Fàilte oirbh gu Fuaran~

An Dàrna Shreath (2018/19)

Tha Fuaran a’ toirt cothrom dhan ath ghinealach de sheinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhith a’ rannsachadh agus a’ cruinneachadh òrain Ghàidhlig anns na sgìrean aca fhèin. 

Le taic shònraichte bho Bhòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte gu bheil an dàrna shreath de Fuaran air a chasan. Tha seachdnar òigridh Fèise le Gàidhlig aois 16-25 air trèanadh fhaighinn agus a-nis an teis-mheadhain a bhith a’ trusadh òrain agus beul-aithris. Bidh cothrom aca an uair sin na h-òrain seo a chlàradh gu proifeiseanta a chuireas ri stòras Fuaran.

Cumaibh sùil air an làrach-lìn airson na clàraidhean ùra. San eadar-ama, tha corr is fichead òrain a chaidh a thrusadh leis a’ chiad bhuidheann Fuaran ri chluinntinn air an làrach-lìn seo fhèin.

Am pròiseact

‘S e pròiseact dualchais a th’ ann am Fuaran a chuir Fèisean nan Gàidheal air dòigh gus ginealach ùr de sheinneadairean agus luchd-labhairt na Gàidhlig a bhrosnachadh gus òrain Ghàidhlig as na sgìrean aca fhèin a rannsachadh agus a chruinneachadh.

Thairis air an dà bhliadhna a dh’fhalbh tha còrr math is fichead neach òg aois 16-24 air pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach seinn is trèanaidh le cuid dhe na h-eòlaichean as comasaiche a th’ againn ann an saoghal na Gàidhlig.  Tha naoinear air a dhol air adhart gus trèanadh agus rannsachadh na bu dhoimhne a dhèanamh le bhith a’ cumail agallamhan le daoine bho chaochladh coimhearsnachd agus a’ sgrùdadh chruinneachaidhean agus ghoireasan beul-aithris.  Tha an sgioba seo air 22 òran a thrusadh agus a chlàradh as ùire, a’ toirt dhuinn cruinneachaidh phrìseil ùir de dh’òrain Ghàidhlig.

An goireas

Tha an làrach seo na eisimpleir de chuid de na chruinnich agus na chaidh a chlàradh le naoinear de na daoine a ghabh pàirt ann am Fuaran.

Air an làrach seo chithear duilleag fa-leth do gach òran le:

  • facail an òrain agus fiosrachadh ma dheidhinn
  • faidhle fuaim is an neach-rannsachaidh a’ gabhail an òrain
  • bhideo le fo-thiotalan Gàidhlig is Beurla
  • PDF dhe na facail a ghabhas sàbhaladh

Tha sinn cuideachd air mapa a chruthachadh a leigeas le daoine na h-òrain a rannsachadh a-rèir sgìre.

Thathar an dòchas gum bi iad seo nan deagh ghoireas do sheinneadairean agus luchd-teagaisg, ‘s gu dearbh gum bi e gam brosnachadh gu bhith rannsachadh agus cruinneachadh tuilleadh òrain Ghàidhlig.

Aithneachadh

Tha sinn gu mòr an comain luchd-maoineachaidh a’ phròiseict seo – Maoin Dualchais a’ Chrannchuir agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean – agus ar luchd-compàirt Tobar an Dualchais agus Colaiste a’ Chaisteil (Àrainn Bheinn na Faoghla).  Bu thoil leinn taing mhòr a thoirt do dh’ Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson an cuid taice leantainnich a tha air leigeil leinn Fuaran a stèidheachadh.

Mu dheireadh tha sinn fada an comain gach neach a ghabh pàirt anns a’ phròiseact agus a h-uile duine a thug seachad an cuid ùine, òrain agus sgeulachdan airson Fuaran – mìle taing dhuibh uile.

Funders