusta
Urradh dhèanamh mo thacar
‘S tabhairt dhachaigh na sprèidhe;
Tabhairt dhachaigh na sprèidhe
An t-àite
Tha Sòaigh air aon de na còig eileanan agus stacan mara a th’anns an innis-muir ris an canar Hiort. Tha iad anns a’ Chuan Siar, mu 40 mìle an iar air na h-Eileanan Siar. ’S e Hiort an t-eilean as motha, ach tha eileanan Bhoirearaigh, Dùn agus Sòaigh faisg air làimh, mar a tha na stacan-mara Leibhinis, Stac an Àrmainn agus Stac Lì, na stacan-mara as àirde ann am Breatainn.
Tha Sòaigh an iar-dheas air Hiort agus chan eil eòlaichean dhen bheachd gu robh daoine a’fuireach fad ùine air a-riamh, ged a bhiodh fireannaich à Hiort a’ fuireach air fad làithean nuair a bhiodh iad a’ dol a dh’iarraidh clòimh bho chaoraich Shòaigh, caoraich bho bhriod àrsaidh a bha sònraichte do Shòaigh.
Tha 378 meatair de dh’ àird ann an Cnoc Glas, an t-àite as àirde air Sòaigh. Bha an t-eilean sna naidheachdan ann an 1943 nuair a chaidh plèan Vickers Wellington a sgrios ann air 23 An Gearran. Chailleadh an sianar chriutha a bh’ air bòrd.
’S e Hiort aon de na làraich as cudromaiche san Roinn Eòrpa airson eòin-mhara, le suas ri 1,000,000 eun a’ cleachdadh an eilein, nam measg an àireamh as motha air an t-saoghal de shùlairean agus an colonaidh as motha san Rìoghachd Aonaichte de bhuthaigirean. B’ e seo aon de na h-adhbhair a thug air UNESCO inbhe dhùbailte a bhuileachadh air Hiort mar Làrach Dhualchas na Cruinne. Tha cùram agus dìon nan eilean an-diugh an urra ri Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Ministrealachd an Dìon.
Ann an 1930 dh’iarr na Hiortaich mu dheireadh air an Riaghaltas an cuideachadh gus Hiort fhàgail agus dachaighean ùra agus obraichean a lorg dhaibh air tìr-mòr.
Bha eòin anabarrach cudromach do mhuinntir Hiort airson annlan, airson an itean agus airson ola. Bha iad a’cur am beatha ann an cunnart tric airson eòin agus uighean a thoirt às na creagan.
An t-òran
Chaidh an t-òran seo, ris an can cuid “Cumha Hiortach”, a sgrìobhadh sìos cho fada air ais ri 1770 leis an Urr. Eòghainn MacDhiarmaid, ministeir à Siorrachd Pheairt. Dh’fhoillsich an t-Oll. Ruaraidh MacThòmais e san leabhar a dheasaich e The McDiarmid MS Anthology. Poems and Songs, mainly anonymous, from the collection dated 1770. (Scottish Gaelic Texts 17, Dùn Èideann 1992) Tha MacThòmais cuideachd a’ foillseachadh tionndaidhean eile dhen òran a tha ag innse gur e Ìomhair an t-ainm a bh’ air an fhear a tha a bhean a’caoidh san òran agus ag innse gun do chaochail e ann an geodha cumhang air Sòaigh, eilean beag a tha an iar air Hiort.
Nuair thug e uam Ìomhar
Fàth mo mhisneachd gu lèir e
Bidh mo chuid de na h-eunaicbh
Aig a’ mhuinntir as trèine.
Bidh mo chuid de na h-eunaibh
Anns na neulaibh ag èisteachd
Thu bhith muigh sa Gheodh’ Chuinge
’S gur cianail duilich ad dhèidh mi.
Tha e soilleir bhon òran gu robh an duine òg air a bhith ag eunachd air Sòaigh nuair a thuit e gu bhàs. Tha fhuil ri fhaicinn air na creagan agus tha na tuinn a’ stialladh a chorp às a chèile. Tha a mhàthair, a phiuthar, a bhràthair agus a’ bhanntrach ga choimhead ach chan eil dad ann is urrainn dhaibh a dhèanamh ach caoidh.
B’ e “lon” a chanadh na Hiortaich ris an ròpa leathar a bha iad a’ cleachdadh nuair a bhiodh iad a’ sreap sna creagan an tòir air eòin. Anns an leabhar aige Hiort; Far na laigh a’ghrian (Acair 1995) tha Calum MacFhearghais ag innse mar a bha na Hiortaich ga chleachdadh:
“Air earbsa nan lon bha dithis fhireannach a’dol a shreap chreag a bha cho uabhasach ’s nach deigheadh duine glic à eilean eile air an àrainn! Bha an dithis an urra ris an lon: fear trom làidir gu h-àrd ’s a chasan an tac; agus fear aotrom sùbailte gu h-ìosal, gun luairean ’s gun eagal aige ron chraos mhòr dhomhainn anns am biodh aige ri cromadh agus dìreadh. Bha aona cheann an loin air a cheangal mu chaol-droma an fhir a bha gu h-àrd. Anns an dòigh cheudna bha ceann eile na loin air a cheangal mu chliabh an fhir a bha gu h-ìosal. Nam briseadh a’ chreag fo chasan an fhir a bha gu h-àrd gheibheadh an dithis am bàs.”
Tha cunntas aig Calum MacFheargais cuideachd air tachartas a chunnaic an maor a bha ann a Hiort sa bhliadhna 1760.
“Bha am Maor air a thighinn gu beul geodha far am fac e dithis ag eunachd. Gu h-àrd bha seana dhuine a’ leigeil a-mach na loin a bha na cuibhle aig a chasan. Gu h-ìosal bha an t-eunadair a’ tional uighean. Cha robh aca ach leth na loin a-muigh nuair a bhris a’chreag leis an eunadair. Gu sealbhach fhuair e air glaodh ris an fhear a bha shuas gu robh e a’ call a ghreim. Thuit an t-eunadair gu fad na loin. Bha e crochaichte iomadach ceud troigh os cionn na mara mar gum biodh damhan-allaidh air snàil an lìn. Bha an seana dhuine a bha gu h-àrd cho calma is gun do chum e a chasan ann an tac agus a ghreim air an lon. Thog e an t-eunadair beagan air bheagan gus an d’fhuair e air a tharraing às a’gheodha.”
Bha an t-Urramach Niall MacCoinnich na mhinisteir air Hiort ann am meadhan na naoidheamh linn deug. Chruinnich e mu fhichead pìos bàrdachd air an eilean, cuid mhath dhiubh a tha a’caoidh fireannaich a chailleadh ag eunachd.
’S tric mi ’g amharc, ’s gur cruaidh leam
Far na sguabadh a-mach thu –
Far na choinnich an t-aog thu
’S nach do dh’fhaod thu thighinn dhachaidh.
