Dùil ri Rubha an Tiùmpain fhaicinn (Ceann Loch an Dùin)

Le Iain Caimbeul 

Seachdain 45 – 19.12.2020

Air a ghabhail le Màiri NicIllinnein

Tha guth anns a’ ghaoith a’ seinn gach mionaid nam chluais
Tha reultan na h-oidhche gu binn rium a’ sanais o shuas;
Tha crònan nan allt agus ceòl anns na coilltean mun cuairt
Toirt gealladh gun till mi cinnteach fhathast gu tuath.

’S ann an cois Loch an Dùin a chunnaic mo shùilean an là
Druim Oidleir dlùth ’s Allt Dìobadal lùbadh mu shàil;
Cnoc h-Ealair rim thaobh ’s an sealladh a chì thu bho bhàrr
Thar muir agus tìr, chan iarradh tu chaochladh gu bràth.

Tha sinnsribh mo rùin a bha tric air an glùin air mo sgàth
Co-shìnt’ anns an ùir ’s iad tùinte ri tuinne na tràghad,
Stuaidh uain’ a’ Chuain Sgìth gun chadal, gun sgìos, no gun tàmh
Gar fair’ air gach taobh le nuallan nach dìobair gu bràth.

Tha diadhairean naomh ann a shaothraich am fìon-lios nan Gràs
Saighdearan treun, à freumhan na Fèinne a dh’fhàs;
Feallsanaich lèirsinneach, gheurchuiseach, ealant’ nan gnàth’s
Chumadh rìoghachdan rèidh, len gliocas ’s le treuntas an làmh.

Maraichean gleust’ a’ reubadh tro dhoinninn gun sgàth,
Tro dhuibhre na Dùbhlachd, tro dhùmhlas, tro chathadh, tro chàir,
Dhèanadh loingeis a stiùireadh ’s muir-cùil gan agairt le bàs,
’S an sùil air na neòil ri reul dhèanadh iùil dhaibh gu tràigh.

Sheòladh iad cùrs’ air Arcturus tha siubhal gu dian
Air Alphacca tha dlùth do chearcal nan còig uairean deug;
Air Bhìga a’ chiùil sìor choiseachd an taobh seo a chian
’S air an Eal’ tha o thùs fa chomhair gach sùil gun dol sìos.

Air dorch-bhrat na h-iarmailt bha ’n Ceàrnan na phrìomh chomharr’ dhaibh
Is Algol an t-ìonghadh ri cuspair dorch mìorbhaileach teann;
An Grioglachan dìomhair le ciantan nan astar cho fann
’S an Tarbh allta fiadhaich le Aldebaran Rìomhach na cheann.

Air Sirius òirdheirc – bi ’n reulta bu ghlòrmhoire dhaibh
Air Castor is Pollucs bha treòireachadh Phòl feadh nan tonn;
Air Capella na mòrchuis le trì laoigh òga ri boinn,
’S air Dubhe ’s an còrr de rionnagan bòidheach a’ Chroinn.

’S e Eilean beag Leòdhais sìor àite-còmhnaidh nan sonn
Le maighdeannan stòlda nas bòidhch’ cha do choisich air fonn;
Am brìodal no ’n ceòl an coimeas no ’n seòrs’ chan eil ann
Ag èisteachd rin òran chromadh an smeòrach a ceann.

Tha cathair na h-uaisle suidhicht’ gu buadhach nan gnùis
Tha àilleantachd, stuamachd, is maise cur suas air an cliù;
Ris a’ bhochd tha iad truasail, pàirteach, neo-ghruamach ’s gach cùis
’S gheibh an aois urram liath le ceanaltas, suairceas is mùirn.

Tha stòras aig rìghrean ’s aig prionnsan na tìre tha ’n sàth
Tha diùcan na rìoghachd le mòrachd an ìmpis dol ceàrr;
Ach de sholasan saoghalt’ chan aithne dhomh aon tha cho àrd
Ri os cionn Chreig an Taoid na aig uachdar Ghràsbhal bhi ri tàmh.

Tha ’n cluaran, tha neòinean, tha ’n t-seamrag, tha ’n t-sòbhrag san fhonn
Tha ’n uiseag, tha ’n smeòrach, tha chuthag, ’s tha ’n lòn-dubh ri fonn;
Tha ’n fhaoileag, ’s an sùlair’ a’ sùgradh ri aghaidh nan tonn
’S tha uain is laoigh lùthmhor a’ mire le sùrd air gach tom.

B’ àill leam na spìosraidh, na saoibhreas nan tìrean tha blàth
Na ìbhri nan Innsean, na ’n sìoda tha ’n Sìona ri fàs;
B’ àill leam dhomh fhìn na lùchairtean rìghrean an là
’M bothan cloich agus aoil a thog m’ athair ri crìch Dhòmhnaill Bhàin.

Gheibh mi ann cainnt a bheir aighear is aoibhneas do m’ chrìdh’
A’ chainnt bh’ aig mo mhàthair a dh’àraich ’s a dh’altramas mi;
A’ chainnt a bh’ aig Fionn aig Oisean ’s aig Goll anns an t-strì
’S a bh’aig sinnsribh nan seòid sin a’ cur na Roinn Eòrpa fo chìs.

Loch an Dùin

Tha Loch an Dùin air do làimh chlì air an A866 a dol tro bhaile an Àrd san Rubha, Leòdhas. Tha dùn a bhuineas do Linn an Iarainn ann an Loch an Dùin, le cabhsair cloiche a’ dol thuige ach ’s e glè bheag dhen dùn a tha ri fhaicinn an-diugh.

An t-ùghdair

B’ ann às an Àrd a bha Iain Caimbeul, Iain Ruadh Dhòmhnaill Thormoid, is rugadh e ann an 1873. B’ e fear-teagaisg a bh’ ann agus bha e ag obair ann an Leòdhas agus an ceann a deas is air taobh sear na h-Alba.  Bhàsaich e ann an Obar Dheathain ann an 1949.

An t-òran

Tha an t-ùghdair ag ionndrainn an àite anns an d’rugadh e is e a’ cuimhneachadh air na fuaimean agus na seallaidhean agus na daoine agus an cànan air an robh e cho eòlach. Gu h-àraid tha e a’ cuimhneachadh air cho sgileil agus a bha maraichean na sgìre is tha e ag ainmeachadh cuid de na comharran-tìre a chleachdadh iad airson cumail air an cùrsa – “Beinn Bharabhais gu Ùrnabhaigh, ’s Mùirneag gu lag Bràigh na h-Aoidh’”. Tha e cuideachd ag ainmeachadh reul-bhadan is rionnagan a chleachdadh iad airson steòrnadh no cumail air an cùrsa nuair a bhiodh iad ag iasgach air an oidhche. Mar eisimpleir ’s i Acturus an rionnag as soilleire ann an leth thuath an adhair agus aon de na rionnagan as soilleire a chì sinn. ’S e Sirius an rionnag as soilleire.

Anns an dàn aige Na Reultan thug Dòmhnall Mac a’ Mhaoilein à Ceann Loch Iall cunntas air cuid de na reultan agus mar a bha iad air an cleachdadh airson an aimsir ri teachd innse.

An Rionnag Thuathach as bòidhche dreach
’S e miann gach seòldair oirre dearc;
A’ togail cùrsa don chairt-iùil dhi
Gu ailm na stiùireach a chumail ceart.

Nuair thig an Crann anns an àird an ear
Is slabhraidh cham ann an tè mu seach,
Toirt rabhaidh chinnteach gum bris na siantan
Is nach bi dìon as a’ chaladh mach.

Ma chì thu Grioglachan anns an deas
Na Fir-chlis ’s iad ag iadhadh air;
Ma chaill e chùrsa mun tig an dùdlachd
Bidh doinionn cinnteach gad chur air gheilt.

Ma chì thu ’n t-Slat is i tomhas rèidh
Fionnadh Chat a’ tighinn dlùth na dèidh;
Thig frasan gruamach le cruaidh chlach-mheallain
’S a’ bheithir lasrach thig grad san speur.

Thig Rionnag-smùid anns an àird an iar
Ma chì do shùil i am Màrt na bliadhn’,
Nì blàths deagh aimsir gach achadh tarbhach
’S bheir cluaintean arbhair gu toradh sìol.

Reul-eòlas 

Ma tha ùidh agaibh ann a reul-eòlas tha beagan sgrìobhte ann an Gàidhlig a chuidicheas sibh:

Reul-eòlas airson luchd-tòiseachaidh Pàirt 1. Gairm, àireamh 174, td 140.

Reul-eòlas airson luchd-tòiseachaidh Pàirt 2.  Gairm, àireamh 175, td 217

Reul-eòlas  – leabhar le Pàdraig Moore agus Iain A MacLeòid a dh’fhoillsich Iain A MacLeòid ann an 1997.

Na Reul-bhadan le Ruaraidh MacIlleathainn ann an Litir do Luchd-Ionnsachaidh 967, 968 agus 969:

BBC 1

BBC 2

BBC 3

Èist ri Christine Primrose a’ seinn Ceann Loch an Dùin:

YouTube