Iorram Ùigeach – en

Western Isles

20 May 2020

Le Niall MacMhathain agus Niall MacIlleSheathanaich
Seachdain 21 – 20.05.2020

Air a ghabhail le Rory MacDiarmaid

Faclan

Sèist:
Hi ho ro na horo i o
Hi ho ro na horo i o
Hi ho ro na horo i o
Siùdaibh illean na horo i o.

Hò ro fhearaibh, bithibh smearail
Sèist air luinneag mach o fhearann
Sìnibh oirre sìos an linne
Hò ro illean suas i ’n iorram.

Ràmh air udail, lùbaibh uileann
Liagh an buinne, cùm i siubhal
Crònan cuisle ri a fliuch-bhòrd
Hò ro illean suas i ’n iorram.

Sìaban mara bho a cliathaich
Leum mar earba sheang air fianaich
Còmhla illean, cuiribh dian i
Ùig san t-sealladh, caladh miannach.

An t-àite

Tha baile Ùige, am baile as motha ann an sgìre Thròndairnis san Eilean Sgitheanach, a’ cuairteachadh Bàgh Ùige. Chaidh rathad a thogail eadar Ùig agus Port Rìgh ann an 1812 agus bho mheadhan na naoidheamh linn deug bha cidhe ann an Ùige agus bha aiseagan a’ dol às dha na Hearadh agus a dh’Uibhist a Tuath mar a tha iad an-diugh. Thòisich aiseag chàraichean ann an 1963.

Na h-ùghdairean

Chaidh an t-òran seo fhoillseachadh mar Àireamh 66 ann am MacLaren’s Hebrides Collection of Scottish Songs. Tha e ag ràdh “Iorram Ùigeach, an Uig Boat Song by Neil Matheson. Gaelic Words by Neil Shaw. Arranged by Jean Campbell.” Anns an aon shreath tha Tàladh Thròndairnis, Mòrag à Dùn Bheagain agus An Cala Sèimh cuideachd air an ainmeachadh air Niall MacMhathain.

Chan eil mòran fiosrachaidh ri fhaotainn mu Niall MacMhathain ach gu robh a phàrantan à Cille Mhoire agus à Stafainn ged a chur e fhèin seachad a’ mhòr-chuid de bheatha ann an Sealtainn agus ann an Port Nuadh air Tatha far an robh e air ceann obair a’ phuist. Tha e coltach gur ann ann am Beurla a bhiodh e a’ dèanamh òrain no ag eadar-theangachadh òrain. Mar eisimpleir, b’ e Catriona Dhùghlas às an Eilean Sgitheanach a rinn Mòrag à Dùn Bheagain.

Rugadh Niall MacIlleSheathanaich ann an Duntròin an Sgìre Chille Mhàrtainn ann an Earra-Ghàidheal ann an 1881 ach cha robh e ach naoi mìosan a dh’aois nuair a chaidh a phàrantan a dh’fhuireach a Dhìura. Bho aois sia-deug bha e aig muir ann an iomadh seòrsa bàta, a’ dol cho fada air falbh ri New York agus Rangoon. Thug e co-dhiù dà bhliadhna a’ seòladh sa mhuir Mheadhan-thìreach eadar Gibraltar agus Istanbul.

Choisinn e prìomh dhuais na bàrdachd aig a’ Mhòd dà bhliadhna an dèidh a chèile, ann an 1911 agus 1912. Rinn e mòran òrain, nam measg An t-Eilean Gleannach Bòidheach, Beannaibh mo Ghràidh agus Mo Rùn Chailin. Rinn e cuideachd moran eadar-theangachaidhean do Harold Bolton, nam measg Over the Sea to Skye agus An Coronach.

B’ e Rùnaire agus Eagraiche a’ Chomuinn Ghàidhealaich bho 1913 gu 1954. Thug e dà bhliadhna an uairsin mar cheann-suidhe a’ Chomuinn. Chaochail e ann an 1961.

Iorram

Tha faclair Eideard Dwelly a’ mìneachadh iorram mar òran bàta, òran iomraidh, duan sàrachail, òran a tha air a sheinn airson obair de sheòrsa sam bith aotromachadh, no mar rud a tha air a ràdh uair is uair. B’ e iorram a chante cuideachd ri seann seòrsa meadaireachd a bha na bàird chlasaigeach a’ cleachdadh.

Coltach ri obraichean mar snìomh, bleith, bleoghain, dèanamh ime agus luadh chlò, chan eil teagamh nach robh òrain air an cleachdadh gus an obair chruaidh a bha aig fir ag iomradh a dhèanamh na b’fhasa, gu h-àraid nuair a bha aig grunn ràmhaichean ri tarraing còmhla.

Tha an leabhar A Summer in Skye leis a’ bhàrd Albannach Alexander Smith (1829 -1867) ag innse mu shia seachdainean a chur e seachad san eilean ann an 1864. Bha e pòsta aig Flòraidh NicDhòmhnaill, nighean tuathanaich san Òrd ann a Slèite, agus air a shlighe dhan eilean a’ bhliadhna ud, chaidh aige air bàta-siùil fhastadh dhaibh ann an Loch Carrann airson an toirt a-null dhan Àth Leathann.

“About ten we passed the rocky portals of the loch on the last sigh of evening and stood for the open sea. The wind came only in intermitting puffs, and the boatmen took to the oars. The transparent autumn night fell upon us; the mainland was gathering in gloom behind, and before us rocky islands glimmered on the level deep. To the chorus of a Gaelic song of remarkable length and monotony the crew plied their oars and every plash awoke the lightning of the main. The sea was filled with elfin fire.”

Chan eil Iorram Ùigeach fada no dòrainneach.

← Back to songs list