Mhòrag ’s na hò ro gheallaidh – en

Western Isles

1 July 2020

Gun Urra
Seachdain 27 – 1.7.2020

Air a ghabhail le Amy NicAoidh

Faclan

Sèist: O hì hogaidh ò
Mhòrag ‘s na ho ro gheallaidh
O hì hogaidh ò.

’S muladach ’s muladach tha mi
dol dhan tràigh a bhuain feamad.

Dol dhan tràigh is gun mi eòlach
’s gun na gillean òg aig baile.

Dol dhan tràigh a bhuain a’ mhaoraich
’s nach fhaic mi mo ghaol a dh’fhearaibh.

Cha b’ ann an taigh fàs nam ònrachd
fhuair mi eòlas air mo leannan.

Calpa grinn an stocainn bhàin
a dhìreadh a’ bheinn àrd gun anail.

Nuair a dheigheadh tu dhan bheinn fhiadhaich,
bu throm do thriall chun a’ bhaile.

Led ghunna, led adhairc fhùdair,
do ghillean ’s do chù na dheannaibh.

An t-òran

Anns an òran luaidh seo tha boireannach a’ gearain gu bheil aice fhèin ri dhol a bhuain feamainn agus maorach, ’s dòcha bàirnich, faochagan, feusgain no fiùs eisirean, is gun na fir a bu chòir a bhith ris an obair seo aig baile. Tha i a’ moladh a leannain, ag innse cho eireachdail ’s a tha e agus cho comasach mar shealgair.

Feamnadh

Tha cladaichean taobh siar na h-Alba fìor mhath airson feamainn a chruinneachadh agus bha na seann Ghàidheil a’ dèanamh sin, cuid dhith airson mathachadh na talmhainn agus cuid eile a bhiodh iad ag ithe.

Mar eisimpleir, bhiodh iad a’ cruinneachadh agus a’ tiormachadh cairgein airson seòrsa de shlaman a dhèanamh agus bidh cuid a’ dèanamh sin fhathast. Bhiodh iad cuideachd ag ithe duileasg agus a’ghlasag mar eisimpleir, amh no air am bruich. Bhite a’ toirt feamainn chìreanach don chrodh.

Ann an Òran nan Stamh tha Aladasair Dòmhnallach ag innse mu chuid de na seòrsaichean feamainn a bha a’ tighinn gu tìr air cladaichean Uibhist:

Tha gach seòrsa tighinn gu tìr,
Feamainn chìrein is roc dearg,
Slamhdan, dubh stamh is duileasg mìn
’S gruaigein trì-dhuilleach dearg.

Tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh à Peighinn an Aoireann, ga dhèanamh soilleir ann an Òran an Fheamnaidh gur e obair chruaidh, fhuar, mhì-chàileir a bha ann am feamnadh.

Nuair nì mi ’n gràpa chur sios lem shàil ann
Bidh snìomh air cnàmhan mun teàrn e òirleach;
’S nuair gheibh mi ’m bàrr e – ’s chan ann gun spàirn dhomh –
An truaighe snàthl’ bhios a’ sàs na mheòirean.

Tha Uibhisteach eile, Seonaidh Caimbeul à Taobh a Deas Loch Baghasdal, ag aontachadh is e fhèin a’ dèanamh dealbh air fear a bhios a’ feamnadh:

Bidh e fliuch, salach, a-mach ri droch aimsir,
Todhar sa chladach ’s bidh aige ri falbh leis,
’S mun tig Disathairne gabhaidh e searbhblas.

Ged bhiodh an fheamainn sin ullamh a-màireach,
Feumaidh tu an uair sin bhith ruamhar ’s a’ ràcadh;
’S thèid thu dhan t-sitig ’s cha mheasail an t-àit’ i,
’S bidh tu nas miosa na isean a’ cheàird ann.

Anns an leabhar Bùth Ailig (Clò Ostaig 1988) tha Dòmhnall Iain MacGillEathain à Beàrnaraigh ag innse mun oidhirp a dh’fheumadh croitearan a dhèanamh mur a tigeadh feamainn gu leòr air tìr sa gheamhradh :

“Mur a tigeadh feamainn gu leòr air tìr sa gheamhradh airson todhar, dh’fheumadh daoine feamainn dhubh a ghearradh san earrach gus todhar a’ bhuntàta. ’S ann air sgeirean agus air cladaichean nan eileanan timcheall Bheàrnaraigh a bha iad a’ dèanamh seo. ’S ann ga flodadh ann am ball a bheireadh iad an fheamainn gu tìr. Bha ròp fada an toiseach ga sgaoileadh cruinn timcheall air far an robh iad a’ dol a ghearradh. Bha bagaidean dhen fheamainn air an toinneamh timcheall fad an t-siubhail air an ròp. ’S e am biathadh a chanadh iad ris a seo. Chumadh seo an fheamainn cruinn còmhla fhad ’s a bhiodh iad ga toirt gu tìr. Cha robh am ball furasta a tharraing ach bha dòigh àraid aca air seo a dhèanamh. Bha ròp fada aca a’ tighinn a mach à ròp a’ bhiathaidh agus dh’iomaireadh iad a’ gheòla cho fad air adhart ’s a leigeadh an ròp seo leotha agus an uairsin chuireadh iad a-mach acaire. Cha robh aca an uairsin ach am ball a tharraing suas chun na geòla. Bheireadh seo ùine mhòr. Bha seo a’ tachairt uair an dèidh uair chon an ruigeadh iad tìr.”

Is beag an t-iongnadh gu robh seanfhacal ag ràdh “Is math am biadh feamnaidh aran seagail is ola ròin”, biadh a bheireadh neart do dhuine a bha a’dol a thoirt latha a’ buain feamainn.

Agus tha seanfhacal eile ann, “Nuair a bhios a’ chaora caol, bidh am maorach reamhar”, a’ ciallachadh gur ann as t-earrach a tha maorach math.

← Back to songs list