Tràigh Shanndaigh – en

Western Isles

18 December 2020

Le Dòmhnall MacCoinnich
Seachdain 44 – 18.12.2020

Air a ghabhail le Coinneach MacNeacail

Faclan

Air do thràigh ghil is àillidh ’s an àileadh tha chlann
Iad ri rùnrach cho sùrdail sna dùin mu do bhràigh,
Tha cho ùrail ’s cho clùthmhor air thiùrradh cho grinn
Aig na tuinn tha ’cur loinn air do thràigh.
Ged is aoibhneas e dhuinne
A bhith cluinntinn na cloinne
A tha cruinn air a’ ghainneimh
Mu do thràigh.
Tha ar n-inntinn ’s ar cuimhne cho fillt’ anns na tuinn –
Is a-chaoidh bidh guth caoidh dhuinn mu d’ thràigh.

Mu do thràigh cluinn an gàir is an ràn aig do thuinn,
Cluinn am beuc is an sèist is an èibh thar an t-sàil,
Cluinn am fuaim ann an sluaisreadh is luasgadh na gaoith
’S na mòr thuinn tha cur loinn air do thràigh.
Tha a’ chaoidh ud gun bhriseadh
Airson shonn agus ghillean
Rinn do thuinn-sa a mhilleadh
Mu do thràigh.
Cluinn an duan is an nuallan an uamhann na h-oidhch’ –
Is a-chaoidh bidh guth caoidh mu do thràigh.

Tha na h-eòin ann gu siùbhlach a’ siùdadh sa ghaoith,
Tha a’ churracag ’s an guilbneach le sùrd orr’ gach tràth.
Tha an fhaoilinn ’s an sùlair a’ faotainn an roinn
Sna mòr-thuinn tha cur loinn air do thràigh.
Eadar Cunndail is Cumail
Tha na h-eòin ud ri siubhal
Tha an glaodh is an guileag
Mar a bhà –
Nuair a bhàthadh san ànradh na sàir is na suinn -*
Is a-chaoidh bidh guth caoidh mu do thràigh.

’S fhad’an là o na dh’fhag iad gach màthair len cloinn
’S iomadh tràghadh is làn rinn do thuinn-sa gun tàmh,
Is tha ’n Tàbh, is a’ghàir air gach tràth toirt ar cuimhn’
Gu na suinn tha sa chill mu do thràigh.
Ged a shiùbhlas sinn uile
Bidh iad ann bhitheas a’fuireachd
Bidh na h-eòin ud a’ tuineadh
Mu do thràigh,
Aig tràth-neòin ’s meadhan-oidhch’ ’cur an cuimhne gach linn –
Is a chaoidh bidh guth caoidh mu do thràigh.

Nuair tha ghrian anns a’ chiaradh an iar os do chionn
’S a tha fiamh ort cho ciatach, is lìomhaidh gu fàir’,
Tha an sgiamh toirt na sgeula as cianail a th’ ann
Air na tuinn tha cur loinn air do thràigh.
Ged is àlainn do chumadh
’S e is dàn dhut a chumha
Chaidh na sàir ud a mhugha
Mu do thràigh.
Tha guth cianail is tiamhaidh a’ sgiathadh od thuinn –
Is a-chaoidh bidh guth caoidh mu do thràigh.

Ged is annsa san t-samhradh le clann a bhith innt’
Tha sinn cinnteach nar n-inntinn air binn na do dhàil
Tha sruth-uisgeachan luasgach, tha luaineas, ’s neo-chinnt’
Anns na tuinn tha cur loinn air do thràigh.
Bidh ar cuimhne ri tilleadh
Gu na suinn is na gillean
Rinn a’ bhinn seo a mhilleadh
Mu do thràigh.
Tha e ’n dàn, na do dhàil, air an t-sàl, air do thuinn –
Is a chaoidh bidh guth caoidh mu do thràigh.

(Facail à Gairm Àireamh 46 An t-Earrach 1964)

An t-àite

Tha Tràigh Shanndaigh ann an Sgire Nis, glè fhaisg air an taigh-sholais aig Rubha Robhanais, cho fada tuath ’s is urrainn dhut a dhol ann a Leòdhas. Tha bàgh Chunndail tuath air Traigh Shanndaigh agus Cumail nas fhaide deas.

An t-òran

Anns an òran tha am bàrd ag innse dhuinn gu bheil clann gu dòigheil a’ cluich air Tràigh Shanndaigh ach ged a tha e a’ còrdadh ris a bhith gan cluinntinn tha e a’ toirt tachartas brònach gu chuimhne – “Nuair a bhàthadh san ànradh na sàir is na suinn”.

B’ e Bàthadh Mòr Nis a chante ris a’ chall uabhasach a thàinig air Sgìre Nis air Diardaoin, an ochdamh latha deug den Dùbhlachd, 1862. Bha seachd eathraichean às an sgìre ag iasgach mu dheich mìle a-mach à Port Nis, le sgioba de shianar as gach tè. Mu mheadhan-latha dh’èirich a’ ghaoth bhon iar-dheas gu robh i na stoirm eagallach agus chaidh còig bàtaichean a chall. Chaidh 31 fireannach a bhàthadh, a’ fàgail 24 boireannach nam banntraichean agus 71 pàiste gun athair. Chaill cuid de theaghlaichean barrachd air aon duine.

Chaidh an dà bhàta eile a sguabadh a-null gu tìr-mòr agus fhuair na fir air tìr ann an Loch an Neid ann an Asainte. A bharrachd air aon duine a chaidh a lathadh gu bàs leis an fhuachd shàbhail na bha san dà bhàta seo is fhuair iad dhachaidh a Nis an ceann ùine.

Bha bàthadh eile ann an àite air a bheil Cunndail a tha faisg air Tràigh Shanndaigh, an iar air baile Eòropaidh. Thachair seo air a’ chòigeamh latha den Mhàrt 1885. Chaidh dà eathar agus an sianar chriutha a bh’ anns gach tè, iad uile à Eòropaidh, a chall dìreach nuair a bha iad a’ fàgail Bàgh Chunndail. B’ e an corp mu dheireadh a fhuaireadh an corp aig Aonghas Moireasdan, sgiobair tè dhe na bàtaichean. Chaidh a thiodhlacadh air a’ mhachair os cionn Tràigh Shanndaigh agus ann an 2010 chaidh carragh-cuimhne a thogail air an làraich os cionn na tràghad.

B’ e an dà bhàthadh seo (a thug uiread de bhuaidh air sgìre Nis aig an àm) air an robh am bàrd a’ smaoineachadh is e a’ coimhead ’s a’ cluinntinn na cloinne a’ cluich air Tràigh Shanndaigh, faisg air an sgoil anns an robh e na mhaighstir-sgoile.

An t-ùghdair

Chaidh an t-òran a sgrìobhadh le Dòmhnall MacCoinnich (Dolly a’ Bhòdaich) à Siadar an Rubha, ann a Leòdhas. Rugadh e aig àireamh12 Siadar air 17 An Dàmhair 1906, mac do Dhòmhnall lain Dhòmhnaill ’Ic Choinnich agus Cairistiona NicAsgaill à Siadar. B’e bràthair do dh’Uilleam MacCoinnich, Bàrd Chnoc Chusbaig, (a rinn òrain leithid Nan ceadaicheadh an tìde dhomh agus Eilean Fraoich) a bha na sheanair.

Fhuair e fhoghlam ann an Sgoil na h-Àirde, Sgoil MhicNeacail agus Oilthigh Obar Dheathain, far an do cheumnaich e le M.A. ann an 1930. Rinn e trèanadh airson a bhith na thidsear an uairsin. Bha e a’ teagasg ann an Sgoil Phabail sa Rubha bho 1931 gu 1951. Chaidh e an uairsin mar mhaighstir-sgoile gu Bunsgoil Chearsiadair ann an sgìre na Pàirc, Leòdhas, agus bha e an sin gu 1958. Ghluais e an uairsin gu bhith na cheannard air Sgoil Lionail ann an Sgìre Nis, gu math faisg air Tràigh Shanndaigh. Bha e san dreuchd sin gus an do chaochail e air 23 An Giblean 1970. Bha e pòsda aig Ceanag Chaimbeul à Pabail Iarach, agus bha aon nighean aca.

Tha Tràigh Shanndaigh ri chluinntinn air a sheinn le Ina NicRisnidh air CD Na Nisich a dh’fhoillsich Comann Eachdraidh Nis.

← Back to songs list