Òran na Politician – en

Na h-Eileanan Siar

5 February 2020

le Dòmhnall Dòmhnallach
Seachdain 6 – 05.02.2020

Air a ghbhail le Iain Mac a’ Ghobhainn

Faclan

O togaidh mise fonn air an fhonn seo an dràst’
Air long nan crann caol th’ anns a chaolas a’ tàmh,
’S on thàinig i on chuan le rud luachmhor air bòrd,
Tha ’n t-eilean ann an tuaineal ’s an sluagh air an dòigh.

Air madainn gheamhraidh ghaothar, is smùid oirr’ on chuan,
’S ann thàinig i an taobh seo, long aobhach nam buadh,
’S gun cualas an glaodh feadh nan daoine dol suas,
“Tha ’n iùbhrach na slaod ’s gun saod aic air gluasd”.

Fhuair na bodaich còmhla ’s chaidh òrdain mun cuairt,
Sgiobaidhean car dòigheil bhith còmhla ’n ceann uair,
Airson an t-eathar mòr ud a bhòrdadh gu luath,
Gun fhios nach fhaighte stòras ’s rud còir a thoirt bhuaip.

Sin far an robh starraban ’s an seanchas mun tràigh,
Bodaich agus cailleachan ri searmoin ’s ri dàin,
Cha chualas uimhir sglàmhachd is rànaich san àit’,
On thàinig Prionnsa Teàrlach le chabhlach don bhàgh.

Bha sealladh ac’ air bòrd bheireadh sòlas don t-sùil,
Deiseachan is brògan pullovers is gùin,
Sginean agus spàinean nan càrnan ’s gach rùm,
’S chaidh na bodaich gòrach a’ pòcadh ’s gach cùil.

Thàinig rudan innleachdach prìseil am bàrr,
Eadar cìrean mìne, San Izal is teàrr,
Scentaichean is Lysol is Glyco is Sloan’s,
’S gun robh na bodaich bàthte ann an Eau-de-Cologne.

Ach am measg an rùidhlich ’s na h-ùpraid ’s na fuaim,
Gun cualas an glaodh feadh na h-iùbhraich dol suas,
Gun d’ fhuaras an aon rud san t-saoghal bha bhuap’,
Togsaidean leann, inneil-ciùil, is stuth cruaidh.

Chaidh na bodaich faoin ’s iad a’ slaodadh am bàrr,
Fodha chon nan sùilean a grùdach san teàrr,
’S cha b’ fhiach is cha b’ fhiù leotha aon fhear no dhà,
Ach na chumadh smùidean ri ’n daoine gu bràth.

Dh’èigheadh cailleach chrùbach ’s i slaodadh nan clèibh,
“Dùin do bheul a Dhùghaill ’s tu ’n còmhnaidh mun Haig,
’S ann annad tha ’n t-ùmpaidh, tha ’n caothach ort a bhèist!”
Ach mus deach an stuth fon ùir ’s ann bha smùid oirre fhèin.

Facail à Sùil ri Cladach air fhoillseachadh le Acair, Steòrnabhagh 1992

Cuspair an òrain

Air an dàrna latha den Ghearran 1941 chaidh am bàta, an SS Politician, air na sgeirean mu leth mhìle an earra-dheas air Calbhaidh, eilean beag an ear air Èirisgeigh. Bha i air Liverpool fhàgail beagan làithean ron a seo ’s i a’ dol air bhòidse gu ruige Kingston ann an Iamaica. Bha còrr air fichead mìle ceas uisge-beatha anns na tuill aice, a bharrachd air iomadh seòrsa bathar eile.

Bha uisge-beatha anabarrach gann sna h-eileanan àm a’ Chogaidh agus shaoil cuid de dh’ eileanaich gur e deagh chothrom a bha seo drama no dhà fhaighinn an asgaidh.Rinn iad sin a dh’ aindeoin saothair Theàrlaich MhicColla, an t- oifigear cuspain a bha ann an Uibhist aig an àm. Cha robh muinntir nan eilean dhen bheachd gur e goid a bha seo idir, ged a bha MacColla, agus tha e coltach gu robh tosd aig bodaich Èirisgeigh aig an àm sin – “Deoch-slàinte an fhir nach fhaca Calbhaigh!”

An deidh làimh chaidh fireannaich fhaighinn ciontach airson goid sa chùirt ann an Loch na Madadh agus fhuair cuid dhiubh càin agus cuid eile binn prìosan ann an Inbhir Nis agus Ceann Phàdraig.

B’ e seo an sgeulachd a chleachd Sir Compton MacCoinnich airson an leabhar Whisky Galore agus rinn Ealing Studios film leis an aon ainm stèidhichte air an leabhar. Tha am Politician fhathast air grunnd na mara far an deach i às an rathad ged nach eil dad dhith ri fhaicinn bhon tìr.

Chaidh leabhar Polly – the True Story Behind Whisky Galore, air a sgrìobhadh le Roger Hutcheson, fhoillseachadh ann an 1991 le Mainstream ann an Dùn Èideann.

An t-ùghdair

Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach, (Dòmhnall Eachainn ’ac Dhòmhnaill ’ic Aonghais no Dòmhnall Èirisgeach) ann an Èirisgeigh ann an 1912.
An dèidh a bhith ann an Sgoil Dhalabroig agus Àrd-sgoil a’ Ghearasdain chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu. An dèidh ceumnachadh agus trèanadh mar neach-teagaisg, fhuair e a chiad obair mar thidseir ann an Sgoil Eòlaigearraidh am Barraigh. Ghluais e às an sin ann an 1937 gu Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, far an robh e airson 11 bliadhna.

Phòs e Ceit Nèill ’illeasbaig Nèill Eòin à Brèibhig ann am Barraigh ann an 1949, dà bhliadhna an dèidh tilleadh air ais a dh’ Èirisgeigh. Bha ceathrar theaghlach aca agus cha do ghluais iad a-riamh às an eilean. Bha Dòmhnall an sàs ann an iomadh pròiseact is iomairt a bheireadh adhartas air an eilean agus air cor nan daoine, eadar ball-coise is iasgach agus Co-chomann Èirisgeigh.

Chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Inbhir Nis ann an 1949. Chaidh an leabhar aige Rannan à Eilean na h-Òige, anns a bheil bàrdachd, laoidhean agus òrain, fhoillseachadh le Gairm ann an 1981.

Chaochail Dòmhnall Èirisgeach ann an 1989.

← Back to songs list