Tràigh a’ Mhachair’ – en
Argyll and Bute
8 September 2020
Le Donnchadh MacNìmhein
Seachdain 36 – 8.9.2020
Air a ghabhail le Emma Nicleòid
Faclan
Ged a shiubhail mi cian ’n ear ’s an iar fad bhom dhachaigh,
Feadh nan eileanan siar, muir ag iadhadh gach cladach,
Chan fhaca mi àit’, aon a b’ fheàrr leam air thalamh,
Far am faighinn mo shlàint’ ach ri taobh Tràigh a’ Mhachair’.
Chunna’ mis’ thu fo fhèath, an cuan siar ’s gun aon char ort,
Agus chunna mi uair thu fo ghruaim is càir-gheal ort,
’S tric a thuit mi nam shuain ’g èisteachd nuallan do chladaich,
Oir dom chluasan tha ceòl ann an crònan na mara.
Bho Dùn Chroisbrig gu Cùl chan eil caochladh air carraig,
Thu gun chaochladh na tràth’ on a bha mi nam bhalach,
’S tric a chunnaic mo shùil luing fo ’n siùil a’ dol seachad
Air an giùlain gach là air druim-sàl Tràigh a’ Mhachair’.
Nuair a thig ceann mo rèis ’s bhios mi fhèin a’ dol dhachaigh
Dh’ionnsaigh ’n t-seomair bheag fhuar ach ’s am buan bhios an cadal
Gheibh mi fois agus tàmh leis na càirdean nach maireann,
Oir bidh leabaidh a’ bhàird dlùth do ghàir Tràigh a’ Mhachair’.
Facail à Òrain Ìleach, deasaichte le Lynn NicDhòmhnaill (Acair 2017) Tha an ceòl san leabhar cuideachd.
An t-àite
Tha mu dhà chilemeatair a dh’fhaid ann an Tràigh a’ Mhachaire, aon de na tràighean as bòidhche ann an Ìle. Tha Cùl tuath air an tràigh agus tha Croisbrig aig deas. Faisg air an tràigh tha baile beag Chill Chomain, aithnichte mar àite cudromach bho làithean tràth a’ Chreideimh Chrìosdail ann an Earra-ghàidheal. Chaidh an eaglais a tha ri fhaicinn ann an-diugh a thogail mu 1827 ach ron àm sin bha eaglais meadhan-aoiseil air a togail air làraich eaglais na bu shine. Tha eaglais 1827 gun mhullach oirre an-diugh, uinneagan is dorsan dùinte. Sa chladh timcheall oirre tha leacan le snaidheadh meadhan-aoiseil agus seo cuideachd far a bheil a’ chrois ainmeil – Crois Àrd Chill Chomain. Tha a’ chrois, a tha mu ochd troighean is ceithir òirlich a dh’àird, a’ dol air ais chun a’ cheathramh no an còigeamh linn deug. Beagan an iar air an eaglais tha cladh armailteach far a bheil uaighean cuid a chaill am beatha nuair a chaidh HMS Otranto às an rathad sa bhàgh san Dàmhar 1918. Chaill 71 seòladair Breatannach, criutha an t-soithich, am beatha agus 351 saighdear Ameireaganach. Chaidh na cuirp adhlaiceadh an seo an toiseach ach chaidh a’ mhòrchuid de na h-Ameireaganaich a thoirt air ais dha na Stàitean ann an 1920.
An t-ùghdair
Rugadh Donnchadh MacNìmhein ann an 1880 ann an Sgoraig, faisg air Ulapul, far an robh athair, Gilleasbaig, na mhaighstir-sgoile. Thogadh Gilleasbaig ann am baile fearainn Creagan ann an Cill Chomain, agus b’ ann à Taobh Siar Rois a bha a bhean, Ealasaid. Thill an teaghlach air ais a dh’Ìle, a dh’fhuireach ann an Cill Chomain, an dèidh dha Gilleasbaig bàs fhaighinn ann an 1898, mar thoradh air tubaist anns an robh e ann an Glaschu. Bha Donnchadh mu ochd bliadhna deug a dh’aois aig an àm agus on uairsin bha e fhèin agus a bhràthair Teàrlach, a bha cuideachd na bhàrd, a’ dèanamh am bith-beò ag obair air fearann ann an Ìle.
Tha e follaiseach bho am bàrdachd gu robh iad air foghlam fhaighinn. Mar eisimpleir, dh’ eadar-theangaich Donnchadh a’ bhàrdachd ainmeil aig Goethe, Erlkönig, bhon Ghearmailtis gu Gàidhlig. Sgrìobh e iomadh seorsa dàn – air cuspairean a tha a’ sìneadh bho Bhlàr Waterloo gu dàn a bha tric ri chluinntinn aig farpaisean cloinne aig iomadh Mòd – Mo Chuilean Beag. Sgrìobh e dàin molaidh, òrain gaoil, marbhrannan agus òrain mu thachartasan sa choimhearsnachd. Bha e a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla agus tric a’ nochdadh am measg luchd glèidhidh nan duais aig Mòdan Nàiseanta. Bhiodh e cuideachd a’ seinn air consartan.
Chaidh cruinneachadh den bhàrdachd aig Donnchadh agus Teàrlach fhoillseachadh ann an 1936 fon tiotal Bàird Chill Chomain. ’S dòcha gur e A Shlèibhtean Uain Ìle – The Green Hills of Islay, an t-òran as ainmeil a sgrìobh Donnchadh MacNìmhein agus chaidh a chur ann an clò, le ceòl-taic piàna, airson a’ chiad turas ann an 1943.
Chaochail Teàrlach ann an 1944 agus Donnchadh ann an 1955. Thogadh càrn faisg air an làraich far an robh an taigh aca ach chan eil lorg air an taigh fhèin an-diugh.
