Deàrrsadh Gealaich air Loch Hostadh

Le Aonghas MacIllFhaolain

Seachdain 7 – 12.02.2020

Air a ghabhail le Ellen NicDhòmhnaill

Sèist:
Deàrrsadh gealaich air Loch Hòstadh
An saoghal balbh is oidhche reòdht’ ann
Deàrrsadh gealaich air Loch Hòstadh.

An saoghal balbh, ach fuaim na stuadhan
Trang mar ’s àbhaist tràigh a’ sguabadh
‘S ann leam fhèin bu mhiann an uair sin
Ceum gun luaths mun cuairt Loch Hòstadh.

Ceum air cheum gu Bàgh a’ Mhorgain
A’ seasamh tacan ùin’ air tolman
Alltan beag mu chreag a’ torman
Cho seòlta monmhor ri Loch Hòstadh.

Gur èibhinn ainm do Abhainn Ialadh
’S i ruith na deann a-nuas na crìochan
Sùrd oirre le gluasad èasgaidh
Sireadh dìon fo sgiath Loch Hòstadh.

Mall na gluasad Abhainn a’ Riadhain
Na cromain chama, lùbach, fhiarach
’S crònan mulaid aig gach deur
A dh’fhàg le cianalas Loch Hòstadh.

An uair thig ròmhanaich na Samhna
Is laoigh aig ìre bhith nan gamhna
’S ann leam fhèin bu mhiann san àm sin
Cuairteag mhall mu cheann Loch Hòstadh.

Is cuimhne leam an àm an tìridh
Gràn ga chruadhachadh le dìcheall
Seanair ghlas cur las ri pìob
’S na sgeòil gan innse mu Loch Hòstadh.

Bu tric bha mnathan luaidh mun chlèibhe
An clò fo smachd le buillean gleusda
Sgòrnain bhinn le fuinn fo ghleus
’S an eala ’g èisteachd air Loch Hòstadh.

’S minig a chualas ceòl na pìoba
Meòirean sùbailte cho cinnteach
Sgioba bainnse dol ’s a’ ruidhle
Ach dh’fhalbh an linn sin bho Loch Hòstadh.

Nach bu ghast’ bhith òg le m’ nìghneig
Ceum gun chùram null Tràigh Stìre
Togail cùrsa gann leth mhìle
Gu bruaichean sìobhalta Loch Hòstadh.

’S a dh’ aindeoin char tha anns an t-saoghal
A dh’aindeoin thubaistean measg dhaoine
A’ ghealach deàrrsadh os a chionn
Na h-àm bidh daonnan air Loch Hòstadh.

An t-àite
Tha Loch Hòstadh faisg air an rathad eadar Hòstadh agus Baile Mhàrtainn ann an Uibhist a Tuath. Tha mu leth-mhìle (0.8cm) a dh’fhaid san loch agus mu chairteal a mhìle (0.4cm) a leud agus tha i math airson iasgach bhreac. Tha Abhainn a’ Riadhain a’ ruith aiste chun a’ chladaich aig Raicinis, mu chairteal a mhìle (0.4cm) an iar air Baile Mhàrtainn. Tha Tràigh Stìre cuideachd air taobh siar Uibhist a Tuath.

An t-òran
Tha am Bàrd a’ cuimhneachadh air an àite agus air a’ choimhearsnachd air an robh e eòlach na òige.

An t-ùghdair
Rugadh Aonghas MacIllFhaolain, Aonghas Lachlainn Bhig, san Dùbhlachd 1912. Bha a dhachaigh ann an Taigh a’ Ghearraidh far an deach e dhan sgoil mus deach e do Sgoil Cheann a’ Bhàigh airson trì bliadhna. Nuair a dh’fhàg e an sgoil, thug e greis a’ cuideachadh athair le obair fearainn. Nuair a bha e mu cheithir bliadhna fichead, fhuair e obair air bàta air an robh an California a bha a’ dol air ais ’s air adhart eadar Amaireaga agus Breatainn. An dèidh grunn thursan a thoirt oirre dh’fhan e air tìr agus thug e mu chòig bliadhna ag obair dha Seirbheis nan Taighean-solais mun cuairt cladaichean Shasainn agus greis eile ag obair na chlèireach aig cidheachan Lunnainn.

Thug briseadh na shlàinte air tilleadh a dh’Uibhist, far an robh e a’ croitearachd còmhla ri a bhràthair Ruaraidh agus a phiuthar Raonaid. Tha grunn de dh’òrain Aonghais air an seinn an-diugh, mar eisimpleir Eilean Uibhist mo Rùin agus Bu Chaomh Leam Bhith Fuireach an Uibhist Bheag Lurach. Bhiodh e ag ràdh gun d’ rinn e Deàrrsadh Gealaich air Loch Hòstadh thairis air dà oidhche ’s e anns an leabaidh na dhachaidh ann an Taigh a Gheàrraidh. Chaochail Aonghas ann an 1995.

Tha na h-òrain aige air an cruinneachadh san leabhar Beagan Bàrdachd à Uibhist a Tuath a dheasaich agus a chlò-bhuail Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath ann an 1991.

Tuilleadh fiosrachaidh mu Uibhist a Tuath