Loch na h-Òb

Le Dòmhnall Mac na Ceàrdaich

Seachdain 40 – 6.11.2020

Air a ghabhail le Karen Elder

Mar dheàrrsadh grèine madainn Màigh
Do sheòmair càrnadh glòir
Mar sin thig cuimhn’ air sealladh àigh
Le ùrachd gràidh gum mheòir;
Ach thar gach fleadh dom shùil a bha
Thar fuinn is sàil is neòil
Bidh spèis mo chridhe laidhe ghnàths
Air àilleachd Loch na h-Òb.

Air Loch na h-Òb tha maise naomh
Nach fhaic mi ’n taobh seo ’n fhòid
Air Loch na h-Òb tha tobar gaoil
Nas cuibhre na smaoin na h-òigh
On sgàthan nèamhaidh soilleir subhailc
On naoidhean suaineach stòld’
Ri gràs na flathas àrd tha suaip
Aig tuar-neul Loch na h-Òb.

Chan iongnadh sruthan beinn an fhraoich
Bhith ruith le caoin ghuth cheòl
Chan iongnadh bradan mear nan caol
Bhith leumnaich aotrom òg
Chan iongnadh leam an fhaoileag bhàn
Le gaol a’ snàmh gu foill
Oir ’s sonas uile dhaibh gu bràth
Bhith tàmh an Loch na h-Òb.

’S e cor na beatha dragh is streup
’S an cois an streup thig bròn
Ach chan eil galair gun a lèigh
Nan robh e lèir do ar n-eòl
An uair bhios smalan agus gruaim
A’ dubhadh duairc mo neòil
Gheibh m’ anam sonas, fois is cluain
An uaigneas Loch na h-Òb.

A Loch na h-Òb a choisinn m’ eud
Mo bheannachd fhèin ad chòir
Do shàmhchair bheannaichte ’s do spèis
Bidh ’n dlùths mo chlèibh rim bheò
Mo dhùrachd agus m’ athchuing’ bhuan
Nach tathaich truaill do chòrs’
Ach bhith nad shealladh maise ’s buaidh
Gun teirig cuairt nan lò.

An t-àite

’S e loch mara air taobh sear Bharraigh a tha ann an Loch na h-Òb. Tha i a’ sgaradh Bruairnis is Bogach bho Bhuaile nam Bodach. Bha Niall, bràthair Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich, na mhaighstir-sgoile ann an seann Sgoil a’ Mhorghain san sgìre seo agus fhuair am bàrd eòlas air an loch agus na bailtean beaga a tha dlùth dhith nuair a thug e greis ag obair còmhla ri uncail an dèidh dha an sgoil fhàgail.  

An t-òran

Chaidh Loch na h-Òb a sgrìobhadh ann an 1915 agus a’ Chiad Chogadh Mhòr a’ sìneadh dhan dàrna bliadhna. Tha am bàrd a’moladh an loch agus an àrainneachd a tha mun cuairt oirre –  àite far am faigh anam  “sonas, fois is cluain” bho “dragh is streup” na beatha.  

An t-ùghdair

Rugadh Dòmhnall Mac na Ceàrdaich san Dùbhlachd 1885 air an Leideig, faisg air Bàgh a’ Chaisteil, ann am Barraigh. Bhiodh a sheanair, Calum Mac Mhurchaidh ’ic Fhionnlaigh, a’ dèanamh òrain ged nach deach an sgrìobhadh sìos a-riamh.

Chaidh Dòmhnall dhan sgoil ann am Bàgh a’ Chaisteil agus tha e coltach gum biodh e a’ dèanamh rannan beaga èibhinn mar spòrs dha fhèin is dha na sgoilearan eile.  

An dèidh an sgoil fhàgail agus greis a thoirt ag iasgach còmhla ri athair, chaidh e a Dhùn Èideann far na dh’ionnsaich e a bhith na dhealbhaiche. B’ e sin an obair ris na lean e fad a bheatha, ag obair an toiseach dha companaidh einnseanairidh eileagtronaigeach air an robh Bruce Peebles ann an Dùn Èideann. 

Fhad ’s a bha e an Dùn Èideann, chuir Dòmhnall eòlas air sgrìobhadairean eile. A bharrachd air bàrdachd agus òrain bhiodh e cuideachd a’ sgrìobhadh aistidhean, lèirmheasan, sgeulachdan agus dealbh-chluichean dha clann agus inbhich.

Bha ùidh air leth aige anns a’ Ghàidhlig mar chànan agus nuair a bhiodh e air saor-làithean ann am Barraigh bhiodh e daonnan a’ cruinneachadh abairtean is faclan neo-àbhaisteach bho sheann daoine. 

Ghluais Dòmhnall à Dùn Èideann ann an 1912 airson a dhol a dh’obair dhan chompanaidh Metropolitan Vikers, ann an Lunnainn an toiseach agus an uairsin ann am Manchester, far na chuir e seachad an còrr dhe bheatha. Ann an 1918 phòs e Maighread Chaimbeul à Ceann Tangabhal, nighean Ruaraidh Chaluim Dhòmhnaill. Bha seachdnar chloinne aca, sianar nighean agus aon ghille.

Chaochail e ann am Manchester air 5 Cèitean, 1932, agus tha e air a thìodhlacadh an Cille Bhreanain air taobh an iar Bharraigh.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bheatha agus a chuid sgrìobhaidhean san leabhar D.M.N.C.  Sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Mhic na Ceàrdaich  a chaidh fhoillseachadh le Clàr, Inbhir Nis   2014.  

Airson an tuilleadh fiosrachaidh: 

visitouterhebrides.co.uk