Tha mo spiorad cianail – en

Western Isles

4 March 2020

Facail le Murchadh Fearghasdan
Seachdain 10 – 04.03.2020

Air a ghabhail le John Murdo ‘Pordy’ Martin

Faclan

Tha mo spiorad cianail
Gach latha tha sa bhliadhna
’S e dh’fhàg mi òg ri liathadh
Nach fhaod mi triall do chladaichean.

Cha chluinn mi sàl rim chliathaich
A’ tràthadh no ri lìonadh
’S na bàtaichean ri iasgach
Gu rianail mu do chamasan.

Chan fhaic mi stamh no maorach
No ’n duileasg milis craobhach
Ged ’s tric a bha mi crùbach
Gam buain far taobh nan carachan.

San fheasgar ceòthar bàghach
Nì an eathar seòladh sàmhach
Cha chluinn mi fuaim nan ràmh aic’
No fuaim an t-sàl mun toiseach aic’.

Cha chluinn mi dìosg nan cliabh aic’
Nuair bhios iad a’ toirt an èisg aist’
’S na balaich bheag ag èigheachd
A’ ruith ’s a’ leum ’s iad casruisgte.

An t-àite

’S e baile beag anns an Rubha a Leòdhas a th’ ann am Port Bholair. The e mu naoi mìle à Steòrnabhagh, air an rathad gu taigh-sholais an Tiumpain. Chaidh an solas seo air airson a’ chiad uair ann an 1900. Tha àiteachan iasgaich faisg air port Bholair a tha cho math ’s a tha ri fhaighinn an àite sam bith sna h-Eileanan an Iar, co-dhiù tha thu dol a-mach air eathar no ag iasgach bho Foitealar no Bilidh Mhòr.

Tha an leabhar Casan Searraich le Calum Fearghasdan (Acair 2014) a’ toirt dealbh air beatha sa bhaile ron Dàrna Cogadh agus as dhèidh.

An t-ùghdair

B’ ann à Port Mholair a bha Murchadh MacCoinnich Fearghasdan, Mhurchadh Bhob. Rugadh e air 11 Sultain, 1923. Ged a bha e ag ionnsachadh marachd san sgoil, chionns gu robh athair na mharaiche is an cogadh air tòiseachadh, cha leigeadh a mhàthair leis a dhol gu muir. Thàinig e do Ghlaschu ann an 1940 is thug e a-mach a cheàird mar fhear-tarraing aig gàrradh-iarainn Barkley Curle air Abhainn Chluaidh. Fhuair e eòlas air einnseanaireachd cuideachd.

Stèidhich e an companaidh aige fhèin airson obair leasachaidh a dhèanamh air taighean-òsta agus clubaichean agus àirneis a dhèanamh dhaibh cuideachd. Aig aon àm bha còrr air fichead saor ag obair aige. B’ e cuideachd a chur air chois an Caledonian Music Company a bha a’ cur a-mach chlàir de dh’òrain Ghàidhlig agus de cheòl Gàidhealach fon ainm Gaelfonn. Bha an oifis aig Gaelfonn aig 102 Sraid Maxwell ann an Glaschu agus b’ e “Lòn-dubh na h-Albainn” an suaicheantas a bha aig a’ chompanaidh.

’S iomadh seinneadair agus neach-ciùil a rinn clàir còmhla ri Gaelfonn. Nam measg bha Flòraidh NicNèill, Dòmhnall MacLeòid à Ìle, Dòmhnall MacRath, Hoddan Dòmhnallach, Còisir Ghàidhlig Ìle, Na Peathraichean Dòmhnallach agus Tommy Darkie. Dh’fhoillsich Gaelfonn cuideachd Sàth, cùrsa Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air a sgrìobhadh le Calum, bràthair Mhurchaidh.

Bha Murchadh aithnichte mar sheinneadair air an robh luchd-èisteachd rèidio agus luchd-frithealaidh chonsartan glè mheasail. Bha e pòsta aig Mòrag Catriona Bochanan, a thogadh ann a’ Sanndabhaig agus bha triùir chloinne aca.

Ged a bha Murchadh trang na fhear-gnìomhachais ann an Glaschu, cha do dhiochuimhnich e Port Bholair. Tha an spèis a bh’ aige dhan àite, dha muinntir an àite, gu h-àraid na h-iasgairean agus an dòigh-beatha aca, follaiseach anns an òran Tha mo spiorad cianail agus ann an rainn mar:

Gu tràth anns a’ mhadainn
Tro uisg’ agus cabhadh
A sgùilean fon achlais ’s an acainn nan dòrn;
Gach iasgair le cabhaig
Dol sìos tro na claisean
An geall bhith air cladach nas aithghearr nan còrr.

’S cho luath ‘s tha na balaich
Air buannachd a’ chladaich
Thèid gualann ri darach is tapachd gu feum;
’S thar ghainmheach is fheamainn
Is stamh a’ chinn shleamhainn
Air snàmh gheibh an t-eathar ’s gach fear innte leum.

An dèidh dà fhichead bliadhna ann an Glaschu thill Murchadh a dh’fhuireach a Phort Bholair. Sin far an chaochail e air 11 An Gearran 2005 aig aois 82.

← Back to songs list