Coitearan Bhatarsaigh

Le Dòmhnall Mac na Ceàrdaich

Air a rannsachadh ’s air a ghabhail le Claire Frances NicNill

Tha m’ aigne air cinntinn cho àrd
’S mo chridhe cho làn le sùrd,
Bhon chunnaic mi cuideachd mo ghràidh
A’ suidhe Dimàirt aig cùirt.
’S ged ’s duilich nach d’ bhuinig iad fàbhar
’S truimead na càin os cionn,
Bheiridh sinn urram gu bràth dhaibh
’S seinnidh sinn àrd an cliù.

Seinneam le buidheachas àraid
Bunailt as tàth’ nan ùir,
A dh’fhuiling gu h-urranta làidir
Uiread mhi-àird as tnùth.
’S mo bheannachd gu buileach dar càirdean
Shuidh air an ràmh le sunnd;
Clann a Deas ullamh nan Gàidheal
Ruitheadh muir bhàit’ as dlùth.

Is mithich dhuinn uile bhith gluasad
’S freastal gu luath don chùis,
’S na h-èibhlean bh’ air bhuil a bhith fuar
A thionndadh a-nuas bhon ghrunnd.
Le ola bhras ghuineach a’ chruadail
Cuireamaid suas riutha smùid,
Gu teine nan lasraichean ruadha
Lasas ar gruaidh às ùr.

O cothaichibh! cothaichibh! cothaichibh!
Churaidhean cosant’ mo rùin,
Na lagaicheadh binn no dochannadh
Spìd no croisean ur n-ùidh.
Ach seasaibh gu dìleas cothrom
Le ur n-inntinnean cogaidh nan sùgh,
Gum faigh sibh ur dlighe ’s ur tochair
Bho linn a dholaidh ’s air chùil.

Èirigh leibh uile ’n Tìr-àrd
Cho duineil ’s bu ghnàth bho thùs,
Gach urra dhiubh cumaidh ribh làmh
Le ’n curaids gu bràth nach lùb.
’S nuair dhùisgeas iad cluinnear ’s gach àit’
Gun chuireadh nan smàl gach punnd,
’S gun leigeadh gach duine à sàs
Gu tilleadh gu fàs a dhùthch’.

Chan fhaigh an luchd ceannais nas fhaide
An t-urram gu faigh iad gur stiùir,
Bhon rinn iad na b’ urrainn dhaibh cheana
Gur bruidhinn a chaitheadh gun diù.
’S e gnothach le cinnt nach leanar
Sinn bhith gar feannadh ’s gar sgiùrs’
Le cuileanan mi-mh’ail Shasainn
Gun chinn, gun chasan, gun tùr.

Nuair gheibh sibh gach nì le tapachd
’S gun dìth air aiteas no mùirn,
Gun tèid sibh lur pìob ’s lur brataich
Nar still do Bhat’saigh null.
Don eilean sin as prìseil talamh
’S as rìomhaich machair fo fhlùr,
An t-eilean ’s an cinn gach achadh
Gu fillteach, fath-rusgach, dlùth.

Ged tha sibh an-diugh far nach àill
’S nach fhaic sibh ur càirdean car ùin’,
Na cuireadh sin tuisleadh nur càil
Oir ’s tiugh tha na sàir rir cùl.
’S e an dealas ’s an guidhe gach latha
Ur turas le àgh bhith crùint’,
Tha beannachd gach duine ’s gach àit’ leibh
’S beannachd nam bàrd air thùs.

An t-òran

’S e Dòmhnall Mac na Ceàrdaich, no D.M.N.C. mar a bha feadhainn de sgoilearan eòlach air, a sgrìobh an dàn seo. Fhuair mise an dreach a th’ agam bhon leabhar “Sgrìobhadh Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich” a chaidh fhoillseachadh ann an 2014. ’S e òran molaidh is spionnaidh a th’ ann do Rèidearan Bhatarsaigh an dèidh dhaibh fearann Bhatarsaigh a bhuannachadh. Chaidh an cur don phriosan an dèidh binn sa chùirt air Dimàirt 2na den Òg-mhios 1908 airson grèim fhaighinn air fearann Bhatarsaigh gu mì-laghail.

Tha e air aithris gun do dhaingnich strì fearann na h-Èireann an iomairt aca gus seasamh an aghaidh uachdarain Bhatarsaigh agus iarraidh orra am fearann a thoirt dhaibh gus bochdainn ann am Bàgh a’ Chaisteil, Miùghlaidh agus Sanndraigh a lasachadh. Tha e cuideachd air a ràdh gur e strì Bhatarsaigh a thug fàs air Strì an Fhearainn ann an Alba.   Tha e air a thuigsinn gun deach an t-òran seo a sgriobhadh goirid an dèidh latha na cùirte leis gu bheil Mac na Ceàrdaich a’ bruidhinn air sa chiad rann mar thachartas air an t-seachdain sin fhèin, agus san rann mu dheireadh a’ bruidhinn ris na Rèidearan ’s iad fhathast anns a’ phriosan.

’S ann air fonn dàn Dhonnchaidh Bhàin, “Òran don Èideadh Ghaidhealach”/ “Chuala mi Naidheachd as Ùr”, a tha an t-òran seo agus dh’ionnsaich mi am fonn bho chlàr de Chalum MacIain air Tobar an Dualchais agus e a’ gabhail òran na ceudna.

Claire Frances NicNill, 2019

Aithneachadh

Air a chlàradh aig Chem19, Blantyre
Air fhiolmadh aig Moniack Mhòr – Ionad Sgrìobhaidh Chruthachail na h-Alba
Air fhiolmadh le Mike Webster, Spiral Out Pictures
Maise-gnùis Stephanie Foster