Gun urra
Seachdain 1 – 01.01.2020
Air a ghabhail le Iain Mac a’ Ghobhainn
Hill ù o ro hù o
Mo rùn air na maraichean
’S e maraichean an t-sùgraidh
Bu shunndach a leanainn iad.
Hill ù o ro hù o.
Dimàirt a dh’fhàg sinn Grianaig
’S bu chianail na caileagan
A’ crathadh an cuid bhrèidean
’S sinn fhèin a’s na crannagan.
Hill ù o ro hù o.
A’ crathadh an cuid bhrèidean
’S sinn fhèin a’s na crannagan
’S e Sìne Dhonn a b’ ainm dhi
’S gu dearbh ’s math a bhaisteadh i.
Hill ù o ro hù o.
’S e Sìne Dhonn a b’ ainm dhi
’S gu dearbh ’s math a bhaisteadh i
Cha fhacas na bu bhòidhche
A’ seòladh bho acarsaid.
Hill ù o ro hù o.
Cha fhacas na bu bhòidhche
A’ seòladh bho acarsaid
’S an uair a dh’fhàg sinn Cluaidh
Bha a’ ghaoth a tuath mar chaitheadh dhi.
Hill ù o ro hù o.
An uair a dh’fhàg sinn Cluaidh
Bha a’ ghaoth a tuath mar chaitheadh dhi
’S bu chiatach leam a gluasad
A’ fuaradh air Ealasaid.
Hill ù o ro hù o.
Bu chiatach leam a gluasad
A’ fuaradh air Ealasaid
Tha Nollaig a tighinn dlùth dhuinn
Is tha Bhliadhn Ùr a’ teannadh oirnn.
Hill ù o ro hù o.
Tha Nollaig a’ tighinn dlùth dhuinn
Is tha Bhliadhn’ Ùr a’ teannadh oirnn
B’ i m’ aighear ’s mo thoil-inntinn
Air tìr san Eilean Mhanainneach.
Hill ù o ro hù o.
B’ i m’ aighear ’s mo thoil-inntinn
Air tìr san Eilean Mhanainneach
’S gur mise bhios fo leòn dheth
An seòmar an Admiral.
Hill ù o ro hù o.
Gur mise bhios fo leòn dheth
An seòmar an Admiral
’S nach fhaigh mi dhan taigh-òsta
A dh’òl leis na caileagan.
Hill ù o ro hù o
Mo rùn air na maraichean
’S e maraichean an t-sùgraidh
Bu shunndach a leanainn iad
Hill ù o ro hù o.
Na h-àiteachan:
Tha trì àiteachan air an ainmeachadh san òran – Grianaig, Creag Ealasaid agus Eilean Mhanainn.
’S e baile-puirt a th’ann an Grianaig, air cladach a deas Linne Chluaidh. Tha am baile cha mhòr air a chuairteachdh le cnuic, a’ fàgail gu bheil e a’ sgaoileadh fad ceithir mìle ris a’ chladach. Bha e na bhaile-puirt cudromach gu h-àraid anns an ochdamh san naoidheamh linn deug. ’S iomadh bàta a chaidh a thogail ann an gàrraidhean-iarainn Ghrianaig agus an-diugh bidh bàtaichean turasachd tric ga chleachdadh. ’S iomadh seòldair Gàidhealach a dh’fhàg Grianaig cuideachd, a’ falbh air bhòidseachan a bheireadh iad air falbh bhon dachaidhean uaireannan ’s dòcha airson bliadhna.
Tha grunn ainmean air Creag Ealasaid – Creag Alasdair, Ealasaid a’ Chuain, agus Alasan. Canaidh cuid Paddy’s Milestone rithe chionns gu bheil i letheach-slighe eadar Glaschu agus Beul Feirste ann an Eirinn a Tuath. Tha a’ chreag sa chuan mu dheich mìle (16cm) bho oirthir Siorrachd Àir a Deas.
’S e teàrmann eun a th’ innte an-diugh is i na dachaidh do chòrr air 70,000 eun. Nam measg tha sùlairean, eòin dubh, buthaidean, coltraichean, ruideagan agus faoileagan agus tha iad a’ tàladh luchd-turais a gheibh bàtaichean gu Creag Ealasaid gu h-àraid à Inbhir Gharbhain. Bho tràth san ochdamh linn deug tha clach-ghràin a gheibhear air Creag Ealasaid air a bhith air a cleachdadh airson cuid de na clachan-cròlaidh as fheàrr san t-saoghal a dhèanamh.
Tha Eilean Mhanainn sa Chuan Èireannach eadar Breatainn agus Èirinn. Chan eil e na phàirt den Rioghachd Aonaichte. Le riaghaltas fhein, tha e an eiseimeil a’ Chrùin coltach ri Jersey agus Guernsey. Thainig e fo smachd nan Lochlannach ann an 1079 agus tha an dìleab a dh’fhàg iad ri fhaicinn ann an ainmean-àite an eilein agus ann an ainm Parlamaid Eilean Mhanainn, an Tynewald.
Rè na linntean bha an t-eilean le Alba airson dà ghreis ghoirid, agus leis an teaghlach a thàinig gu bhith nan Iarlan Derby bho 1405 gu 1736. Ged a fhuair Breatainn sealbh air an eilean a-rithist ann an 1764 cha do rinnear e riamh na phàirt de Bhreatainn.
Chionns nach robh cìsean cuspainn cho trom san eilean ’s a bha iad an Sasainn bha mòran ga chleachdadh airson bathar de gach seòrsa, deoch làidir na mheasg, a thoirt a-steach agus a-mach a-rithist. Bha cànan Ceilteach, càirdeach do Ghàidhlig, air a bhruidhinn ann an Eilean Mhanainn gus na thòisich Beurla a’ faighinn làmh an uachdair air san fhicheadamh linn. B’ e Eideard “Ned” Maddrell, a chaochail san Dùbhlachd 1974, an duine mu dheireadh aig an robh an cànan mar chànan mhàthaireil. An-diugh tha oidhirpean gan dèanamh airson an cànan ath-nuadhachadh.
An t-òran
Tha facail an òrain bhon t-seinn aig an Urr. Uilleam MacMhathain. Tha an t-òran a’ toirt dealbh air bhòidse air bàta-siùil eadar Grianaig agus Eilean Mhanainn aig deireadh bliadhna. Chan eil an t-ùghdair idir air a dhòigh chionns “nach fhaigh mi dhan taigh-òsta, a dh’òl leis na caileagan” .
Tuilleadh fiosrachaidh mu Ghrianaig
Tuilleadh fiosrachaidh mu Chreag Ealasaid agus tron cheangal seo
Tuilleadh fiosrachaidh mu Eilean Mhanainn