Marbhrann do Iain Garbh Mac Ghille Chaluim Ratharsair – en

Western Isles

21 January 2021

Le Màiri NicLeòid
Seachdain 48 – 21.01.2021

Air a ghabhail le Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein

Faclan

Mo bheud ’s mo chràdh
mar dh’ èirich dha
’n fhear ghleusta ghràidh
bha treun san spàirn
’s nach fhaicear gu bràth an Ratharsair.

Bu tu ’m fear curanta mòr
bu mhath spionnadh is treòir
od mhullach gud bhròig,
od uilinn gud dhòrn:
Mhic Mhuire, mo leòn
thu bhith ’n innis nan ròn ’s nach fhaighear thu.

Bu tu sealgair a’gheòidh,
làmh gun dearmad gun leòn,
air ’m bu shuarach an t-òr
thoirt a bhuannachd a’ cheòil,
is gun d’ fhuair thu nas leòr ’s na chaitheadh tu.

Bu tu sealgair an fhèidh
leis an deargte na bèin;
bhiodh coin earbsach air èill
aig an Albannach threun;
càit am faca mi fhèin
aon duine fon ghrèin
a dhèanadh riut euchd flathasach?

Spealp nach dìobradh
’n cath non strì thu,
casan dìreach
fada fìnealt:
mo chreach dhìobhail,
chaidh thu dhìth oirnn
le neart sìne,
làmh nach dìobradh cathadh oirr.

Och, m’ eudail bhuam
gun sgeul sa chuan
bu ghlè mhath snuadh
ri grèin ’s ri fuachd –
’s e chlaoidh do shluagh
nach d’ fheud thu nuair a ghabhail oirr’.

Mo bheud ’s mo bhròn
mar dh’èirich dhò –
muir beucach mòr
a’ leum mud bhòrd,
thu fhèin ’s do sheòid,
nuair reub ur seòil,
nach d’ fheud sibh treòir a chaitheadh oirr’.

’S e dh’fhàg silteach mo shùil
Faicinn d fhearainn gun sùrd,
Is do bhaile gun smùid
Fo charraig nan sùgh,
Dheagh Mhic Chaluim nan tùr
À Ratharsair.

Is e an sgeul cràiteach
Don mhnaoi dh’fhàg thu,
’S do d’ aon bhràthair,
A shuidh nad àite;
Diluain Càisge,
Chaidh tonn bàithte ort;
Craobh a b’ àird den abhall thu.

Na h-àiteachan

Bhàthadh Iain Garbh Mac Ille Chaluim Ratharsair anns a’ Chuan Sgìth, air Dihaoine na Ceusda sa bhliadhna 1671.

An t-ùghdair

Bhuineadh Màiri NicLeòid, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh do theaghlach uasal, Clann Alasdair Ruaidh, meur de Chloinn ’ic Leòid aig an robh Hiort am measg àiteachan eile. Tha cuid a’ cumail a-mach gun d’ rugadh i ann an Roghadal sna Hearadh timcheall air 1569 ach tha cuid eile dhen bheachd gun d’rugadh i timcheall air 1615 agus gur e ban-Sgitheanach a bh’ innte. Ann an aon dàn tha i ag innse gun do chur i seachad pàirt de h-òige ann an Uilbhinis san Eilean Sgitheanach.

Bha i na banaltram aig dithis de Chloinn Choinnich na Comraich agus aig Cloinn ’ic Leòid ri linn còignear chinn-feadhna – Iain Mòr, a mhac Ruaraidh, Iain Breac, a mhac-san Ruaraidh, agus Tormod. Tha e coltach gun do chuir i ùine seachad am Beàrnaraigh na Hearadh, aig Tobhta nan Craobh faisg air taigh Shir Tormod, agus gu robh i tric anns an Eilean Sgitheanach.

Bha spèis air leth aice do Shir Tormod Bheàrnaraigh, an treas mac aig Ruaraidh Mòr, a chaochail air 3 A’Mhàirt, 1705. Cha b’ e bàrd ionnsaichte a bh’ innte anns an t-seann dòigh, ged a bhiodh i tric ri moladh nan cinn-feadhna mar a bhiodh iadsan. Tha blàths agus faireachdainnean domhainn ann an dàin leithid “Marbhrann do Shir Tormod” agus “An Talla am bu ghnàth le MacLeòid”.

Mar a tha i ag innse ann an dàin mar “An Tuireadh” agus “Luinneag MhicLeòid” thug i greis air fògradh à Dùn Bheagain, ged nach eil fios cinnteach carson.

A rèir beul-aithris bha i 105 an uair a bhàsaich i agus chaidh a tiodhlacadh ann an Eaglais Roghadail sna Hearadh far an robh uaislean Cloinn ’ic Leòid air an tiodhlacadh aig an àm sin. Dh’iarr i a bhith air a tiodhlacadh le “beul nam breug” foidhpe, mar gum biodh air a dhùnadh. Chaidh a’ phìobaireachd “Cumha Màiri nighean Alasdair Ruaidh” a dhèanamh le fear de Chlann ’ic Cruimein, pìobairean nan Leòdach ann an Dùn Bheagain.

Faodar an tuilleadh den bhardachd aice a leughadh san leabhar Òrain agus Luinneagan Gàidhlig le Màiri nighean Alasdair Ruaidh: Gaelic Songs of Mary MacLeod. deasaichte le Seumas Carmichael Watson, Scottish Gaelic Texts Society Vol.9, 1982.

An t-òran

’S e cumhachd a’ chuain agus cuideachd ’s dòcha droch bhuaidh deoch-làidir a dh’adhbharaich an call beatha a tha air a chomharrachadh san òran. Aig àm na Càisge, 1671, bha Iain Garbh MacIlle Chaluim, Triath Ratharsair, ann an Leòdhas aig a’ bhaisteadh aig pàiste le MacCoinnich, Iarla Shìophort A rèir aithris, mus do sheòl e fhèin ’s a chompanaich air ais dhachaidh bha iad air a bhith ag òl. Sheòl iad ged a bha droch aimsir ann agus chaidh a’ bhirlinn aig Iain Garbh a dhìth, agus chaidh e fhèin agus a chompanaich a bhàthadh.

Bha mòran dhen bheachd gur e buidseachd a dh’adhbharaich am bàthadh. Ann an Ortha nan Gaidheal (Carmina Gadelica) Leabhar 5, tha Alasdair MacIlleMhìcheil ag ràdh:

“It is said that he was drowned through the machinations of his own muime, who employed several famous witches to raise the tempest in which he was drowned. These were Spòg Bhuidhe of Màiligir in Skye; Gormshùil from Cràcaig in Skye and Doideag Dhubh from Duart in Mull.”

Ach grìobh an t-Urr. Seumas Friseal mun tubaist ann an 1671:

“This April the Earl of Seaforth duelling in the Lewes, a dreadful accident happened. His lady being brought to bed there, the Earle sent for John Garve M’kleud, Laird of Rarzay, to witness the christening; and, after the treat and solemnity of the feast, Rarsay takes leave to goe home, and, after a rant of drinking uppon the shoare, went aboord off his birling and sailed away with a strong north gale off wind; and whither by giveing too much saile and no ballast, or the unskillfulness off the seamen, or that they could not mannage the strong Dut(ch) canvas saile, the boat whelmed, and all the men dround in view of the cost.”

Rinn Pàdraig Mòr MacCruimein a’ phìobaireachd ris an canar Cumha Iain Ghairbh dha agus a rèir seanchais bha tè de na peathraichean aige a rinn tuireadh dha a h-uile Dihaoine fad bliadhna as dèidh sin.

Tha naidheachdan mu Iain Garbh anns na Transactions of The Gaelic Society of Inverness, Vol. XX1X (1914-1919), anns an leabhar The Gaelic Otherworld, deasaichte le Raghnall Mac Ille Dhuibh (Birlinn 2005) agus ann an Duanagan, Dàin is Dualchas à Eilean Ratharsair, Fladaidh is Eilean Tighe, le Urras Dualchas Ratharsaidh, 2001.

← Back to songs list