Hi Ho Ro Tha mi Duilich

Le Dòmhnall Moireasdan

Seachdain 15 – 09.04.20

Air a ghabhail le Cristin MacCoinnich

Hì ho rò tha mi duilich, tha m’ aigne fo ghruaim
Bho thàinig mi Chanada fhrasach an fhuachd
Gun chaill mi an riobhadh a bha na mo ghruaidh
’S an-diugh tha mo shnuadh air caochladh.

Tha cuimhne agam fhathast nuair bha mi glè òg
Dol suas an Stiodha dhan eaglais mhòir
Measg òigridh bha tapaidh is snasail nan dòigh
’S an-diugh tha gu leòr fon ùir dhiubh.

Tha cuimhne agam fhathast nuair bha mi leam fhìn
A-muigh as a’ mhonadh ri toirt na sgrìob
A shealltainn air mo leannan bha muigh leis an nì
Agus dùil agam fhìn a pòsadh.

Nuair thigeadh an t-earrach ’s e àm dhol dhan tràigh
Bidh iomadach bodach le chorran an sàs
Bidh iomadach bodach le chorran sna càirn
Is ìghneagan bàn an t-sùgraidh.

Nuair thigeadh an samhradh àm dhol le sprèidh
A-mach dhan a’ mhonadh fo sgàil nam beann mòr
Bidh iomadach gruagach le buarach na dòrn
Eadar Codainn na mòr bheann ’s Druim Thùsbaig.

’S iomadh langa agus bradan a thàinig dhan àite
A-steach bhon a’ Ghallan ’s bho Struthan na Steàrr
Cha robh duine as a’ bhaile nach fhaigheadh dhiubh pàirt
B’ e fasan ar n-àite bho thùs e.

Ged thillinn-sa dhachaigh a Bhaltos mo ghràidh
Chan fhaic mi na bodaich a bh’ ann na mo là
Aonghas Ruadh, Gille Moire, An Learach ’s Iain Bàn
An Gobha ’s an Tàillear Crùbach.

An t-àite

’S e leth-eilean a th’ ann a Bhaltos ann an sgìr’ Ùige Leòdhais  agus ’s e Bhaltos cuideachd an t-ainm a th’ air a’ bhaile as motha san sgìre. Bho 1999 tha an leth-eilean air a bhith leis a’ choimhearsnachd, air a stiùireadh le Urras Coimhearsnachd Bhaltois. Tha còig bailtean san sgìre – Bhaltos, Cliobh, An Cnìp, An Riof agus na h-Ùigean.

Mar iomadh sgìre eile air a’Ghaidhealtachd agus anns na h-Eileanan dh’fhuiling Bhaltos bho fhuadaichean. Mar eisimpleir,  ann an 1846 chaidh 32 teaghlaichean a chur às an Riobh agus teaghlaichean eile à Bhaltos agus às a’ Chnìp airson àite a dhèanamh do thuathanasan chaorach.  Ann an 1851 chaidh  na ceudan de mhuinntir Sgìr’ Ùig  a Chanada air dà bhàta, am Barlow agus am Marquis of Stafford. 

Ann an 1884  ghabh cuid de mhuinntir Bhaltois sealbh air eilean Phabaigh, a tha beagan cheudan mheatairean bho chladach Bhaltois. Aig an àm bha ionaltradh Phabaigh le Seumas MacCoinnich, fear-tac Lìseadar agus an Riof. Chaidh fios a chur air a’ bhàta-cogaidh Seahorse, le poilis agus saighdearan-mara air bòrd, agus chaidh ochdnar fhireannach a chur  an greim. Ged a fhuair iad binn prìosain, an dèidh ath-thagradh chaidh a bhinn a dhubhadh às.

An ath bhliadhna, chùm sianar bhoireannach crodh an fhir-tac bho dhol a Phabaigh, gnìomh a choisinn càin dhaibh.

An t-ùghdair

Rugadh Dòmhnall Moireasdan, Domhnall Mòr Iain Aonghais Ruaidh, ann an 1858, mac le Iain Moireasdan agus Seasaidh NicAmhlaigh. Bha a dhachaidh aig 3 Bhaltos. An dèidh dha a bhith an sàs ann an strì an fhearainn dh’fhàg e Ùig ann an 1886 còmhla ri co-ogha dha, Aonghas MacLeòid à Crabhlasta.  B’ ann ann a Winnipeg an Canada a rinn e an t-òran. 

An t-òran 

Tha am bàrd a’ cuimhneachadh air an sgìre ’s am baile a dh’fhàg e, na cleachdaidhean agus na daoine a tha e ag ionndrainn.   

Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu strì an fhearainn ann a Bhaltos:

Hebridean Connections

Tuilleadh fiosrachaidh mu Bhaltos agus Ùig:

Comann Eachdraidh Uig

Bhaltos Trust

Isle of Lewis.com

Virtual Heb