Cur Cùlaibh ri Asainte

le Iain Alasdair MacLeòid 

Seachdain 29 – 15.7.2020

Air a ghabhail le Donaidh Barker

Sèist: Cur cùlaibh, cur cùlaibh
          Cur cùlaibh ri Asainte
          Cur cùl ri tìr nan Gàidheal
          Far ’n robh mi òg is amaideach.

A ghillean òga, èistibh,
Gus ’n dèan mi sgeula aithris dhuibh
Oir b’fheudar dhomh bhith fàgail
An tìr a dh’ àraich m’ athraichean.
Cur cùlaibh, cur cùlaibh.

’S ann air Diciadain
Gu moch anns a’ mhadainn
Dh’fhalbh mise le mo thriall
’S mi dol thar chuan a Chanada.
Cur cùlaibh, cur cùlaibh.

Air fàgail a’ Chùl-cinn dhomh
Bha mo chàirdean mall rium dealachadh
Bha smalan tighinn air m’ inntinn
’S mi fàgail nan caileagan.
Cur cùlaibh, cur cùlaibh.

Bhon dh’fhàg sinn Loch an Inbhir
Bha mise dol air m’ aineolas
Mus d’ ràinig sinne Luirg
Cnoc na gleann cha b’ aithne dhomh.
Cur cùlaibh, cur cùlaibh.

An Glaschu mòr nam bùthan
Le sràidean fada farsaing ann
Gur mise tha gu tùrsach
’S na mìltean sluaigh a’ tachairt rium.
Cur cùlaibh, cur cùlaibh.

Disathairn’ rinn sinn seòladh
Bhon Bhroomielaw ’n Glaschu
Measg treubhan dhe gach seòrsa
Air bòrd ’n Southwark Shasannach.
Cur cùlaibh, cur cùlaibh.

Dol seachad cùlaibh Èirinn
Bha muir is gaoth ri cathadh ann
’S na h-uile bha air bòrd
Gu tinn le cur na mara orr’.
Cur cùlaibh, cur cùlaibh.

Tha mi nochd gu tùrsach
Falbh air sràidean Chanada
Is caolas farsaing fuar
Eadar mi ’s mo luaidh tha ’n Asainte.
Cur cùlaibh, cur cùlaibh
Cur cùlaibh ri Asainte
Cur cùl ri tìr nan Gàidheal
Far ’n robh mi òg is amaideach.

An t-àite

Tha sgìre Asainte air leth bòidheach. Tha crìochan na sgìre a’sìneadh gu Rubha an Stòir, An Caolas Cumhang, Ailbhinn agus Inbhir Chirceig. ’S e Loch an Inbhir am baile as motha ach tha bailtean beaga mar Achadh Mhealbhaich, Clach Toll, Clais an Easaidh agus An Druim Beag timcheall nan cladaichean. Tha tràighean bòidheach, iomadh loch agus beanntan casa mar Cuinneag, Canasp, Sula-bheinn agus Beinn Mhòr Asainte a’cur ri bòidhchead na sgìre.  Còmhla ri sgìre na Còigich tha Asainte air a chomharrachadh mar aon de na cèarnaidhean as fheàrr seallaidhean ann an Alba.

Thàinig Asainte gu aire an t-sluaigh nuair a ghabh croitearan (an dèidh strì mhòr a dhèanamh) sealbh air cuid de dh’fhearann na sgìre san Dùbhlachd 1992.  

An t-òran

Chaidh an t-òran a sgrìobhadh ann an 1912 le Alasdair MacLeòid is e a’cuimhneachadh mar a dh’fhalbh e fhèin agus caraidean dha às a’ Chùl-cinn airson a dhol a Chanada.

Tha Caomhain O Donnaile aig Sabhal Mòr Ostaig air rannsachadh a dhèanamh mun “Southwark Shasannach”, am bàta a tha Alasdair ag ainmeachadh san òran, agus tha sinn gu mòr na chomain airson cead a thoirt dhuinn a chuid rannsachadh fhoillseachadh an seo.  Seo na dh’ innis Caomhain dhuinn.

Bho na clàraidhean seòlaidh aig Ancestry.com chithear gun do sheòl Alasdair, 19 bliadhna a dh’aois, à Glaschu air an SS Southwark air 28 an Cèitean 1910 (DiSathairne, dìreach mar a tha an t-òran ag ràdh), ’s e a’ dèanamh air Bhancùbhar ann am British Columbia an Canada. Bha $30 aige, rud beag a bharrachd air an t-suim bu lugha a dh’fheumadh a bhith aig eilthireach. Bha e a’ dol a dhèanamh a shlighe gu Bhancùbhar air a’ Chanadian Pacific Railway.

’S e bàta-smuid 8,607 tunna a bh’ anns an Southwark, agus bha i a’ seòladh gu Quebec agus Montreal. B’ ann leis an American Line a bha i, ach bha i air mhàl airson dìreach dà sheòladh ann an 1910 aig an Allan Line, companaidh mòr a chaidh a stèidheachadh an toiseach ann an Saltcoats.  

Ràinig Alasdair Quebec air 7 an t-Ògmhios an dèidh deich làithean aig muir. Bha 1,273 de luchd-siubhail air bòrd uile gu lèir, nam measg 337 “2nd cabin”, 937 “steerage” agus 244 duine cloinne fo aois 14.

Sgrìobh am pàipear-naidheachd, an Shipping Gazette and Lloyd’s List air Diardaoin 26 an Cèitean 1910, “The International Steam Navigation Company’s steamer Southwark, which arrived at Glasgow light today from Liverpool, has been chartered by the Allan Line to take Saturday’s sailing to Montreal and Quebec. The sailing should in ordinary circumstances have been taken by the Grampian, but this vessel, it will be remembered, went aground for a short time in the St. Lawrence between Quebec and Montreal, and the accident has delayed her return to this side.”

Sin is adhbhar gu bheil an t-òran ag ràdh gun do sheòl e air an “Southwark Shasannach”.

Tha e coltach gun do thill Alasdair air ais a dh’Asainte an ceann ùine agus gun do bhàsaich e anns An Stòr ann an naoi ceud deug trì fichead ’s a sia-deug.

Ann an 1955 chlàr Calum MacIlleathainn a bha ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba trì ceathramhan dhen òran bho Cheit Ross (1877-1962) a bha na croiteir san Luirg.

Seo mar a bha e aig Ceit:

Air fàgail Loch an Inbhir
Bha sinn a’ triall gu cabhagach
Gus an d’ ràinig sinn an Luirge
Cha robh an dram na annas dhuinn.

Glaschu mòr nam bùithtean
’S na sràidean fada farsainge
Na factories cur smùid dhiubh
Na mìltean sluaigh a’ tachairt rium.

Gur mise tha gu tùrsach
A’ falbh air sràidean Chanada
An cuan tha farsaing fuar
Eadar mi ’s mo luaidh an Asainte.

Tuilleadh fiosrachaidh

Discover Assynt

NWH Geopark

Love From Scotland

The Assynt Crofters

Community Land Scotland