Fàilte gu Fuaran

’S e stòras de dh’òrain Ghàidhlig a th’ ann am Fuaran far am faigh a h-uile duine blasad de dhualchas nan Gàidheal a tha cho beairteach agus prìseil.


Fuaran agus Òigridh

Chaidh Fuaran a stèidheachadh le Fèisean nan Gàidheal mar phròiseact dualchais airson ginealach ùr de sheinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh gus òrain Ghàidhlig as na sgìrean aca fhèin a rannsachadh agus a chruinneachadh. Chithear bhideo gu h-ìseal le tuilleadh fiosrachaidh.

Tha còrr math is trithead neach òg aois 16-25 air pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach seinn is trèanaidh le cuid dhe na h-eòlaichean as comasaiche a th’ againn ann an saoghal na Gàidhlig.  Tha feadhainn aca air a dhol air adhart gus trèanadh agus rannsachadh na bu doimhne a dhèanamh le bhith a’ cumail agallamhan le daoine bho chaochladh choimhearsnachdan agus a’ sgrùdadh chruinneachaidhean agus ghoireasan beul-aithris.  

Tha an sgioba seo air òrain a thrusadh agus a chlàradh as ùire, a’ toirt dhuinn cruinneachadh prìseil ùr de dh’òrain Ghàidhlig.  Thathar an dòchas gum bi iad seo nan deagh ghoireas do sheinneadairean agus luchd-teagaisg, ’s gu dearbh gum bi e gam brosnachadh gus tuilleadh de dh’òrain Ghàidhlig a rannsachadh agus a chruinneachadh.

Tha diofar bhuidhnean air taic a chumail ri Fuaran agus tha sinn gu mòr an comain Maoin Dualchais a’ Chrannchuir, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Tobar an Dualchais agus Colaiste a’ Chaisteil (Àrainn Bheinn na Faoghla).  Bu thoil leinn taing mhòr a thoirt do dh’Alba Chruthachail, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson an cuid taice leantainnich a tha air leigeil leinn Fuaran a stèidheachadh.  Le taic shònraichte bho Bhòrd na Gàidhlig, tha sinn air leth toilichte gun tèid Fuaran a leasachadh agus gum faigh tuilleadh den òigridh cothrom òrain agus beul-aithris a thrusadh. 

Mu dheireadh, tha sinn fada an comain gach neach a ghabh pàirt anns a’ phròiseact agus a h-uile duine a thug seachad ùine, òrain agus sgeulachdan don òigridh.  Mìle taing dhuibh uile.


Cladaichean agus Uisgeachan 2020

Le taic bho Riaghaltas na h-Alba, bidh Fèisean nan Gàidheal a’ cur ri stòras Fuarain le òrain a tha co-cheangailte ri cuspair na bliadhna 2020 – Cladaichean agus Uisgeachan na h-Alba.  

Tha sinn ag obair leis an t-sàr eòlaiche, Jo NicDhòmhnaill agus bidh òran a’ nochdadh gach seachdain rè na bliadhna le fiosrachadh mu cò sgrìobh e, na h-àiteachan a tha air an ainmeachadh ann agus ceangal ri Fèisean san sgìre dham buin e. Bidh dealbh aig Cailean MacIlleathain an cois gach òran agus ceanglaichean ann ri clàraidhean a tha rim faighinn air-loidhne bho thùsan eile. Na b’ fheàrr buileach, bidh clàradh ùr ann de gach òran air bhideo agus faidhle-fuaim.

Tha sinn an dòchas gun còrd na h-òrain ribh agus gum faigh sibh tlachd agus eòlas às na clàraidhean agus às an fhiosrachadh a tha nan cois.