Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba 2020

Le taic bho Riaghaltas na h-Alba, bidh Fèisean nan Gàidheal a’ cur ri stòras Fuarain le òrain a tha co-cheangailte ri cuspair na bliadhna 2020 – Cladaichean agus Uisgeachan na h-Alba.  

Tha sinn ag obair leis an t-sàr eòlaiche, Jo NicDhòmhnaill, agus bidh òran a’ nochdadh gach seachdain rè na bliadhna le fiosrachadh mu cò sgrìobh e, na h-àiteachan a tha air an ainmeachadh ann agus ceangal ri Fèisean san sgìre dham buin e. Bidh dealbh aig Cailean MacIlleathain an cois gach òran agus ceanglaichean ann ri clàraidhean de gach òran a tha rim faighinn air-loidhne bho thùsan eile. Na b’ fheàrr buileach, bidh clàradh ùr ann de gach òran air bhideo agus faidhle-fuaim.

Tha sinn an dòchas gun còrd na h-òrain ribh agus gum faigh sibh tlachd agus eòlas às na clàraidhean agus às an fhiosrachadh a tha nan cois.