Dà Thaobh Loch Seile

Le Dòmhnall MacColla  

Seachdain 16 – 15.04.2020

Air a ghabhail le Calum MacColla

Air latha tlùs blàth ’s mi an sgàth na coille,
A’ sealltain gach àit’ suas air dà thaobh Loch Seile;
Còisir cheòlmhor nan craobh ’s iad cho aobhach sna meangain
Is a’ ghrian thar an sgùrr togail smùid às an talamh.

Tha na bruthaichean cian torach, fiarach gum mullach
Tha gach lagan is cùil dosrach, flùranach, lurach;
Tha na craobhan sa choill ’s iad a’ boillsgeadh gu cladach,
Agus cuid dhiubh le loinn ag ath-shoillse sa chamas.

Tha an grinneal as bòidhche anns gach òb tha nam shealladh,
An dèideag ghrìogagach bhàn tha toirt àilleachd don chladach,
Crònan Allt Dhruim a’ Laoigh tighinn cho caointeach bhon ghleannan,
Far ’m bi breacan le bhorb sileadh pòrr air a’ chaiseal.

Ged a shèideadh gaoth tuath, ’s i glè fhuar air a’ bhearradh
Gheibhte fasgadh gach uair mu na cluaineagan maiseach,
Far ’m biodh seòbhrach ’s gach cùil ’s dril dhen drùchd air a bile,
’S far ’m bi seillean beag ruadh à sail-chuaich toirt na meala.

’S nuair a sheinneas am fiadh ann an ciaradh an fheasgair
Gheibh e fasgadh is feur sìos ma iochdar na leitir,
Far am bi ’n earbag aig tàmh ’n leaba sgàileach a’ bharraich
’S lasair -choill’ a chruinn deirg a’ cur spreigean gu talamh.

’S nach bu bhòidheach a’chùil nuair a bhrùchdadh an doire
’S cha bhiodh measan fo fhlùr ’s duilleach dlùth air a’ bharraich
An loch sàilein fo fhiath seachad cliathaich an eilein
’S bradan dubh na linne ghorm tighinn beò anns an fheasgar.

Ach tha chluaineag dol fàs, fàr ’n robh àiteach nam fearaibh,
Nuair a sheallas mi bhàin, chì mi làrach taigh Eachainn
Far ’m biodh òrain is sgeul ’s iad air chèilidh mun chagailt
Ach ged chì mi an stèidh ’s gann is lèir dhomh an caigeann.

Dh’fhalbh iad na sàir a bha ’g àiteach an fhearainn
Chan eil sna lianagan bàn ach ceann-fàth bhith fo smalain
Gach ròd rinn iad maoth le mòr-shaothair is fallas,
An-diugh fo rainich ’s fo fhraoch fhad ’s tha a’ chraobh dol san teallaich.

An t-àite

Tha Loch Seile, an ceathramh loch as fhaide ann an Alba, mu fhichead cilemeatair an iar air a’ Ghearasdan. Tha i domhain agus air a cuairteachadh le beanntan san ear-thuath ach eu-domhain agus air a cuairteachadh le boglaichean is talamh garbh san iar-dheas. Tha abhainn Seile a’ dol a-steach do Loch Mùideart faisg air Caisteal Tioram. 

Tha an loch ainmeil airson eunlaith, nam measg an learg dhubh a tha a’ briodadh ann, iolairean buidhe, iolairean-mara, iolairean uisge, gobhlain-uisge, leargan caola, seabhagan gorm, speireagan, clamhain ruadh agus grunn sheòrsaichean lachainn. Tha i math airson iasgach ach feumar cead fhaighinn an toiseach. 

Ann an 1140, aig Àth Tharracail  aig ceann a deas Loch Seile, rinn Somhairle a’ chùis air na Lochlannaich mus do stèidhich e Tighearnas nan Eilean. Sna meadhan-aoisean bha an loch  a’ deanamh na crìche eadar sgìrean Mhùideart chun an iar, Àird Ghobhar chun an ear agus Suaineart aig deas. 

Air Eilean Fhianain san loch tha làrach eaglais meadhan-aoiseil. Tha eòlaichean a’ smaoineachadh gur dòcha gur e Ailean MacRuaraidh, triath Chloinn Raghnaill, a thog i agus bha an t-eilean air a chleachdadh mar àite-adhlacaidh aig Clann Raghnaill gu deireadh na siathamh linn deug. 

Air Eilean Tioram, eilean-tràghaidh a tha glè dhlùth ris a’ cladach far a bheil Abhainn Seile a’ dol a-steach do Loch Mhùideart, tha tobhta caisteil ainmeil, Caisteal Tioram, a bha a’ dìon na slighe a-steach do Loch Seile agus mar sin an t-slighe chun a’ Ghearasdain. Bha sealbh aig Dòmhnallaich Cloinn Raghnaill air a’chaisteal agus bha iad a’fuireach ann gu 1685, nuair a roghnaich an ceann-fheadhna, Ailean Òg, a dhol a dh’ fhuireach a Bheinn na Faoghla.  Chionns gun robh e toirt a thaic do na Seumasaich chaidh an caisteal a ghabhail thairis le feachdan an Riaghaltais ach ann a 1715 ghabh Ailean an caisteal air ais agus, a-rèir beul-aithris,  thug e òrdugh an caisteal a chuir na theine, mus do dh’ fhalbh e fhèin gu Blàr Sliabh an t-Siorraim, far an deach a leòn cho dona ’s gun do bhàsaich e. 

Rugadh am bàrd ainmeil Alasdair mac Mhaighstir Alasdair uaireigin eadar 1690 agus 1700 ann an Dail Eildhe, air cladach a tuath Loch Seile. Ann an 1745 thàinig am Prionnsa Teàrlach ann am bàta air Loch Seile airson a bhratach a thogail ann an Gleann Fhionghain. An dèidh Blàr Chuil Lodair bha grunn Sheumasaich ainmeil, Camshron Loch Iall nam measg, air falach air Eilean Mhic Dhòmnaill Dhuibh anns an loch. 

Tha inbhe Roinn Dìon Shònraichte aig Loch Seile  agus an dùthaich mun cuairt oirre agus tha i a’ toirt ainm cuideachd don Roinn Seallaidheach Nàiseanta.

An t-ùghdair

Rugadh Domhnall MacColla, Dòmhnall mac Dhòmhnaill Dhòmhnaill Eòghainn, ann an naoi ceud deug ’s a h-aon ann an àite beag ris an cante An Goirtean an ceann a tuath Àird nam Murchan, ’s ged a thug e iomadh bliadhna ag obair an àitichean eile, b’ ann air fearann an teaghlaich aig Airigh Bheagaig a chur e seachad an còig bliadhna fichead mu dheireadh dhe bheatha. 

Dh’fhàg Dòmhnall an sgoil aig aois ceithir bliadhna deug agus an dèidh a bhith ri diofar obraichean mar gàrnailearachd, sealg choineanach agus obair rathaid, thionndaigh e gu gillidheachd agus an ceann ùine gu geamaireachd. Thug e iomadh bliadhna na gheamair  ann an Diùraidh, an Earra-ghàidheal, an Cataibh agus air a’ Chomraich.

B’ ann nuair a bha e ag obair na ghillidh air oighreachd Chinn a’ Gheàrr Loch anns a’ Mhorbhairne a thachair e ri bhean Màiri. Phòs iad ann an 1933 agus bha còignear chloinne taca. 

Chan e a-mhàin gu robh Dòmhnall na bhàrd agus na sheinneadair, chluicheadh e an fhidheall agus sheinneadh e a’phìob cuideachd. Aig amannan bhiodh e a’cur fhacail fhèin ri seann fhuinn ach uaireannan chruthaicheadh e fonn ùr airson dàn a bha e air a dhèanamh.   Tha lorg air mu 40 dàn a rinn e, cuid dhiubh mu chùisean ionadail, leithid tarbh a’ Bhùird, oidhche bainnse agus rathad a’ Ghoirtein. Tha aon òran gaoil ann a rinn e do bhean agus rinn e òrain do co-dhiù triùir  den chloinn.  

Tha na h-òrain far a bheil e a’ toirt dealbh air an àrainneachd mun cuairt sònraichte, co-dhiù tha e a’ moladh Dhiùraidh, Loch Seile no Ceann Gheàrrloch. Ach chan ann a-mhàin mu àilleachd na dùthcha a tha na h-òrain aig Dòmhnall MacColla. Tha an ùidh agus am mion-eòlas a th’ aige air eunlaith is ainmhidhean is lusan a’ nochdadh uair is uair anns na h-òrain aige, co-dhiù tha e a’ beachdachadh air madadh-ruadh no smeòrach air leth-chas,  air sealg no air na tràthan. 

Chaochail Dòmhnall MacColla ann an 1977.

An t-òran 

Rinn Dòmhnall MacColla an t-òran seo trath sna 60an nuair a bha e ag obair mar gheamair ann an àite air a bheil An Gasgan, air bruaich a tuath Loch Seile.  Tha e a’ toirt dealbh air an àrainneachd alainn a tha air dà thaobh Loch Seile,  agus tha an t-èolas farsaing a bha aige air fiadh-bheathaichean, craobhan agus flùraichean na sgìre follaiseach san òran, mar a tha an gaol mòr a bha aige air an àite. Tha e dubhach a’ smaoineachadh air mar a tha an t-àite air atharrachadh. Chan eil ri fhaicinn ach làraich nan taighean anns an cluinnte am pailteas òrain agus sgeulachdan aig aon àm.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu Loch Seile:

Loch Shiel, Wikipedia

Eilean Fhianain, Canmore.org

Glenfinnan monument, National Trust for Scotland

Loch Shiel Fisheries, fishlochaber.co.uk