An ataireachd bhuan

Le Dòmhnall MacÌomhair

Seachdain 2 – 08.01.2020

Air a ghabhail le Ceitlin Lilidh

An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd àrd,
Tha torran a’ chuain,
Mar chualas leams’ e nam phàist’,
Gun mhùthadh, gun truas
A’ sluaisreadh gainneimh na tràgh’d,
An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd àrd.

Gach làd le a stuadh,
Cho luaisgeach, faramach, bàn,
Na chabhaig gu cruaidh
’S e gruamach, dosrach, gun sgàth.
Ach strìochdaidh a luaths 
Aig bruaich na h-uidhe bh’ aig càch,
Mar chaochail an sluagh
Bha uair sa bhaile seo tàmh.

’S na coilltean a siar
Chan iarrainn fuireach gu bràth
Bha m’ inntinn ’s mo mhiann
A riamh air lagan a’ bhàigh;
Ach iadsan bha fial
An gnìomh, an caidreabh ’s an àgh
Air sgapadh gun dìon
Mar thriallas ealtainn roimh nàmh.

Seileach is luachair
Cluaran, muran is stàrr
Air tachdadh nam fuaran
’N d’ fhuair mi iomadh deoch-phàit’;
Na tobhtaichean fuar
Le bualan ’s cuiseag gum bàrr,
’S an eanntagach ruadh
Fàs suas sa chagailt bha blàth.

Ach chunnaic mis’ uair
’M bu chuannar beathail an t-àit’,
Le òigridh gun ghruaim
Bha uasal modhail nan càil,
Le màthraichean suairc
Làn uaill nan companaich gràidh,
Le caoraich is buar
Air ghluasad moch madainn nan tràth.

Ach siùbhlaidh mi uat;
Cha ghluais mi tuilleadh nad dhàil;
Tha m’ aois is mo shnuadh
Toirt luaidh air giorrad mo là;
An àm dhomh bhith suaint’
Am fuachd ‘s an cadal a’ bhàis
Mo leabaidh dèan suas
Ri fuaim na h-ataireachd àird.

An t-àite: Tràigh Mhòr Ùig ann a Leòdhas

Tha Tràigh Mhòr Ùig ainmeil an-diugh airson a bòidhchead agus a chionns gur ann sna dùin ghainmhich timcheall na tràghad a chaidh Fir-taileisg ainmeil Leòdhais a lorg uaireigin ro 11 An Giblean 1831, nuair a chaidh am foillseachadh airson a’ chiad uair ann an Dùn Èideann.  

Gu 2019 bha 93 pìos air lorg -11 a tha le Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba an Dùn Èideann agus 82 a tha le Taigh-tasgaidh Bhreatainn a Lunnainn. Tha 6 air an taisbeanadh ann am Museum nan Eilean ann a Steòrnabhagh agus ann an 2019 chaidh pìos eile a lorg ann an taigh ann an Dùn Èideann. Chaidh a reic aig rup ann an Lunnainn airson £735,000. 

Anns an naodhamh linn deug chaidh mòran dhaoine a chur air falbh à Sgìre Ùig airson tuathanasan chaorach agus oighreachdan spòrs a leudachadh. Ann an 1837 chaidh na daoine a chur à bailtean beaga a bha mu chuairt Tràigh Mhòr Ùig, bailtean mar Capadal, Baile Neacail, Bail’ a’ Ghreusaich, Earastadh, Peighinn Dòmhnall agus Mealastadh.  

An t-ùghdair

Rugadh Dòmhnall MacÌomhair an Ìslibhig ann a’ sgìre Ùig ann an 1857. B’ e maighstir-sgoile a bh’ ann a thug bliadhnaichean a’ teagasg ann an sgoiltean ann an Leumrabhagh, Breascleit agus ann an Sgoil Phabail, san Rubha. Leig e dheth a dhreuchd sa bhliadhna 1922 agus rinn e a dhachaidh ann an Garrabost. Sin far na chuir e seachad a chòrr dhe bheatha, a’ coimhead as dèidh crodh is caoraich agus ag àiteach an fhearainn a bh’ aige. 

Choisinn e duaisean litreachais uair is uair aig a’ Mhòd agus dh’fhoillsich e leabhar de dh’ainmean-àite Leòdhais. Chaochail e ann an 1935.

Tha bàrdachd eile le Dòmhnall MacÌomhair air fhoillseachadh san leabhar Bàrdachd Leòdhais, air a dheasachadh le Iain N. MacLeòid, air fhoillseachadh as ùr le Acair, Steòrnabhagh,1998.

An t-òran

Anns an òran tha Dòmhnall MacÌomhair ag innse mu na faireachdainnean a bha aig bràthair athar nuair a thill e air chuairt a dh’Ùig, far na thogadh e, an dèidh dha iomadh bliadhna a chur seachad na eilthireach ann an Canada. A’ coiseachd air an Tràigh Mhòr, tha e ag ionndrainn nan daoine a bha a’ fuireach sna bailtean beaga a bha timcheall na tràghad nuair a bha e fhèin òg. Tha e ag ionndrainn an dòigh-beatha a bha aca mas deach an cur às an àite. Tha na taighean aca a-nis air tuiteam nam broinn agus tha luachair agus deanntagan a’ còmhdach nan làraich.  Chan eil càil mar a bha cuimhne aige air ach fuaim is gluasad na mara air an tràigh – an ataireachd bhuan. Tha e fhèin airson a bhith air a thiodhlacadh “ri fuaim na h-ataireachd àird.” 

Ged a bhios daoine uaireannan ag ainmeachadh an òrain seo mar An Ataireachd Àrd, ’s e An Ataireachd Bhuan an t-ainm a thug Dòmhnall MacÌomhair air an òran.  

Dealbh le Cailean MacIlleathain | Image by Cailean Maclean

Tuilleadh fiosrachaidh mu Dhòmhnall MacÌomhair

Tuilleadh fiosrachaidh mun Traigh Mhòr 

Tuilleadh fiosrachaidh mu Sgìr’ Ùig agus Na Fir Taileisg

Chithear Na Fir-tàileisg an seo agus an seo