Puirt-à-Beul – en

Càit’ am bi na maraichean? & Ho ro bioran aige

Western Isles

15 January 2020

Gun Urra
Seachdain 3 – 15.01.2020

Air a ghabhail le Jenna Chuimeanach

Càit’ am bi na maraichean?

Grinn, donn, sgiobalta, mo ghiobag air an ùrlar (x3)
Cha robh giobag idir ann cho sgiobalt’ ris an t-seanmhair.

Càit’ am bi na maraichean an oidhch’ a bhios an gèil’ ann? (x3)
Dannsa le na caileagan an taighean-sgoile Lerwick.

Càit’ am bi na maraichean an oidhch’ a bhios an sian ann? (x3)
Dannsa le na caileagan an taighean geala Ghrianaig.

Càit’ am bi na maraichean an oidhch’ a bhios am bùrn ann? (x3)
Ag iasgach nan adagan a-mach à Port nan Giùran.

Bàta mòr na litrichean a-nochd a’ tighinn à Èirinn (x3)
Litir bho mo chaileag innt’ ’s gu cinnteach thèid a leughadh.

Null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èirinn (x3)
Null thar nan eileanan dh’Ameireagaidh gun tèid sinn.

Ho ro bioran aige

Ho ro bioran aige, bioran aige, bioran aige,
Ho ro bioran aige, toirt nan giomach às an tràigh.

Bioran aige, criolag aige, bioran aige, criolag aige,
Bioran aige, criolag aige, toirt nan giomach às an tràigh.

Càit’ an d’ fhuair thu am bioran ud, càit’ an d’ fhuair thu am bioran ud,
Càit’ an d’ fhuair thu am bioran ud ach an iomair a’ bhuntàta?

Puirt-à-beul

Anns an ro-ràdh a sgrìobh e don deasachadh ùr den leabhar Puirt-à-beul – the vocal dance music of the Scottish Gaels (Keith Norman MacDonald,Taigh nan Teud, 2012) tha an Dr. Will Lamb a’ cumail a-mach gu bheil na puirt nas sine na tha an fhianais sgrìobhte a th’againn a’ cur nar n-inntinn. Tha e ag ràdh nach eil teagamh ann gu robh iad air an cleachdadh airson dannsa. Chrìon an cleachdadh aon uair ’s gun do dh’fhàs e na b’ fhasa innealan-ciùil fhaighinn air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan, ’s dòcha bhon ochdamh linn deug air adhart.

Tha an Dr. Lamb a’ sgrìobhadh: It is almost inconceivable that Gaelic speakers only began to dance socially upon the widespread acquisition of modern instruments and the filtering down of customs from the upper classes. It seems much more likely that dance songs were alive and well when these developments began – just as dance itself was alive and well – and that the new dance and instrumental trends were assimilated into Gaelic culture, rather than simply transforming it. In other words the pre-existing genre of puirt-à-beul was probably expanded – in terms of melody, form and repertoire – and changed by the influences of the instrumental tradition, but dance songs, in all likelihood, were already an institution in the Gaelic world when these influences arrived.

An-diugh ’s gann gu bheil seinneadair no còmhlan ann nach bi a’ seinn phort-à-beul, air àird-ùrlair agus air clàir, gun gnothaich aca ri dannsa. Tha farpaisean air an son aig a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta agus tha daoine measail orra. An-dràsta ’s a-rithist cluinnear port tur ùr.

Gu bitheanta tha iad goirid, le na h-aon fhacail a’ nochdadh a-rithist is a-rithist. Tric chan eil na facail a’ dèanamh mòran ciall san latha an-diugh oir chan eil lorg againn air na daoine no na suidheachaidhean a thug cuspair do na h-ùghdairean. Tha na puirt mar is trice gun urra.

Anns a’ chumantas ’s e srath-spèithean no ruidhlean a th’annta ach cuideachd gheibhear caismeachdan is sigean nam measg agus tha cuid ann a tha neo-riaghailteach a thaobh ruitheam.

Tha Càit’ am bi na maraichean na chuimhneachan air na làithean a bha fireannaich às na h-eileanan a’ dèanamh bith-beò aig an iasgach, gu h-àraid iasgach a’ sgadain. Bha mòran bhoireannaich òga cuideachd a’ dèanamh bith-beò aig cutadh an sgadain ann an àiteachan mar Lerwick ann a Sealtainn, A’ Bhruaich air oirthir Siorrachd Obar Dheathain, Lowestoft agus Yarmouth air oirthir a’ Chuain a Tuath.

Tha Ho ro bioran aige na chuimhneachan air àm nuair a dh’fhaodadh duine a dhol dhan tràigh is giomaich a ghlacadh ann an sgoran a’ chladaich le bioran no brod no sgrìoban. An uairsin bheirte dhachaidh iad ann an criolaig no basgaid no cliabh beag.

← Back to songs list