Tobar Tobar Sìolaidh – en

Western Isles

30 July 2020

le Murchadh MacPhàrlain
Seachdain 31 – 30.7.2020

Air a ghabhail le Donnchadh Macleoid

Faclan

Le mo chearcall ’s mo chuman,
Thug mi ’n turas bu dìomhain
Dhan an tobar ’n-diugh mochthràth
’S neach eile air a dèabhadh.

Sèist:

Tobar, tobar, sìolaidh
Tobar, tobar, sìolaidh
Tha nighean an Rìgh ri ’g iarraidh deoch,
Deoch rìoghail dhi na h-ìotadh,
’S na èireadh sàl od ìochdar.

B’ e seo a’ bhun-obair,
Feitheamh tobar ’s gun drùgh innte
’S mo bhuntàta gun phriogadh
’S mo mhòine gun rùghadh.

Thig, a dhìle, fo mhadainn,
Thig, a dhìle, fo oidhche;
Cuir le fìor uisge air flad i,
Mo thobar, ’s bheir dhuinn uisge.

Tha mo shnìomh agus m’ fhighe,
Tha mo nighe gun dhèanamh;
’S mi seo na mo shuidhe
Nuair dh’fhaodainn bhith gnìomhach.

Tha mo chrodh gun am bleoghan,
’S tha togte mo mhiasan,
Agus m’ uachdar sa mhuidhe
’S mo ghruidheam gun dèanamh.

Tha na fir am Beinn Chailein
A’ bearradh nan caorach,
Agus agamsa ’n-diugh fhathast
Ri dhol dhan tràigh mhaorach.

Dh’fhàg mi bhò anns na claisean
’S goididh fochann air fàth i;
Dh’fhàg mi cas-ghoil a’ phrais air –
’S mòr m’ eagal gun tràigh i.

Dh’fhàg mo chagairean lurach
Sa chreathaill na shuain mi;
Chan urrainn mi fuireach
Nas fhaide riut, fhuarain.

Na facail bho An Toinneamh Dìomhair (Gasaet Steòrnabhaigh, 1973)

Tobraichean

“Cladhaich an tobar mun tig an pathadh” tha aon sheanfhacal ag ràdh, mar chomharra air cho cudromach is a bha tobraichean aig àm nuair a bha daoine nan eisimeil airson uisge glan a dh’ òladh iad no leis an dèanadh iad tì.

Glè thric b’ e an òigridh a dh’fheumadh a dhol a dh’ iarraidh làd bùrn às an tobar. Sgrìobh Catriona Nic Nèill, a rugadh am Barraigh an 1911, anns an leabhar aice Mo Bhrògan Ùra (Gairm, Glasgow 1992):

“Cha chuireadh e gruaimean oirnn dol don tobar nuair a bha sinn òg agus a bha gach seòrsa de fhlùraichean brèagha air an rathad ga ionnsaigh, a bhiomaid a’ buain. Saoilidh mi gu faic mi fhathast iad agus gu faigh mi am fàileadh aca, agus aig àm gearradh an fheòir bha fàileadh na seamraig cho làidir a’ tighinn air a’ ghaoith mar chùbhras na meala.

Sa gheamhradh, nuair a thigeadh an droch shìde ge-tà, cha robh e cho tlachdmhor a bhith dol fodha sna lubaichean ged bha an t-uisge ri thoirt dhachaidh air an aon dòigh às an tobar.”

Glè thric bhiodh cearcall fiodh air a chleachdadh airson na peilichean uisge a chumail gun bualadh ann an casan an neach a bha gan giùlain. Bha na cearcaill cruinn agus bha seòrsa ceithir-cheàrnach ann cuideachd.

Tha mòran chreideasan co-cheangailte ri tobraichean air feadh na dùthcha. Bha feadhainn ann gum biodh daoine a’ dol chionns gu robh iad a’ creidsinn gun robh an t-uisge a bha annta math airson tinneasan a leigheis, mar eisimpleir Tobar Chaluim Chille ann am Barraigh, Tobar Chuidhearaigh ann an Uibhist a Tuath, An Gamhnach ann am Beinn na Faoghla, Tobar nam Buadh ann a Hiort agus Tobar Loch Shianta an Taobh Tuath an Eilein Sgitheanaich.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu thobraichean is cho cudromach ’s a bha iad ann am beatha làitheil dhaoine faicibh an leabhar Tobraichean Slàinte anns na h-Eileanan an Iar le Fionnlagh MacLeoid (Acair 2000)

An t-ùghdair

Rugadh agus thogadh Murchadh MacPhàrlain ann am Mealabost, faisg air Steòrnabhagh ann a Leòdhas air 15 An Gearran 1901. Anns an sgoil dh’ ionnsaich e Beurla, Laideann agus beagan Frangais ach cha d’fhuair e a-riamh leasan Gàidhlig.

An dèidh greis a thoirt ag obair don Mhorair Leverhulme chaidh Murchadh a Chanada far an tug e grunn bhliadhnaichean ann am Manitoba, àite nach do chòrd ris. Thill e air ais a Leòdhas ann an 1932 agus a bharrachd air seirbheis nàiseanta a dhèanamh eadar 1942 agus 1945 chuir e an còrr de bheatha seachad ann am Mealabost ri obair croite. Cha do phòs e a-riamh.

Bhiodh e fhèin a’ cur fuinn ri na h-òrain aige mar a bha e gan dèanamh agus anns na 70an dh’fhàs daoine eòlach agus measail air cuid dhiubh chionns gu robh iad air an seinn gu h-àraid leis a’ chòmhlan Na h-Òganaich. Tha na dàin aig Murchadh air iomadh cuspair, nam measg seann chleachdaidhean mar dol dhan tobar no dhan tràigh a dh’iarraidh feamainn, tachartasan a thug buaidh air mar call na h-Iolaire, obraichean traidiseanta mar iasgach agus seòladh agus A’ Ghàidhlig agus cor na Gàidhealtachd. Bha e gu tur an aghaidh cogadh agus sgrìobh e grunn dhàin a’ cur seo an cèill.

Tha cuid de na h-òrain aige làn dibhearsain agus cuid eile dhiubh air leth tiamhaidh. Chaidh dà leabhar de bhàrdachd Mhurchaidh fhoillseachadh, An Toinneamh Dìomhair ann an 1973 agus Dàin Mhurchaidh ann an 1986. Tha leabhar eile Le Mùirn: Murchadh MacPhàrlain agus Mairead NicLeòid le Catriona Mhoireach (FARAM, Glaschu 2016) ag innse mun chàirdeas sònraichte a bha eadar am Bàrd agus prìomh sheinneadair a’chòmhlain Na h- Òganaich.

Chaochail Murchadh MacPhàrlain air 7 An t-Samhain 1982.

An t-òran

Tha an t-òran stèidhichte air seann chleachdadh a bha ann an co-dhiù cuid de sgìrean ann a Leòdhas. Bhiodh tobraichean buailteach tiormachadh as t-samhradh agus nuair a bhite a’ feitheamh gus an èireadh an t-uisge a-rithist bhite a’ cur muga air a bheul fodha san tobar agus ag ràdh “Tobar tobar sìolaidh! Tha nighean an rìgh ag iarraidh deoch!”, an dòchas gun toireadh seo air an uisge èirigh nas luaithe.

Chaidh abairt caran coltach ris a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba bho Anna NicIain ann am Barraigh agus fhoillseachadh anns an iris Tocher, Àireamh13, t.d 165:

Tobar Tobar sìolaidh,
Tobar Tobar sìolaidh;
Nighean rìgh ag òl dighe
’S na gobhair ag èigheach.

Tha rann eile a tha ag ràdh :

Chuir iad mise dhan an tobar
Chuir iad dhan an tobar mi
Chuir iad mise dhan an tobar
Dh’ iarraidh deoch do mhac an rìgh.

Anns an òran tha Murchadh a’cuimhneachadh air an iomadh seòrsa obair a bha an urra ri bean croiteir. Tha e a’ toirt dhuinn dealbh air an obair àbhaisteach a bhiodh aig boireannach ri dhèanamh air latha samhraidh air an tuath ann a Leòdhas – buntàta ri phriogadh, mòine ri rùdhadh, snìomh, fighe, nigheadaireachd, crodh rim bleoghann is rim buachailleachd, ìm is gruth rin dèanamh, maorach ri thoirt à tràigh, biadh ri chòcaireachd, pàiste ri altram agus uisge ri thoirt às an tobar.

← Back to songs list