Suas an Fheamainn – en
Western Isles
29 January 2020
Le Iain M Dòmhnallach
Seachdain 5 – 29.01.2020
Air a ghabhail le John Murdo ‘Pordy’ Martin
Faclan
Sèist
Suas an fheamainn their na seòid
Suas an fheamainn gu Fear Cheòis
Suas an fheamainn their na seòid
O, gu bheil òr sna sgeirean sin
Thig an fheamainn às gach ceàrn
À Lacasaidh ’s à Gearraidh a’ Bhàird
Gu bheil feadhainn an-diugh air sàl
Nach aithnich ràmh bho spineacair
Coma leam an-diugh den dole
National no form O
Gheibh thu obair ann an Ceòs
Ged bhiodh tu over 70
Chan eil duine th’ ann an Ceòs
Biodh e beag no biodh e mòr
Nach eil le corran aig na dhòrn
A’ ruith nan òb ’s nan cladaichean
Cha bhi guth a-nis air clò
Cha bhi beairt a’ dol an Ceòs
Nì i spiris dha na h-eòin
’S cha tèid clò gu suthainn innt’
Chan eil càil a tha san tìr
Bho fertilizer gu cìr-mhìn’,
Nach tèid a dhèanamh air a’ Ghlìob
Ma bheir sinn fhìn an fheamainn thuc’
Ni iad plastics de gach seòrs’
’S gheibh sinn nylons ann gu leòr
Ni iad carpets agus ròp
Cremola agus iodine
Chan eil duine beag no mòr
No eadhon cailleach sa bheil treòir
Nach eil le feamainn ann an ròp
Ga shlaodadh chun na factaraidh
Chan fhacas “Piseag” riamh san tràigh
Ach tha e ’n-diugh ann leis a’ ghràp,
Is e le ìnean aige ’n sàs
Ri cur an àird an fheamainn thuc’
Bidh “An Coileach” anns an dùn
Is e na mhullach, sin a chliù,
Is e le spògan a’ cur smùid
Den sgùilleach feadh nan cladaichean
Bidh gach aingidh ’s duine naomh
Air a’ chladach taobh ri taobh,
Is iad le chèile dèanamh mhaois
Ged tha caochladh creideamh ac’
Chunnacas fear bhon Acha-Mhòr
’S farmad aige ri Fear Cheòis
’S e cur salainn dha na lòin
An dòchas gun tig feamainn annt’
Facail à Sgìre a’ Bhradain (Comann Eachdraidh Cheann a’ Loch, 2010)
An t-àite
Tha Ceòs air cladach a tuath Loch Eireasort ann an Sgìre nan Loch, Leòdhas. B’ e tuathanas a bh’ anns a’ bhaile gu mu mheadhan na h-ochdamh linn deug. Nuair a cheannaich Sir Seumas MacMhathain Leòdhas ann an 1842 bha e airson a chaisteal a thogail ann an Ceòs ach dhiùlt an eaglais fearann a reic ris agus thog e an caisteal ann a Steòrnabhagh. Ann an 2016 cheannaich a’ choimhearsnachd an oighreachd.
Cuspair an òrain
Chaidh an t-òran èibhinn seo a sgrìobhadh ann an 1965 nuair a dh’fhosgail factaraidh airson feamainn a ghiullachd air Eilean Thabhaidh ann an Ceòs. B’ ann leis a’ chompanaidh Alginate Industries Ltd., aig an robh factaraidhean mar eisimpleir anns na h-Uibhistean agus an Tiriodh, a bha factaraidh Cheòis. Bha dùil gun toireadh i obair làn-ùine do naoinear ach bhiodh feum air mòran a bharrachd dhaoine airson an fheamainn a bhuain. B’ e A’ Phiseag agus An Coileach na far-ainmean aig dithis fhireannach à Ceòs.
Bho riamh bha Gàidheil a bha a’ fuireach faisg air cladaichean a’ cleachdadh feamainn airson talamh a mhathachadh ach bha feamainn cuideachd feumail ann an gnìomhachasan.Tha alginate, seòrsa de shalann a thathas a’ giullachd à feamainn, air a chleachdadh mar eisimpleir ann an stuthan meidigeach, ann am fiaclaireachd agus ann am maise-gnùise, ann an deochan, reòiteagan agus silidh.
An t-ùghdair
B’ ann à Lacasaigh, Na Lochan, Leòdhas, a bha Iain M Dòmhnallach, John Murdo Eachainn mar a b’ fheàrr a dh’ aithnichear e. Rugadh e ann an 1932 agus b’ e a thòisich a’ chompanaidh shoirbheachail Hebrides Haulage. Bha e pòsta aig Ceiteag NicAoidh bhon an Acha Mhòr agus bha ceathrar chloinne aca.
Le ùidh mhòr aige ann an eachdraidh, dualchas, bàrdachd agus òrain, bha John Murdo am measg an fheadhainn a thòisich Comann Eachdraidh Cheann a’ Loch, a tha an-diugh stèidhichte anns an t-seann sgoil ann am Baile Ailein. Bha e an sàs ann an iomadh buidheann san sgìre agus bha ionndrainn mhòr air nuair a chaochail e ann an 2010. Chaidh an leabhar Sgìre a’ Bhradain: Bàrdachd bho Cheann a’ Loch fhoillseachadh ann an 2010 le Comann Eachdraidh Cheann a’ Loch mar chuimhneachan air.
