Nach Till Thu, Dhòmhnaill?

Gun Urra

Air a rannsachadh ‘s air a ghabhail le Catrìona NicNeacail

O ho ao nach till thu Dhòmhnaill?
O hi rì nach till thu Dhòmhnaill?
O ho ao nach till thu Dhòmhnaill?

Latha dhomh ’s mi falbh na mòintich,

Cha robh uisge mòr no ceò ann.

A’ ghrian gheal air aghaidh nam mòr-bheann.

Thàinig mo leannan nam chòmhdail.

Shuidh sinn air taobh cnocain bhòidhich.

Theann sinn ri mire ’s ri gòraich.

’S e thachair an sin an dò-bheart.

Bhagair e mo lèine shròiceadh.

’S rinn e leudan beag dhem chòta.

Chuir e falt mo chinn fo bhrògan.

Thug e air mo shùilean dòrtadh.

Fear ud a shiubhlas na mòintich,

Air an tig na h-airm an òrdan

Claidheamh, sgiath, bogha, ‘s dòrlach,

Fois air cheum ’s bidh sinn còmhla.

An t-òran

Fhuair mi lorg air an òran seo ann an Tobar an Dualchais fhad ’s a bha mi ag èisteachd ri òrain a chaidh a chlàradh le Donnchadh mac Dhòmhnaill ‘Ic Dhonnchaidh, clachair à Peighinn nan Aoireann ann an Uibhist a Deas. Bha Donnchadh mac Dhòmhnaill ainmeil airson nan sgeulachdan aige.

Às dèidh dha coinneachadh ri Calum MacGill’Eathain, a bha a’ cruinneachadh beul-aithris do Sgoil Eòlas na h-Alba, bhiodh mòran dhaoine a’ dol air chèilidh air airson nan sgeulachdan aige a chlàradh. Mar eisimpleir, chlàir an t-Ollamh Iain Latharna Caimbeul na h-òrain aige. Tha an t-uabhas chlàraidhean de Dhonnchadh aig Tobar an Dualchais.

’S e òran luaidh a tha seo mu dheidhinn tè a tha a’ falbh dhan mhòintich airson coinneachadh ri fear air a bheil gaol aice. Tha iad càirdeil aig an toiseach ach an uair sin dh’èignich e i.

Tha tionndadh den òran seo am measg nan òran a tha anns an leabhar Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair, a chaidh a chruinneachadh le K.C Craig. Chaidh Màiri Nighean Alasdair (Màiri NicDhòmhnaill, 1867-1954), a thogail ann an Uibhist a Deas agus b’ e co-ogha do Dhonnchadh a bh’ innte. Chan eil fios cò rinn an t-òran ach tha mi air tionndaidhean eile den òran seo a chluinntinn far a bheil iad ag ainmeachadh Cnòideart agus ainmean-àite san Eilean Sgitheanach.

Catrìona NicNeacail, 2019

Aithneachadh

Air a chlàradh aig The Green Door Studio, Glaschu
Air fhiolmadh aig Ionad Clò-Bhualaidh na Gàidhealtachd, Inbhir Nis
Air fhiolmadh le Mike Webster, Spiral Out Pictures
Maise-gnùis Angel Beauty Salon, Inbhir Nis