Cladaich Loch Iù

le Iain Camshron

Seachdain 28 – 7.7.2020

Air a ghabhail le Ruairidh Cormack

Ri taobh cladaich Loch Iù; leig dhomh sIùal gun èis
Am measg mo luchd-dàimhe ’s mo chàirdean gu lèir;
Ann an dùthaich mo shinnsir measg dhìlsean cho dlùth:
Nach tlachdmhor an tìr seo mu chladaich Loch Iù.

Bho àm sìth-thàimh na maidne aig bristeadh an là
Gu uair laighe na grèine, le flaitheileachd àrd
Tha a’ Chruitheachd a’ dòrtadh oirnn sealladh as ùr
Gach latha agus oidhche mu chladaich Loch Iù.

Tha a beanntaichean àrda cuir dìon air an t-sliabh
Gu cruinn, corrach, sgorrach, ’s iad dubh-ghorm is liath;
Tha dubharan sgòthach ’s na neòil os ar cionn
A’ roghnachadh dreach dhuinn, mu chladaich Loch Iù.

Far bheil eunlaith na mara le cainntearachd cuain
Agus eòin bheag a’ bhaile le caithream nar cluais
Tha ’n t-àile ghlan chùbhraidh, an ionad cho ciùin,
Toirt cuireadh as ùr dhuinn gu cladaich Loch Iù.

Fhad ’s a bhuaileas na tuinn air muir-làn no muir-tràigh
Air na cladaich as fheàrr leam, ann an dùthaich mo ghràidh
Tha sìor mhaisleachd nàdar gach là mu ar gnùis
Toirt ùrachadh làitheil mu chladaich Loch Iù.

An t-àite

Tha Loch Iù air taobh siar Siorrachd Rois. Tha bailtean beaga mar Poll Iù, An t-Allt Beithe, Inbhir Àsdal, An Uamhghaidh agus Meallan Theàrlaich timcheall air an loch agus tha Abhainn Iù a’ tighinn dhan loch aig Poll Iù. 

Aig àm an dàrna cogaidh bha bàtaichean a’ Chabhlaich Rìoghail stèidhichte ann an Loch Iù agus b’ ann an seo cuideachd a bha soithichean nan Arctic Convoys a’ cruinneachadh mus fhalbhadh iad air na tursan cunnartach gu Murmansk san Ruis. Dh’fhag naoi-deug coimheadachd-bhàtaichean à seo eadar An Gearran 1942 agus An Dùbhlachd 1944. Nuair a  ghèill a’ Ghearmailt sa Ghiblein 1945 chaidh mòran bhàtaichean-aigeil Gearmailteach a thoirt gu Loch Iù. Tha ionad connaidh fhathast aig NATO faisg air an Allt Bheithe. 

Tha na gàrraidhean a chruthaich Osgood MacCoinnich san dàrna leth den naoidheamh linn deug ann an Inbhir Iù ainmeil air feadh an t-saoghail, le craobhan is planntraisean à iomadh dùthaich a’ fàs annta.  Tha eachdraidh an teaghlaich agus nan gàrraidhean ri fhaicinn ann an Taigh Inbhir Iù agus sgrìobh MacCoinnich leabhar A Hundred Years in the Highlands  (Lunnainn 1921 agus 1949) mun teaghlach agus an dòigh-beatha air a’ Ghàidhealtachd. Thug an nighean aige, Màiri, na gàrraidhean dha Urras Nàiseanta na h-Alba ann an 1952.

Tha an sgìre cuideachd air an t-slighe turasachd NC500

An t-ùghdair

Rugadh Iain Camshron air an 28mh den Dùbhlachd 1919 ann an Inbhir Àsdal, baile beag air Loch Iù, tuath air Geàrrloch. Chaidh e do Sgoil Inbhir Àsdal agus an uairsin Àrd Sgoil Ghèarrloch aig Achadh a’ Chàirn.

An dèidh dha an sgoil fhàgail bha e ri caochladh obraichean san sgìre agus anns an Òban gus an deach a thogail dhan arm san t-Sultain 1939. Bha e anns a’ chogadh san Fhraing, Afraga, An Eadailt, agus mu dheireadh san Òlaind far an deach a dhroch lèon le gunna aig blàr Arnhem san t-Sultain 1944. Chaidh a thoirt na phrìosanach le na Gearmailtich agus ann an campa prìosanach an ceann an ear na Gearmailt ghlac e an tinneas cunnartach, diptheria.  A dh’ aindeoin na bha e air fhulang chaidh aige fhèin agus triùir eile air teiche agus an slighe a dhèanamh air ais dhan Rìoghachd Aonaichte. Air adhbharan co-cheangailte ri a shlàinte leig an t-arm ma sgaoil e san Dùbhlachd 1945.

An dèidh a’ Chogaidh bha e ag obair fad iomadh bliadhna ann an diofar obraichean aig a’ “Bhoom” mar a chante ris,  a’ ciallachadh am Boom Defence Depot air an Allt Bheithe.

Tha e coltach gun do thòisich Iain a’ dèanamh dhàin ron Chogadh agus cha robh e na annas dha a bhith a’ sgrìobhadh litrichean gu chàirdean ann an riochd bàrdachd. Chaidh a chrùnadh mar bhàrd aig a’ Mhòd Nàiseanta san Òban an 1953, agus chante “Bàrd an Iubaili” ris.  A bharrachd air òrain Ghàidhlig, sgrìobh Iain dealbhan-cluiche agus òrain ann am Beurla cuideachd.

Bha Iain pòsta aig Effie NicAsgaill à Caolas Sgalpaigh na Hearadh, agus rinn iad an dachaidh ann an Inbhir Pheofharan, an dèidh dha Iain a dhreuchd a leigeil dheth. Chaochail an dithis aca ann an 1989.

Tha a’ bhàrdachd aig Iain Camshron agus an tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn ri fhaighinn  san leabhar Inbhir Àsdal nam Buadh – Òrain agus Dàin Iain Chamshron, deasaichte le Roy Wentworth agus Maoilios Caimbeul (Clàr 2006)

An t-òran

Sgrìobh Iain Camshron an t-òran a’ moladh Loch Iù an toiseach ann am Beurla agus chuir e fhèin fonn ris.

By the shores of Loch Ewe let me wander and roam
Beside my own dear ones, my croft and my home,
In my own Native Country, where friends are still true –
How peaceful to walk by the shores of Loch Ewe.

From the still of the morning at break of the day
Till the sun goes to rest, with its glorious display
There nature presents her adorable view
Each day and each night, by the shores of Loch Ewe.

Oh! The high peaked mountains stand guard o’er the scene
Serrated and rounded, all blue, grey and green
The heavenly shadows determine the hue
Which waters reflect, by the shores of Loch Ewe.

Where the seabirds cry out and the song-birds are sweet
And the sea-breezes mix with the tang of the peats
The atmosphere pure will prove rightly to you
That life is still sweet, by the shores of Loch Ewe.

While the sound of the waves beats an endless encore
On the shores that I love and the land I adore
The creation has something to offer anew
To charm and delight, by the shores of Loch Ewe.

By the shores of Loch Ewe let me wander and roam
Beside my own dear ones, my croft and my home,
In my own Native Country, where friends are still true –
How peaceful to walk by the shores of Loch Ewe.

Tuilleadh fiosrachaidh

Visit Wester Ross

North Coast 500

North Coast 500 – Inverewe Garden

North Coast 500 – Russian Arctic Convoy Exhibition