’S e stòras de dh’òrain Ghàidhlig a th’ ann am Fuaran far am faigh a h-uile duine blasad de dhualchas nan Gàidheal a tha cho beairteach agus prìseil.
Fuaran agus Òigridh
Chaidh Fuaran a stèidheachadh le Fèisean nan Gàidheal mar phròiseact dualchais a tha ag amas air brosnachadh a thoirt do ghinealach ùr de sheinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhith a’ rannsachadh is a’ cruinneachadh òrain Ghàidhlig às sgìre sònraichte neo air cuspair a thaghas iad fhèin.
Eadar 2014 is 2021, tha còrr math is 70 neach òg aois 16-25 air pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach seinn is trèanaidh le cuid dhe na h-eòlaichean as comasaiche a th’ againn ann an saoghal na Gàidhlig. Tha feadhainn aca air a dhol air adhart gus trèanadh agus rannsachadh na bu dhoimhne a dhèanamh le bhith a’ cumail agallamhan le daoine bho chaochladh choimhearsnachdan agus a’ sgrùdadh chruinneachaidhean agus ghoireasan beul-aithris.
Cluinnear cuid de na h-òrain a chruinnich an òigridh air an làrach-lìn seo. Thathar an dòchas gum bi e na deagh ghoireas do sheinneadairean agus luchd-teagaisg is duine sam bith le ùidh ann an òrain Ghàidhlig.
Tha diofar bhuidhnean air taic a chumail ri Fuaran agus tha sinn gu mòr an comain do Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Tobar an Dualchais agus Colaiste a’ Chaisteil (Àrainn Bheinn na Faoghla). Bu thoil leinn taing mhòr a thoirt do dh’Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Riaghaltas na h-Alba airson an cuid taice leantainnich.
Mu dheireadh, tha sinn fada an comain do gach neach a ghabh pàirt anns a’ phròiseact agus a h-uile duine a thug seachad ùine, òrain agus sgeulachdan don òigridh. Mìle taing dhuibh uile.
Cladaichean agus Uisgeachan 2020

Le taic bho Riaghaltas na h-Alba, bidh Fèisean nan Gàidheal a’ cur ri stòras Fuarain le òrain a tha co-cheangailte ri cuspair na bliadhna 2020 – Cladaichean agus Uisgeachan na h-Alba.
Tha sinn ag obair leis an t-sàr eòlaiche, Jo NicDhòmhnaill agus bidh òran a’ nochdadh gach seachdain rè na bliadhna le fiosrachadh mu cò sgrìobh e, na h-àiteachan a tha air an ainmeachadh ann agus ceangal ri Fèisean san sgìre dham buin e. Bidh dealbh aig Cailean MacIlleathain an cois gach òran agus ceanglaichean ann ri clàraidhean a tha rim faighinn air-loidhne bho thùsan eile. Na b’ fheàrr buileach, bidh clàradh ùr ann de gach òran air bhideo agus faidhle-fuaim.
Tha sinn an dòchas gun còrd na h-òrain ribh agus gum faigh sibh tlachd agus eòlas às na clàraidhean agus às an fhiosrachadh a tha nan cois.
