Mi ’n seo air bòrd air long nan seòl

Le Dòmhnall MacNeacail 

Seachdain 13 – 25.03.2020

Air a ghabhail le Cristin MacConnich

Mi ’n seo air bòrd air long nan seòl, ’s gur brònach a tha mi
Bhon chuir mi cùl ri fearann m’ òig’ ’s gach spòrs bha na mo thìr,
Ach cha b’ e siud thug bhuam gach sòlas ’s a dh’fhàg cho brònach mi
Ach caoidh na h-òigh, Anna NicLeòid, ’s i ’n gaol a leòn mo chridh’.

Their cuid gun ghò nach aithn’ an còrr gu bheil gaol na h-òigh gun bhrìgh
Gu bheil e daonnan mar an ceò, ’s nach mair e mòran tìm,
Ach an gaol a thug mi do dh’ Anna NicLeòid nuair bha sinn òg sna glinn
Gaol brèagha, fallain, daingeann, còir, is mairidh beò rim linn.

Nach anshocair bhith air a’ chuan ri geamhradh cruaidh ’s droch shìd’
’S a’ ghaoth a’ sèideadh oirnn bhon tuath ’s mi fliuch is fuar is sgìth,
Ach bhithinn sona air bhàrr nan stuagh ged bhiodh an cuan na ghlinn
Ach thus’ a luaidh bhith fallain buan ’s do smuaintean orm fhìn.

Ma nì mi ceann a chur air cluasaig ’s uair agam dhomh fhìn
Gum bi mi bruadar ort, a luaidh, air d’ ìomhaigh ’s gruag do chinn,
A mhaighdinn uasail, mhaisich, shuairc, on tig an duanag bhinn
A mheud ’s a thug mi dhut, a luaidh, cur saighdean cruaidh nam chridh’.

’S cuimhneach leam nuair bha sinn faoin nar suidh’ air leac sa chaol
Air creagan corrach, barrach leat, ’s mi ’n taice ri mo ghaol,
Is tu nam achlais fo mo bhreacan, paisgte bhon a’ ghaoith
’S mi gabhail beachd orr’, fear ma seach, do mhodh, do dhreach is d’ aoigh. 

An t-òran

Tha mòran òrain ann an Gàidhlig a rinneadh le seòladairean.  Tha na h-òrain aca a’ toirt dealbh dhuinn air beatha an t-seòladair ri cogadh agus ri sìth, an cruadal a bha tric an cois na h-obrach, agus an cianalas a bha cho tric na lùib. Bhiodh iad air falbh bhon dachaighean fad mhìosan, uaireannan suas ri bliadhna agus còrr, gun dòigh fios a bhith aca dè bha dol aig an taigh ach ’s dòcha litir an-dràsta ’s a-rithist. Nam faigheadh iad air tìr ann am bailtean mar Wellington is Auckland ann an Sealan Nuadh, Sydney ann an Astràilia  no Bhancùbhar ann an Canada, rachadh iad a chèilidh air càirdean no Gàidheil eile agus ’s dòcha gu faigheadh iad corra naidheachd bhon taigh bhuapa. 

Aig an taigh bha an teaghlaichean eòlach air ainmean nam bàtaichean ’s ainmean chompanaidhean seòlaidh mar an New Zealand Shipping Company agus am Port Line. Bhiodh fadachd air an càirdean gus an tilleadh iad, tric as t-earrach a chuideachadh le obair an fhearainn ’s nam mònach, làn sgeulachdan mu bhailtean-puirt air feadh an t-saoghail.

Nuair a rinn e an t-òran seo, ris an can cuid Anna Nicleòid, chan eil teagamh nach robh Domhnall MacNeacail ag ionndrainn an Eilein Sgitheanaich ach cuideachd bha ionndrainn mhòr aige air Anna NicLeòid, a leannan. Chan eil a bhith aig muir idir a’còrdadh ris ach tha e ag ràdh gun cuireadh e suas le gach cruadal is gàbhadh nam biodh e cinnteach gu robh Anna a’ smaoineachadh air. 

An t-ùghdair

B’ ann à Dùn Tuilm ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a bha Domhnall MacNeacail, Dòmhnall Iain Shomhairle. Chan eil mòran fiosrachadh ri fhaotainn mu dheidhinn. A rèir choltais chuir e a’ chuid mhòr dhe bheatha seachad air falbh às an Eilean Sgitheanach, ’s dòcha ann an Glaschu. Tha e air a ràdh gun d’ rinn e mòran òrain ach chan eil ach glè bheag dhiubh air lorg an-diugh. 

Airson an tuilleadh òrain a rinneadh le seòladairean faic an leabhar Sheòl mi ’n uiridh, deasaichte le Màiri Nic a’ Ghobhainn, air fhoillseachadh le Clàr ann an 2009.