Bàthadh na Duibhsgeir

Gun Urra

Air a rannsachadh ‘s air a ghabhail le Ruairidh MacCarmaig

’S bochd an naidheachd ’s gur brònach
a tha ’n Tròndairnis thall,
Gum bi mi caoidh fad ’s as beò mi
Mo luchd-eòlais a bh’ ann;
Gur e siud na fir bhòidheach
Nach robh gòrach mun dram,
Bha gu socair ciùin steòrnail
Modhail eòlach gun mheang.

’S ann an caolas na Duibhsgeir
thuit na suinn bu ghlan dreach,
Dh’aithnicht an cuideachd an rìgh ’ad
an dèidh nam mìltean a thoirt às;
Gur e neart a bh’ anns a’ ghaoith
a chuir bhur n-inntinn à beachd,
B’ e meud an luchd bha na broinn
chuir don ghrunnd sibh air fad.

Ach a Mhurchaidh MhicLeòid
Bu tu òigear mo ghràidh,
’S mi gun aithneachadh do gheòla
Ruith le seòl chun a’ bhàigh;
’S mi ri fàdadh an teine
Do ghillean suairce mo ghràidh –
Ged nach bitheadh iad dem chinneadh
‘S ann leam bu duilich do bhàs.

Ach a dheagh MhicGhillEathain,
Bhuail an t-saighead gu dàn’,
’S tu a chaill na fir taighe
Nach robh ri faighinn na b’ fheàrr;
Chaill thu d’ aighear ’s do shùgradh
’S beag do shunnd ri ceòl-gàir’,
Gus an càirear san ùir thu
Do lot ag ùrach dhut cràidh.

An t-òran

’S e òran brònach a tha seo ach le bàrdachd àlainn mu fhear a chaidh a bhàthadh ann an sgìre Thròndairnis ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Tha caraid san òran a toirt seachad ìomhaigh air an latha a chaidh a charaid a bhàthadh an dèidh a bhàta a dhol air na creagan. Tha e a’ bruidhinn air cho duilich ’s a tha e a’ faireachdainn agus a’ toirt moladh air an fhear a chaidh a mharbhadh.

Ruairidh MacCarmaig, 2019

Aithneachadh

Air a chlàradh aig The Green Door Studio, Glaschu
Air fhiolmadh aig Taigh-cluiche Cùirt an Easbaig, Inbhir Nis
Air fhiolmadh le Mike Webster, Spiral Out Pictures
Maise-gnùise Sam Whitby